FaclairDictionary EnglishGàidhlig

907: Iain Spàinnteach (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain Spàinnteach (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spàinnteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Thachair e ri fear ann an Toirbheartan a bha an làthair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe. Tha Iain ag innse dhuinn gun do chuir e an duine air a dhruim dìreach agus gun do theich e air ais don dùthaich aige fhèin.

Chuir e ri chèile buidheann de chòignear ghaisgeach agus thill iad do thaigh Chailein Deirg ann an dùthaich ʼic Coinnich. Ach b’ aithne do Chailean fàth a thurais agus bha ceathrad fear armaichte aige. ‘Tha an t-airgead air a chaitheamh,’ thuirt e ri Iain.

‘Ma tha an t-airgead air a chaitheamh,’ ars Iain, ‘tha duais ann dhaibhsan a chaith e.’

‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘A’ chroich,’ fhreagair Iain.

Leis a sin, dh’èirich sluagh Chailein. Bha iad a’ maoidheadh air Iain agus tharraing e a ghunna agus a bhiodag. Ach fhuair e fhèin ʼs a chompanaich air falbh gun dòrtadh-fala.

Thàinig lighiche ainmeil a thadhal air Iain ann an Cnòideart. Bha iad ag iasgach nuair a thàinig soitheach cogaidh faisg orra. Dh’iarr an lighiche air Iain a thoirt a-mach don t-soitheach, feuch bathar medigeach a cheannach bhuapa. Bha aig Iain ri bhith a’ toirt a’ chreidsinn nach robh Beurla aige, agus gur e sgalag a bh’ ann.

Gu mì-fhortanach dha, b’ e an soitheach am Porcupine, fo stiùir a’ Chaiptein Fheargasdain, fear a bha ainmeil airson a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach. Bha e cinnteach gur e Seumasach cliùmhor a bh’ ann an Iain agus chuir e an grèim e. ‘Chì thu Lunnainn fhathast,’ thuirt am Fearghasdanach.

‘ʼS iomadh baile mòr Eòrpach a chunnaic mi mu-thràth,’ fhreagair Iain ann an deagh Bheurla.

Nuair a ràinig iad Caol Mhuile, chaidh Iain a chur a-null gu soitheach cogaidh eile. Ach, an àite a dhol a Lunnainn, thàinig òrdugh bhon riaghaltas Iain a chur a Ghearasdan Inbhir Lòchaidh. Chaidh a chur air bòrd eathair airson a dhol ann.

Bha an criutha Èireannach. Dh’inns iad do Iain ann an Gàidhlig na h-Èireann, nan teicheadh e orra sa Ghearasdan, gun losgadh iad air ach gun dèanadh iad cinnteach nach buaileadh peilear ann. Dh’inns iad dha cuideachd gum b’ e am fear a bhrath e an Caiptean Ailean Dòmhnallach, Ailean a’ Chnuic, às an Eilean Sgitheanach. Bha e fhèin is Iain Spàinnteach air a dhol a-mach air a chèile roimhe air gnothach pearsanta.

Cha do ghabh Iain a chothrom, ge-tà, agus bha e sa phrìosan anns a’ Ghearasdan airson naoi mìosan. Goirid an dèidh sin, bha e ann an Gleann Eilg agus thachair e ri Ailean a’ Chnuic. ‘Tha fios agam carson a bhrath thu mi,’ ars Iain. ‘Thuirt mi gun robh thu nad ghealtair. Uill, tha mi ag ràdh an dearbh rud a-rithist, agus gu bheil thu nad bhleigeard a bharrachd!’

Bha Ailean dhen bheachd gun robh Iain a’ dol ga mhurt agus theich e don ghearasdan ann an Gleann Eilg a bha làn shaighdearan aig an àm. Cha do dh’fhàg e an gearasdan an dèidh sin gun dithis shaighdearan a bhith na chois.

Ach cha do mhuirt Iain Spàinnteach e. Phòs e, chaidh e a dh’fhuireach ann an Cnòideart agus ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773), chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.

Faclan na Litreach: : Iain Spàinnteach: Spanish John; Cnòideart: Knoydart; Toirbheartan: Torridon; a’ maoidheadh air: threatening him; armaichte: armed; a’ chroich: the gibbet; soitheach cogaidh: warship; cliùmhor: renowned; Caol Mhuile: The Sound of Mull; Ailean a’ Chnuic: Allan of Knock; gealtair: coward.

Abairtean na Litreach: a bha an làthair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe: who was present when a thousand pounds were stolen from him; gun do chuir e an duine air a dhruim dìreach: that he put the man flat on his back; tha an t-airgead air a chaitheamh: the money is spent; tha duais ann dhaibhsan a chaith e: there is a reward for those who spent it; tharraing e a ghunna agus a bhiodag:he drew his gun and dirk; gun dòrtadh-fala: without bloodshed; thàinig lighiche ainmeil a thadhal air: a famous physician came to visit; feuch bathar medigeach a cheannach bhuapa: to try to buy medical supplies from them; a’ toirt a’ chreidsinn nach robh Beurla aige: pretending he spoke no English; gur e sgalag a bh’ ann: that he was a servant; a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach: his brutality against the Jacobites; ʼs iomadh baile mòr Eòrpach a chunnaic mi: it’s many a European city I’ve seen; air bòrd eathair: on board a boat; nan teicheadh e orra: if he ran away from them; gun dèanadh iad cinnteach nach buaileadh peilear ann: that they’d ensure no bullet hit him; gum b’ e am fear a bhrath e: that the man who betrayed him was; air a dhol a-mach air a chèile: had fallen out with each other; gun dithis shaighdearan a bhith na chois: without two soldiers accompanying him; far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha: where he spent the rest of his life.

Puing-chànain na Litreach: thàinig òrdugh bhon riaghaltas Iain a chur a Ghearasdan Inbhir Lòchaidh: an order came from the government to send John to Fort William (literally ‘the Inverlochy Garrison’). This is the full Gaelic name of Fort William although we usually only call it ‘An Gearasdan’ . But there were and are other ‘gearasdain ’ including the barracks at Glenelg, which are mentioned in the Litir (the building is now a ruin). Note that Lochaber folk prefer the traditional spelling gearasdan, whereas GOC recommends gearastan. I have kept with the traditional spelling here because of the reference to the place name.

Gnàthas-cainnt na Litreach: b’ aithne do Chailean fàth a thurais: Colin knew the purpose of his journey.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 603

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean