FaclairDictionary EnglishGàidhlig

908: Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar. ʼS e baile snog a th’ ann ach, an coimeas ris an Aghaidh Mhòir an latha sin, bha e uabhasach fhèin sàmhach. Cha bhi mòran luchd-turais a’ stad ann, a rèir choltais.

Co-dhiù, stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail agus chunnaic mi sanas air togalach air an àrd-shràid. Bha e a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean anns a bheil Dòmhnall Phàil tiodhlaicte. Uill, cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh sùil a thoirt air a’ chladh.

Eadhon do Ghàidheil nach buin do Bhàideanach – mar mi fhìn – tha sinn eòlach air an duine mar ‘Dòmhnall Phàil’. ʼS e Dòmhnall Caimbeul a bh’ air mar ainm oifigeil. Tha e aithnichte mar ‘Bhàrd Cheann a’ Ghiùthsaich’. Agus tha e ainmeil air feadh na Gàidhealtachd mar ùghdar an òrain ‘ Guma Slàn do na Fearaibh’. A bheil sibh eòlach air? Seo a’ chiad trì rannan dhuibh.

Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain, Gu talamh a’ gheallaidh, Far nach fhairich iad fuachd, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Guma slàn do na mnathan, Nach cluinnear an gearan, ʼS ann thèid iad gu smearail, Gar leantainn thar ʼchuain. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

ʼS na nìghneagan bòidheach, A dh’fhalbhas leinn còmhladh, Gheibh daoine ri ʼm pòsadh, ʼChuireas òr nan dà chluais. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Tuigidh sibh gu bheil am bàrd a’ leigeil soraidh le feadhainn a tha a’ fàgail Bhàideanach. Tha iad a’ falbh thar a’ chuain gu ruige Sydney ann an Astràilia.

Tha Tòmas Sinton ag innse dhuinn mun òran anns an leabhar aige The Poetry of Badenoch. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Dh’fhalbh mòran à Ceann a’ Ghiùthsaich gu ruige an t-Òban far an robh an soitheach, St George, a’ feitheamh. Tha astar mòr ann eadar Ceann a’ Ghiùthsaich agus an t-Òban, agus chaidh na daoine ann ann an cairtean.

Bha sluagh mòr ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an latha a dh’fhalbh iad. Chan e a-mhàin gun robh càirdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha, ach gun robh mòran a’ cruinneachadh airson Fèill Chaluim Chille. B’ e an fhèill sin latha mòr do mhuinntir Bhàideanach. Bhiodh iad a’ tighinn cruinn còmhla ann an Ceann a’ Ghiùthsaich.

Air an latha sin, tha Sinton ag innse dhuinn, chaidh an sluagh, agus luchd-ciùil nam measg, gu mullach na Creige Bige, an cnoc os cionn a’ bhaile. Bha na deòir a’ ruith, agus daoine a’ fàgail dùthaich an àraich agus an dlùth-chàirdean, agus fios aca nach fhaiceadh iad a-rithist iad.

Agus an robh iad a’ falbh gu ‘talamh a’ gheallaidh’? Uill, bha feadhainn gu math soirbheachail ach bha feadhainn nach robh beò fada thall ann an Astràilia. Bha a sgeul fhèin aig gach duine. Bha Dòmhnall Phàil fhèin an dùil leantainn orra, ach cha do lean. Bheir sinn sùil a bharrachd air an-ath-sheachdain ach, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann eile aige:

Gheibh sinn aran is ìm ann, Gheibh sinn siùcar is tì ann, ʼS cha bhi gainne oirnn fhìn, San tìr sa bheil buaidh, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Faclan> na Litreach: Ceann a’ Ghiùthsaich: Kingussie; tiodhlaicte: buried; mnathan: wives, women; nìghneagan: maidens, girls; soitheach: vessel; Fèill Chaluim Chille: St Columba’s feast-day (9 June); deòir: tears.

Abairtean na Litreach: : an coimeas ris an Aghaidh Mhòir: compared to Aviemore; stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail:I myself stopped there to get a bite to eat; a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean: advertising a cemetery behind the houses; cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh: I jumped at the chance; nach buin do Bhàideanach:who don’t belong to Badenoch; thèid thairis a’ chuain: who’ll cross the ocean; talamh a’ gheallaidh:the country of promise; far nach fhairich iad fuachd: where they won’t feel cold; nach cluinnear an gearan:no complaint will be heard; thèid iad gu smearail, gar leantainn thar ʼchuain: they will go heartily, following us across the ocean ; gheibh daoine ri ʼm pòsadh a chuireas òr nan dà chluais: who’ll get men to marry them who’ll give them ear-rings of gold; a’ leigeil soraidh le: saying farewell to; ann an cairtean: in carts; chan e a-mhàin gun robh càirdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha: not only were relatives of the emigrants there to farewell them; gu mullach na Creige Bige: to the summit of the Creag Bheag; a’ fàgail dùthaich an àraich: leaving the country of their upbringing; nach robh beò fada: that weren’t alive long; bha X an dùil leantainn orra: X was expecting to follow them; cha bhi gainne oirnn fhìn san tìr sa bheil buaidh: we shall suffer no want in the land of bounty.

Puing-chànain na Litreach: Guma Slàn do na Fearaibh: A health to the men. If Dòmhnall Phàil were writing today, he would undoubtedly have written ‘Guma slàn do na fir’ – which would have upset the rhythm and phraseology of the song (perhaps he’d have changed it to ‘gaisgich’!) Fearaibh is an example of the dative plural form of a noun (commanded by the simple preposition ‘do’). This inflection was still common enough in the early 19 th Century but appears to have been considered old-fashioned, even archaic, by the end of the century, the dative plural then (as now) becoming identical in form to the nominative plural. To create the old dative plural, add -ibh or -aibh to the nominative singular form of the noun. It could be useful if you want to represent old-fashioned speech or ‘Gàidhlig na cùbaid’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gu ruige an t-Òban : to Oban [note that gu ruige takes the nominative].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 604

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean