ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

890: Cù Glas Mheòbail

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Ann am Mòrar, anns na Garbh Chrìochan, tha lochan air a bheil ainm car annasach – Lochan Tàin Mhic Dhùghaill. Tha e gu h-àrd anns a’ mhonadh tuath air Loch Beòraid, agus deas air Loch Mhòrair. Tha eilean anns an lochan. ’S e Meòbal am baile as fhaisge air – agus tha Meòbal gu math beag. Saoil ciamar a fhuair an lochan ainm mar sin?

Ma tha sibh eòlach air eachdraidh is dualchas nan seann Ghàidheal, bidh sibh air cluinntinn mun sgeulachd Tàin Bò CuailgneThe Cattle Raid of Cooley ann am Beurla. Tha e stèidhichte ann an Èirinn. Tha tàin a’ ciallachadh ‘plunder’, ‘driving off’ is a leithid sin. Lochan Tàin Mhic Dhùghaill –‘ the lochan of the plundering of MacDugald’?

Tha e coltach gu bheil an t-ainm ceangailte ri seann sgeulachd. Bha Calum I MacGill-Eain am measg na feadhainn a chruinnich i agus bha muinntir nan Garbh Chrìochan gu math eòlach oirre. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cù Glas Mheòbail agus bu mhath leam a h-aithris dhuibh. Chan eil i ach goirid.

O chionn bhliadhnaichean mòra, bha fear a’ fuireach ann am Meòbal. Bhuineadh e do Dhòmhnallaich Mhòrair. ’S e Clann Dhùghaill a chanar riutha ann an Gàidhlig. Bha mial-choin aig an fhear a bha seo. Bha iad glas. Cha bhi sin na iongnadh dhuibh, oir ’s e ‘greyhound’ a chanar ri mial-chù ann am Beurla.

Dh’fhalbh am fear seo a-null thairis. Mus do dh’fhalbh e, dh’fheuch e ri lorg fhaighinn air a h-uile gin de na mial-choin aige – airson cur às dhaibh. Ach dh’fhàilnich air grèim fhaighinn air aon ghala. Bha ise beò fhathast nuair a dh’fhalbh e.

An dèidh dha falbh, chaidh a’ ghala suas don lochan anns a’ mhonadh. Shnàmh i a-mach don eilean. Agus, air an eilean, rugadh grunn chuileanan dhi. Bha na mial-choin seo beò air toradh a’ mhonaidh agus cha do chuir iad dragh air duine.

Thachair gun do thill ar caraid – MacDhùghaill – a-null don sgìre. Nuair a ràinig e a sheann dachaigh ann am Meòbal, dh’innseadh dha gun robh a’ ghala agus a cuileanan beò, agus gun robh iad a’ fuireach air an eilean anns an lochan.

Chaidh an duine suas chun an lochain airson na coin fhaicinn dha fhèin. Rinn e fead mar a bhitheadh nuair a bha a’ ghala òg. Dh’fhairich a’ ghala e, agus shnàmh i gu tìr. Rinn i sogan an duine fhaicinn, agus bha e fhèin air a dhòigh cuideachd. An ceann tacain, ge-tà, shnàmh trì de na cuileanan aice a-null. Bha iad air tighinn gu ìre agus bha iad mòr is làidir. Chan eil fhios carson, ach stiall iad an duine às a chèile sa spot. Cha robh na coin òga ga aithneachadh mar charaid.

Agus chun an latha an-diugh, nuair a tha fear no tè de Chloinn ’ic Dhùghaill Mhòrair an impis bàs fhaighinn, chì iad, no cuideigin a tha faisg orra, cù glas mar mhanadh a’ bhàis. No ’s e sin a chanas iad co-dhiù.

Tha ainmean eile air Lochan Tàin Mhic Dhùghaill. Bidh cuid ag ràdh Lochan Mhic Dhùghaill no Lochan a’ Choin Ghlais. Ach tha seann ainm eadar-dhealaichte air a’ chiad eagran de mhapaichean an OS – Lochan Fèith a’ Mhath-ghamhna ‘the lochan of the bog of the bear’. Tha amharas agam gu bheil stòiridh eile ceangailte ri sin!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Mòrar: Morar; Na Garbh Chrìochan: The Rough Bounds; glas: grey; shnàmh i: she swam; fead: whistle; eagran: edition.

Abairtean na Litreach: bidh sibh air cluinntinn mun sgeulachd Tàin Bò Cuailgne: you’ll have heard of the story of the Cattle Raid of Cooley; stèidhichte ann an Èirinn: set in Ireland; am measg na feadhainn a chruinnich i: among those who collected it; bu mhath leam a h-aithris dhuibh:I would like to tell it to you; chan eil i ach goirid: it’s only short; bhuineadh e do Dhòmhnallaich Mhòrair: he belonged to the MacDonalds of Morar; ’s e Clann Dhùghaill a chanar riutha: they are called Clan Dugald [ie MacDugald]; dh’fhalbh am fear seo a-null thairis: this man left to go overseas; dh’fheuch e ri lorg fhaighinn air a h-uile gin: he tried to find every one; airson cur às dhaibh: to kill them; dh’fhàilnich air grèim fhaighinn air aon ghala: he failed to locate one bitch; rugadh grunn chuileanan dhi: several puppies were born to her; bha X beò air toradh a’ mhonaidh: X lived off the produce of the hill[s]; thachair gun do thill ar caraid: our friend happened to return; dh’innseadh dha gun robh a’ ghala agus a cuileanan beò: he was told that the bitch and her puppies were alive; dh’fhairich a’ ghala e: the bitch heard him [unexpectedly]; bha iad air tighinn gu ìre: they had reached maturity; stiall iad an duine às a chèile sa spot: they ripped the man to pieces on the spot; ga aithneachadh mar charaid: recognising him as a friend; an impis bàs fhaighinn: about to die; cù glas mar mhanadh a’ bhàis: a grey dog as an omen of death.

Puing-chànain na Litreach: mial-choin: greyhounds. You might be tempted to think that mial-chù derives from mial + cù, meaning ‘louse dog’. However, that is not the case. Mial derives from an old Celtic root meaning ‘animal’ or ‘wild beast’ and is still used in Scottish Gaelic for ‘monster’ or ‘mythical beast’ eg mial-mhòr a’ chuain ‘sea monster’. Mial-chù means ‘animal dog’ because of its ancient use in hunting animals such as deer. This interpretation is validated by the very similar words for greyhound in the P-Celtic languages eg Welsh milgi and Cornish mylgy, also meaning ‘animal dog’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Rinn i sogan an duine fhaicinn: she was delighted to see the man.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 586

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean