FaclairDictionary EnglishGàidhlig

942: Mar a Thàinig an Guirmean a dh’Alba (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mar a Thàinig an Guirmean a dh’Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Am faca sibh riamh am film ‘Braveheart’? Tha fhios a’m ... cha robh Uilleam Uallas riamh a’ fuireach ann an Gleann Nibheis nam beann. Agus cha robh e a’ coimhead coltach ri Liam Neeson nas motha. Dè? O, gabhaibh mo leisgeul – sin film eile nach robh a’ riochdachadh eachdraidh na h-Alba gu fìrinneach! Aidh, ʼs e Mel Gibson a bh’ ann am Braveheart! O, uill!

An do mhothaich sibh uiread de stuth gorm a bh’ air aodann Ghibson sa film? Chan eil fhios agam dè an stuth a bhios luchd-maise nam filmichean a’ cleachdadh, ach anns an t-seann aimsir, ʼs e guirmean a bh’ ann. Woad ann am Beurla.

A bheil sibh eòlach air an lus? ʼS e Isatis tinctoria a chanas luchd-saidheans ris. Guirmean no glas-lus ann an Gàidhlig. Chan eil e dùthchasach do dh’Alba. Buinidh e do dhùthchannan timcheall na Mara Meadhan-tìrich. Tha e anns an aon teaghlach ri càl agus an lus-ola. Coltach ris an lus-ola, thig flùraichean brèagha buidhe air anns a’ Chèitean. Tha fàileadh cùbhraidh air na flùraichean agus tha seilleanan gu math measail orra.

ʼS e lus dà-bhliadhnach a th’ anns a’ ghuirmean. An toiseach tha e coltach ri bloinigean-gàrraidh, no spinach. Tha e ìosal le tòrr dhuilleagan air. ʼS ann aig an ìre sin a tha na duilleagan feumail airson dath guirm a chur ann an clò. Anns an dàrna bliadhna, nuair a nochdas na flùraichean, bidh e a’ fàs gu h-àrd, agus chan eil e gu feum airson dathadh.

Tha daoine air a bhith a’ cleachdadh a’ ghuirmein airson dathadh airson mìltean bhliadhnaichean. Bha na seann Èipheitich eòlach air agus chaidh a lorg ann an clò a rinn iad còrr is ceithir mìle bliadhna air ais. Sgaoil e don Roinn Eòrpa agus cho fada tuath ri Lochlann. Bha e air a chleachdadh leis na seann Bhreatannaich agus, ʼs dòcha, na Cruithnich cuideachd. Anns na meadhan-aoisean, bha gnìomhachas mòr anns an Fhraing, stèidhichte air a’ ghuirmean. Ach thàinig lus ùr a-steach don Roinn Eòrpa – guirmean Innseanach – no indigo. Thàinig e às na h-Innseachan. Agus bha sin ʼs dòcha na b’ fheàrr airson clò a dhathadh gorm.

O chionn ghoirid, thàinig mi tarsainn air seann sgeulachd Ghàidhlig mu dheidhinn mar a thàinig an guirmean a dh’Alba an toiseach. Faodaidh sibhse co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù gur e an guirmean no an guirmean Innseanach a th’ anns a’ chunntas. Agus, co-dhiù tha i fìor gus nach eil, chan urrainn dhomh a ràdh.

Bha dìlleachdan beag ann am Barraigh. A h-uile latha bhiodh e a’ dol sìos chun a’ chladaich. Latha de na làithean, chunnaic e bàta mòr le siùil a’ tighinn a-staigh. Bha i ann beagan làithean agus an uair sin bha i a’ dèanamh deiseil gus falbh. ‘O,’ thuirt an gille ris fhèin, ‘Is math an teansa dhomh fhìn falbh air a’ bhàta a tha seo.’ Chaidh e air bòrd agus chaidh e am falach. Thug e leis beagan bìdh.

Thog am bàta a h-acraichean agus chuir i suas na siùil. Sheòl i air falbh. Nuair a fhuair an criutha a-mach gun robh an gille air bòrd, chaidh iad chun an sgiobair. Aig an àm sin, duine sam bith a bh’ air bòrd bàta gun chead, bha e air a chur thar a’ chliathaich. B’ e sin an lagh. Ach innsidh mi dhuibh dè thachair don ghille an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach : guirmean, glas-lus: woad; anns a’ Chèitean: in May; dà-bhliadhnach: biennial; bloinigean-gàrraidh: spinach; Cruithnich: Picts; guirmean Innseanach: indigo; dìlleachdan: orphan; Barraigh: Barra.

Abairtean na Litreach: Gleann Nibheis nam beann: Glen Nevis of the mountains; gabhaibh mo leisgeul: excuse me; a’ riochdachadh eachdraidh na h-Alba: representing the history of Scotland; uiread de stuth gorm a bh’ air aodann Ghibson: the amount of blue stuff that was on Gibson’s face; luchd-maise nam filmichean: film beauticians; buinidh e do dhùthchannan timcheall na Mara Meadhan-tìrich: it belongs to countries around the Mediterranean Sea; an aon teaghlach ri càl agus an lus-ola: the same family as cabbage and rape; tha fàileadh cùbhraidh air na flùraichean: the flowers have a pleasant fragrance; tha na duilleagan feumail airson dath guirm a chur ann an clò: the leaves are useful for dyeing cloth blue; bha na seann Èipheitich eòlach air: the Ancient Egyptians were familiar with it; sgaoil e don Roinn Eòrpa agus cho fada tuath ri Lochlann: it spread to Europe and as far north as Scandinavia; às na h-Innseachan: from India; thàinig mi tarsainn air seann sgeulachd Ghàidhlig: I came across an old Gaelic story; latha de na làithean: one day; bha i ann beagan làithean: she was there for a few days; chaidh e am falach: he hid; thug e leis beagan bìdh: he took a little food with him; thog am bàta a h-acraichean: the boat lifted her anchors; chuir i suas na siùil: she raised the sails; sheòl i air falbh:she sailed away; duine sam bith a bh’ air bòrd bàta gun chead: any person that was on board a boat without permission; bha e air a chur thar a’ chliathaich: he was put over the side; b’ e sin an lagh: that was the law.

Puing-chànain na Litreach: sìos chun a’ chladaich: down to the shore. Chun takes the genitive case so that is why it is a’ chladaich rather than an cladach or a’ chladach. Here are other examples – tha mi a’ falbh chun a’ bhaile; togaidh mi mo shùilean chun nam beann; ma thig tsunami, teich chun na dùthcha .

Gnàthas-cainnt na Litreach: Is math an teansa dhomh fhìn : I’ve got a good chance.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 638

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean