FaclairDictionary EnglishGàidhlig

905: 'Iain Spàinnteach (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

'Iain Spàinnteach (1)

Gaelic Gàidhlig

Thathar ag innse sgeulachdan ann an Ros an Iar mu airgead Frangach a chaidh a dhìth aig àm ar-a-mach nan Seumasach. Tha e coltach nach buin na stòiridhean do mhacmeanmna, ge-tà. Tha tomhas dhen fhìrinn annta.

Tha cunntas mun ghnothach ann an leabhar air a bheil ‘Spanish John’. ʼS e cunntas-beatha a th’ ann – fèin-eachdraidh – air a sgrìobhadh leis a’ Choirneal Iain MacDhòmhnaill à Sgotas ann an Cnòideart. Tha esan a’ cumail a-mach gun deach mìle not a ghoid bhuaithe ann an Dùthaich MhicCoinnich ann an Ros an Iar ann am Bliadhna a’ Phrionnsa. ʼS e fortan a bha sin aig an àm.

Mus tig mi chun an airgid, bu mhath leam innse dhuibh mu bheatha Iain MhicDhòmhnaill, oir tha i gu math inntinneach. Rugadh e ann an Cnòideart ann an seachd ceud deug, fichead ʼs a h-ochd (1728). B’ e fear de dh’uaislean Clann ʼic Dhòmhnaill a bh’ ann – sin Clann ʼic Dhòmhnaill Ghleanna Gharadh.

ʼS e Caitligich a bh’ annta. Nuair a bha e dusan bliadhna a dh’aois, chuir athair e gu ruige a’ Cholaiste Albannach anns an Ròimh, leis an amas gum biodh e na shagart. Ach bha e follaiseach gu math tràth nach robh ar laoch cho dèidheil air beatha sagairt. B’ fheàrr leis a bhith na shaighdear.

Thachair e ri Rìgh Seumas VIII na h-Alba – no The Old Pretender mar a chanadh gu leòr ris – agus fhuair e brosnachadh a dhol do dh’arm na Spàinnte. Bha na Spàinntich aig an àm sin ri cath an aghaidh na h-Ostaire anns an Eadailt. Chaidh Iain gu buidheann shònraichte anns an arm – am Bragàd Èireannach, anns an robh oifigearan Èireannach agus feadhainn à Alba cuideachd. Chaidh am Bragàd a dhèanamh bho thùs nuair a theich arm nan Seumasach a-mach à Èirinn an dèidh Cath na Bòinne, the Battle of the Boyne.

Co-dhiù, ʼs e sin as coireach gur e ‘Spanish John’ a thugadh air Iain MacDhòmhnaill mar fhar-ainm. Cha b’ fhada gus an robh e ann am batail chruaidh, a’ dìon Naples bho na h-Ostrianaich. Chaidh a leòn, agus chuir e seachad ùine san ospadal. Cha robh aodach no airgead air fhàgail aige. Nuair a chuala Rìgh Seumas mun t-suidheachadh aige, chuir e airgead thuige.

Chaidh Iain air ais do dh’arm na Spàinnte. Ach bha aon chluas aige air na bha a’ dol aig an taigh. Bha mac an Rìgh – Teàrlach Òg Stiùbhart – ann am Breatainn, feuch na Stiùbhartaich a chur air ais air a’ chathair rìoghail. Bha arm nan Seumasach ann an Sasainn, a’ dèanamh air Lunnainn.

Rinn Iain tagradh a dhol don Fhraing airson a bhith mar phàirt de dh’fheachd a rachadh a Bhreatainn às leth a’ Phrionnsa. Bha ceithir oifigearan deug eile às a’ am Bhragàd Èireannach còmhla ris. Bha iad an dùil fàilte a chur air Teàrlach Òg nuair a bha e a’ caismeachd a-steach a Lunnainn.

Ach nuair a ràinig iad Paris, fhuair iad droch naidheachd. Bha arm nan Seumasach air stad ann an Derby. Bha iad a’ tilleadh gu tuath. Agus bha an cuan làn shoithichean Breatannach. Bhiodh e cunnartach a dhol a dh’Alba ann an soitheach Frangach. Ach bha Iain deimhinne gun robh e airson a bhith a’ strì airson adhbhar a’ Phrionnsa. Innsidh mi dhuibh mu na thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan> na Litreach: cunntas-beatha: biography; fèin-eachdraidh: autobiography; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6; fortan: fortune; Caitligich: Catholics; An Eadailt: Italy; a’ caismeachd: marching.

Abairtean na Litreach: Thathar ag innse sgeulachdan ann an Ros an Iar: stories are told in Wester Ross; airgead Frangach a chaidh a dhìth aig àm ar-a-mach nan Seumasach: French money that went missing at the time of the Jacobite rebellion; nach buin na stòiridhean do mhacmeanmna: that the stories are not imaginary; tha tomhas dhen fhìrinn annta: there is some truth in them; leis a’ Choirneal Iain MacDhòmhnaill à Sgotas ann an Cnòideart: by Col. John McDonell from Scottas in Knoydart; gun deach mìle not a ghoid bhuaithe: that a thousand pounds were stolen from him; Clann ʼic Dhòmhnaill Inbhir Gharadh: the MacDonells of Glengarry; gu ruige a’ Cholaiste Albannach anns an Ròimh: to the Scotch College in Rome; chaidh am Bragàd a dhèanamh bho thùs:the Brigade was originally created; nuair a theich arm nan Seumasach a-mach à Èirinn an dèidh Cath na Bòinne:when the Jacobite army fled from Ireland after the Battle of the Boyne; feuch na Seumasaich a chur air ais air a’ chathair rìoghail: in an attempt to put the Jacobites back on the throne; a’ dèanamh air Lunnainn: making for London; mar phàirt de dh’fheachd a rachadh a Bhreatainn às leth a’ Phrionnsa: as part of a force that would go to Britain on the Prince’s behalf; fhuair iad droch naidheachd:they got bad news; a’ tilleadh gu tuath: returning north; bha an cuan làn shoithichean Breatannach: the sea was full of British vessels; bhiodh e cunnartach a dhol a dh’Alba: it would be dangerous to go to Scotland; bha Iain deimhinne gun robh e airson a bhith a’ strì airson adhbhar a’ Phrionnsa: John was certain that he wanted to [be involved in the] struggle for the Prince’s cause.

Puing-chànain na Litreach: cho dèidheil air beatha sagairt: so keen on the life of a priest. The Gaelic for priest is sagart(unsurprisingly it originates in Latin). In the indefinite genitive singular ie ‘of a priest’ we simply slenderize it to sagairt, with a slight change in pronunciation. It is not lenited. In the definite genitive singular ‘of the priest’, it is an t-sagairt , the normal model for a masculine noun which starts with an ‘s’ followed by a vowel.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ri cath an aghaidh na h-Ostaire: at war against Austria.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 601

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean