Halò, a-rithist. Anns na seachdainean romhainn, tha mi a’ dol a dhèanamh
    sreath Litrichean air na Ceiltich. Bidh fios agaibh gur e cànan Ceilteach a
    th’ anns a’ Ghàidhlig. Uaireigin, bha na Ceiltich nan sluagh cumhachdach a
    bha a’ fuireach thairis air mòran sgìrean anns an Roinn Eòrpa. Bheir sinn
    sùil orra anns na seachdainean air thoiseach oirnn.
    Thathar a’ smaoineachadh gun robh na Ceiltich – feadhainn aig an robh cànan
    Ceilteach – mu-thràth rin lorg ann am mòran cheàrnaidhean anns an ochdamh
    linn ro Chrìosd. Bha iad ann ri Linn an Umha agus ri Linn an Iarainn – ann
    am meadhan na Roinn Eòrpa, far a bheil an Fhraing an-diugh agus ann am
    Breatainn is Èirinn.
    Tha mi airson ar n-eachdraidh a thòiseachadh anns a’ bhliadhna trì cheud is
    naochad (390) ro Chrìosd. Aig an àm sin, bha na Ceiltich ann am meadhan na
    mòr-thìr an sàs ann an eilthireachd. Chaidh feadhainn tarsainn nam Beanntan
    Ailpeach gu ruige far a bheil ceann a tuath na h-Eadailt an-diugh. Lean iad
    orra agus rinn iad sgrios air baile air a bheil sinn uile eòlach – An
    Ròimh. Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do chuir na Ròmanach
    romhpa an uair sin a bhith cho làidir ʼs nach dèanadh treubhan Ceilteach
    sgrios orra mar sin tuilleadh.
    Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do lagaich na Ceiltich cultar
    is eaconamaidh nan Eatruscanach. B’ e sin sluagh cumhachdach a bha a’
    fuireach gu tuath air an Ròimh. Agus bha treubhan Ceilteach cuideachd a’
gluasad gu sear. Bha tosgairean Ceilteach ann an cùirt    Alasdair Uaibhrich, rìgh ainmeil Mhasadoinia. Chaidh iad
    cho fada ris a’ Mhuir Dhubh agus dh’fheuch iad ri faighinn a-steach a
    cheann a deas na Grèige ann an dà cheud, seachdad ʼs a naoi (279) RC.
    Chaidh an armailt aca cho fada ri Delphi, baile ainmeil naomh. Bha iad ag
    amas air an stuth phrìseil a bh’ air a chumail sa bhaile sin fhaighinn
    dhaibh fhèin. Chan eil e soilleir dè thachair. Tha cunntasan anns a’ Ghrèig
    gun do rinn cur is cathadh agus maoimean-slèibhe dìon air a’ bhaile. Tha
    cunntasan eile ann gun robh na Ceiltich soirbheachail agus gun tug iad
    ulaidh leotha gu na dùthchannan aca fhèin.
    Ge brith dè thachair, cha do dh’fhuirich na Ceiltich anns a’ Ghrèig. Bha na
    Greugaich a’ toirt ionnsaigh orra fad na h-ùine, chaill iad an ceannard aca
    agus chaidh iad an comhair an cùil air ais gu na
    dùthchannan Ceilteach.
    Ach thachair rudeigin eile a lagaich armailt nan Ceilteach anns a’ Ghrèig.
    Dh’fhalbh mòran dhiubh – timcheall air fichead mìle uile-gu-lèir – gu ruige
    Anatoilia, seach a bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig. ʼS e Anatoilia
    dùthaich mhòr ris an canadh na Ròmanaich Asia Minor. An-diugh tha
    e anns an Tuirc.
    Carson a chuir na Ceiltich seo romhpa a dhol gu Anatoilia, ge-tà? Uill,
    fhuair iad cuireadh a dhol ann. Bha Rìgh Greugach ann an Anatoilia – fear
    Nicomedes I, Rìgh Bhithynia. Thug esan cuireadh do na Ceiltich sin a dhol
    tarsainn a’ chaolais faisg air Byzantium (far a bheil Istanbul an-diugh),
    agus leantainn orra gu meadhan Anatolia. Bha trì treubhan mòra ann – na
    Tolistobogii, na Tectosages agus na Trocmi – agus treubhan beaga a
    bharrachd, ach bha an aon chànan aca – cànan Ceilteach. Thug iad an ainm
    don sgìre anns an do rinn iad tuineachadh – Galatia.