Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Chaidh am
fear a bu shine de mhic an rìgh a-null gu taigh na h-Iochlaich Ùrlair. ‘Tha
mo mhuime ag iarraidh na cìre mìne,’ thuirt e.
‘Gheibh thu sin, a mhic màthair mo ghaoil agus athair mo ghràidh!’ ars a’
bhana-bhuidseach, ‘Is tric a bha mi ag imlich nam miasan ʼs nam poitean aig
teine d’ athar. Seall – siud a’ chìr mhìn aig bonn na beingidh.’
Chaidh an gille a-null agus chuir e a làmh air a’ chìr. Ach thug an
Iochlach Ùrlair slaic air a dhruim le a slacan draoidheil agus leum an
gille na chù glas a-mach air an uinneig.
Leis nach do thill e, dh’iarr a’ bhanrigh air an dàrna gille a dhol a-null
agus a’ chìr mhìn a thoirt air ais. Chaidh e ann. ‘Tha mo mhuime ag
iarraidh na cìre mìne,’ thuirt e.
‘Gheibh thu sin, a mhic màthair mo ghaoil agus athair mo ghràidh!’ thuirt
a’ bhana-bhuidseach. ‘Is tric a bha mi ag imlich nam miasan ʼs nam poitean
aig teine d’ athar. Seall – siud a’ chìr mhìn aig bonn na beingidh.’
Chaidh an dàrna gille a-null agus chuir e a làmh air a’ chìr. Ach thug an
Iochlach Ùrlair slaic air a dhruim le a slacan draoidheil. Leum an gille na
chù glas a-mach air an uinneig. Thachair an dearbh rud don treas gille.
Nise, bha an nighean air a h-uile rud fhaicinn bhon uinneig aice. Chaidh i
fhèin a-null. Nuair a thog a’ bhana-bhuidseach an slacan draoidheil, ghabh
an nighean grèim air a làimh. Spìon i a làmh on ghàirdean aice. An uair
sin, dh’fhalbh i a lorg a bràithrean a bha a-nise ann an riochd chon glasa. An dèidh greis, lorg i taigh.
Cha robh duine a-staigh ach bha teine guail ann. Bha clobha a’ ruith
timcheall an teine, a’ togail a h-uile sradag a thuiteadh às.
Cha robh an nighean ann fada nuair a thill bean an taighe. B’ ise Bean a’
Chòta Chaoil Uaine. ‘Dè do naidheachd?’ dh’fhaighnich i.
‘Chan eil naidheachd agam,’ fhreagair nighean an rìgh. ‘A bheil gin agad
fhèin?’
‘Chunnaic mi do thriùir bhràithrean, agus iad nan coin ghlasa,’ arsa Bean
a’ Chòta Chaoil Uaine.
‘Tha an t-àm agam falbh, feuch am faic mi iad,’ thuirt nighean an rìgh.
‘Chan eil,’ fhreagair an tè eile. ‘Fan an seo a-nochd.’
An ath-mhadainn, dh’iarr an nighean stiùireadh air an rathad. ‘Thoir a’
bhròg seo leat,’ arsa Bean a’ Chòta Chaoil Uaine. ‘Cumaidh i air an rathad
cheart thu. Nuair a ruigeas tu taigh seann duine mòr, tionndaidh a’ bhròg
an rathad seo agus tillidh i dhachaigh leatha fhèin.’
ʼS e sin a rinn an nighean. Ràinig i taigh an t-seann duine mhòir.
Thionndaidh i a’ bhròg an taobh a thàinig i. Dh’fhalbh a’ bhròg dhachaigh
leatha fhèin. Chaidh an nighean a-steach.
‘Dè an naidheachd a th’ aig a’ bhana-choigrich?’ dh’fhaighnich an seann
duine.
‘Chan eil gin,’ fhreagair ise, ‘mura faigh mi bhuaibh fhèin i.’
‘Tha aon naidheachd agamsa,’ dh’aidich an seann duine. ‘Tha do thriùir
bhràithrean a’ gabhail còmhnaidh anns an uaimh ud thall.’
‘Ciamar a gheibh mi dhan ionnsaigh?’ dh’fhaighnich an nighean.
‘Tha sreang chaol chainbe agam,’ thuirt an seann duine. ‘Gabh grèim oirre.’
Agus chì sinn an-ath-sheachdain mar a lorg i a bràithrean.