949: Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1)
Anns an Litir mu dheireadh, bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom a th’ air a thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill ann an Loch Abar. Tha bàrd ainmeil eile air a thiodhlacadh anns an dearbh àite. B’ esan Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn. Sgrìobh e an dàn ainmeil ‘Òran na Comhachaig’ aig deireadh an t-siathamh linn deug.
Dh’ainmich mi Iain Beag Dòmhnallach aig an robh beul-aithris mu Iain Lom. Bha beul-aithris aige mu Dhòmhnall cuideachd agus thug e sin do Chalum MacGill-Eain, am fear-cruinneachaidh beul-aithris. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dà naidheachd mu Dhòmhnall.
Bha Dòmhnall a’ fuireach aig ceann Loch Trèig. Bha e sgileil leis a’ bhogha is saighead. Cha robh mòran anns an dùthaich ri linn na b’ fheàrr na e air an t-saighead. Ghabh e cuairt a dh’Earra-Ghàidheal a dh’fhaicinn dè seòrsa dùthaich a bh’ innte. A bharrachd air a bhith na bhàrd, bha Dòmhnall na shealgair. Agus dè chunnaic e ann an Earra-Ghàidheal ach damh-fèidh cho brèagha ’s a chunnaic e riamh.
Bha de mheas aige air marbhadh nam fiadh , ʼs gun do dh’fheuch e an t-saighead. Mharbh e am beathach. Ach dh’inns muinntir an àite don cheann-chinnidh aca gu dè bh’ air tachairt. Duine sam bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris. Ach chaidh innseadh don cheann-chinnidh gun do rinn Dòmhnall urchair iongantach leis an t-saighead agus gum bu shealgair math e.
‘Uill,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘bidh e math nam chuideachd, ma thig na nàmhaidean teann orm. Agus feuchaidh mi ri a bhreugadh cho math ʼs as urrainn domh, feuch an cùm mi e dhomh fhìn.’
Thugadh Dòmhnall air beulaibh a’ chinn-chinnidh. ‘Chuala mi,’ thuirt am bodach, ‘gun robh thu feadh a’ mhonaidh.’
‘Bha,’ thuirt Dòmhnall.
‘Mharbh thu fiadh is tha sin nad aghaidh. Ach gheibh thu maitheanas ma dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn.’
‘Fanaidh,’ dh’aontaich Dòmhnall.
Dh’fhuirich e ann dreis. Ach bha e a’ fàs sgìth dheth. Chaidh e chun a’ chinn-chinnidh is thuirt e ris, ‘Tha mi a’ falbh. Chan eil mi a’ dol a dh’fhuireach an seo tuilleadh.’
‘O! tha mi glè dhuilich,’ thuirt an ceann-cinnidh. ‘Bheir mi dhut an còrr talamh.’
‘B’ fheàrr aon sgrìob taobh Loch Trèig,’ arsa Dòmhnall, ‘ na na bheil agad uile.’
Dhealaich iad. Chaidh Dòmhnall an-àirde do Loch Trèig a dh’fhuireach.
Latha a bha seo, bha Dòmhnall air a’ Bheinn Bhric anns a’ Choire Odhar. Bha a’ bhana-bhuidseach, Cailleach na Beinne Brice, a’ fuireach an sin cuide ri a h-aighean. Bhiodh i a’ bleoghann nan aighean agus a’ dèanamh gruth is ìm is càise airson reic. Bha agh shònraichte aice ris an abradh iad ‘an agh bhàn’. Chunnaic a’ Chailleach Dòmhnall a’ tighinn a-staigh air na h-aighean agus chuir i stad air.
‘Dè tha a dhìth ort?’ dh’fhaighnich i.
‘An tè bhan a tha sin,’ thuirt Dòmhnall.
‘Chan fhaigh thu an tè bhàn,’ ars ise.
‘Gheibh,’ thuirt esan.
‘Chan fhaigh,’ ars ise. ‘Fàg an tè bhàn,’ thuirt i, ‘is bheir mi dhut guidhe sam bith a tha a dhìth ort.’
Choimhead e air na h-aighean. ‘An toir thu an t-sròn dhiubh,’ thuirt e.
‘Bheir mi sin, a Dhòmhnaill,’ thuirt a’ Chailleach.
Agus thathar ag ràdh nach d’ fhuair agh riamh on latha sin gaoth air Dòmhnall MacFhionnla’, an sealgair.
Faclan na Litreach: comhachag: owl; dà naidheachd: two anecdotes; Earra-Ghàidheal: Argyll; sealgair: hunter; damh-fèidh:red deer stag; dreis: a while; sgrìob: strip [of land]; dhealaich: parted, separated; Cailleach na Beinne Brice: the hag of the speckled mountain.
Abairtean na Litreach: sgileil leis a’ bhogha is saighead: skilful with [the] bow and arrow; cha robh mòran anns an dùthaich ri linn na b’ fheàrr na e: there weren’t many in the country in his day that were better than him; duine sam bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris: anyone who killed a deer in those days, it’s the gibbet that was awaiting him; gun do rinn Dòmhnall urchair iongantach leis an t-saighead agus gum bu shealgair math e: that Donald made a great shot with the arrow and that he was a good hunter; bidh e math nam chuideachd, ma thig na nàmhaidean teann orm: he’ll be good in my company if [my] enemies come close to me; feuchaidh mi ri a bhreugadh: I’ll try to flatter him; air beulaibh a’ chinn-chinnidh: in front of the clan chief; tha sin nad aghaidh: that’s against you; gheibh thu maitheanas ma dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn: you’ll receive forgiveness if you remain on my land; a’ dol a dh’fhuireach an seo tuilleadh: going to live here any longer; a’ bleoghann nan aighean: milking the hinds; gruth is ìm is càise: crowdie and butter and cheese; agh shònraichte ris an abradh iad ‘an agh bhàn’: a special hind they called ‘the fair hind’; dè tha a dhìth ort?: what do you want?; bheir mi dhut guidhe sam bith:I’ll grant you anything; an toir thu an t-sròn dhiubh: will you take the nose(s) off them; nach d’ fhuair agh riamh gaoth air X: that no hind ever got wind of X
Puing-chànain na Litreach: Bha de mheas aige air marbhadh nam fiadh : he had such a love of killing [the] deer. De ‘of’ is a simple preposition which lenites a following noun. In this construction it is very useful but note that it usually needs to be followed by a clause (often starting with agus or its reduced form is/ʼs to round it off. Here is another example: bha de mhisneachd aige ʼs nach robh e uair sam bith a’ gabhail eagal ‘he had so much confidence that he was never afraid.’
Gnàthas-cainnt na Litreach: B’ fheàrr taobh Loch Trèig na na bheil agad uile: [I’d] prefer the side of Loch Treig to all you have.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 645
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn