Bha mi ag innse dhuibh mu Choire Bhreacain, an cuairt-shruth ainmeil eadar
    Sgarba agus Diùra. Tha e faisg air Cnoc an t-Sabhail, an t-àite ann an
Diùra far an do sgrìobh George Orwell an nobhail aige 1984. Ach    cha mhòr nach deach Orwell a bhàthadh ann an Coire
    Bhreacain mus robh 1984 deiseil aige. Seo mar a thachair e.
    B’ e a’ bhliadhna 1947. Bha càirdean aig Orwell air a dhol a dh’fhuireach
    còmhla ris as t-samhradh. Agus latha a bha seo, thug Orwell cuireadh dhaibh
falbh còmhla ris ann am bàta. Bha a phiuthar agus a cuid cloinne ann,    a’ gabhail a-steach an fhir as òige, Ricky, nach robh ach
    trì bliadhna a dh’aois. B’ e ainm ceart Orwell ‘Eric Blair’ agus bha a’
    chlann gu math measail air ‘Uncail Eric’.
    Tha e coltach gu robh Orwell eòlach air bàtaichean. Ach ʼs dòcha nach robh
    e toinisgeil gu leòr. Dh’fhàg e an taigh gun fios a bhith aige mun
    tìde-mhara agus cuin a bhiodh an sruth-mara cunnartach. Agus cha robh
    seacaidean-sàbhalaidh air duine aca. Nuair a ràinig iad an caolas, bha
    suaile mhòr ann agus bha am bàta a’ tulgadh gu dona. Chunnaic iad Coire
    Bhreacain. Bha an t-uisge a’ dol mun cuairt mar an donas.
    A bharrachd air Coire Bhreacain fhèin, tha cuairt-shruthan eile timcheall
a’ chaolais. Agus tha iad fhèin làidir. Ged a bha einnsean    outboard air a’ bhàta, cha robh e neartmhor gu leòr, agus ghabh
    cuairt-shruth grèim orra. Chaidh am bàta mun cuairt mar aodach ann an
    inneal-nighe agus ghabh a h-uile duine air bòrd eagal am beatha.
    Bha am bàta air a thilgeil suas is sìos le neart. Bha na tuinn mu dheich
    troighean a dh’àirde. Gu h-obann, leum an t-einnsean far deireadh a’ bhàta.
    Agus sìos leis don aigeann. Bha iad a-nise gun einnsean agus ann an cunnart
    am beatha. ‘Dh’fhalbh an t-einnsean,’ thuirt Uncail Eric ri càch gu
    socrach. ‘Feumaidh sinn na ràimh a thoirt a-mach. Chan urrainn dhomh mòran
    a dhèanamh, tha eagal orm.’ Feumaidh gun robh e a’ ciallachadh nach robh e
    làidir gu leòr airson am bàta iomradh. Mar sin, ʼs e Eanraig, mac a
    pheathar, a thog na ràimh.
    Fhuair iad faisg air eilean beag creagach agus leum Eanraig a-mach le
    ròp-toisich a’ bhàta na làimh. Fhad ʼs a bha e a’ dèanamh air talamh
    tioram, thug am bàta car. Bha a h-uile duine eile a-nise fo shlige a bhàta,
    a bha bun-os-cionn. Ach fear an dèidh a chèile, nochd a h-uile duine air
    uachdar. Cha robh aca ach am bàta, aon ràmh agus slat-iasgaich.
    Gu fortanach an dèidh uair a thìde gu leth, chunnaic bàt’-iasgaich iad. Bha
    iad ag iasgach ghiomach. Chaidh iad faisg air an eilean, agus thilg an
    criutha ròp gu tìr. ʼS ann air an ròp a fhuair Orwell agus a chàirdean don
    bhàt’-iasgaich. Thug Orwell Ricky air a dhruim.
    Tha beachd ann gun do ghiorraich an gnothach beatha Orwell. Goirid an dèidh
    na tubaist ann an Coire Bhreacain, ghabh e a’ chaitheamh agus b’ fheudar
dha dhol don ospadal. Thill e a Dhiùra agus chuir e crìoch air    1984 anns an Iuchar 1948. Tha saoghal an litreachais taingeil nach
    d’ fhuair Orwell bàs ann an Coire Bhreacain a’ bhliadhna roimhe.