FaclairDictionary EnglishGàidhlig

878: Bliadhna nan Luch 

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bliadhna nan Luch 

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, gu o chionn ghoirid, cha chuala no mise.

B’ e Bliadhna nan Luch – the year of the mice – ochd ceud deug is còig-deug (1815). Ach cha robh i aithnichte mar sin ann an Alba. Bha, ge-ta, ann an Alba Nuaidh ann an Canada. Anns a’ bhliadhna sin, nochd an t-uabhas de luchan. Bha iad nam plàigh. An toiseach, anns a’ Mhàrt, nochd seòrsa a bha mòr agus car tapaidh, le earball geàrr. Cha robh fios aig duine cò as a thàinig iad no carson a bha iad cho pailt.

An toiseach bha iad cho lìonmhor ʼs gun robh iad a’ cruadhachadh an t-sneachda len casan. Agus cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas, agus ceann math oirre, fhuair na tuathanaich a-mach gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean. Ach gu h-annasach, nochd seòrsa eile de luch, a bha na bu lugha na ʼn tè mhòr, agus thòisich an dà sheòrsa air sabaid le chèile, agus lughdaich sin na h-àireamhan de na dhà.

Chaidh dàn a sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn Bliadhna nan Luch, oir tuigidh sibh gun tug na creutairean beaga sin droch bhuaidh air na daoine. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

Is iomadh creachadair an taobh-sʼ

Am measg na tuathadh:

Mathain, marsantan is maoir,

A’ sìor thoirt uatha:

Tha luchaidhean ann cho lìonmhor

ʼS nach fhàg iad sìol air bàrr sguaibe;

Is am beagan a thèid fo dhìon dheth

Is bochd a bhrìgh ’n àm a’ bhualaidh.

Chan eil fios le cinnt cò am bàrd a sgrìobh an dàn ach nochd e fon ainm pinn ‘I.P.’ anns an iris ‘An Cuairtear Òg Gàidhealach’ anns a’ Mhàrt ann am Bliadhna nan Luch. ʼS dòcha gur e fear a bh’ ann – Iain ‘Pìobaire’ MacGhilleBhrath.

Tha am bàrd a’ leantainn leis a’ chàineadh. Anns an ath earrainn, tha e a’ guidhe bàs air na luchan agus tha e ag ainmeachadh Àirc Nòa:

Mallachd bhuan o shluagh gach dùthcha

Lughdachadh cunntais an t-seòrs’ ud;

Neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd,

Bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh;

Is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh

ʼS chan eil bàigh aig neach a tha beò ribh,

Is duilich leam nach deach ur bàthadh

Mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa.

Tha sin car cruaidh air na creutairean beaga, nach eil? Chan eil bàigh aig duine beò riutha. Agus – is duilich leam nach deach ur bàthadh mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa. Tha an t-ùghdar ag ràdh gum b’ fheàrr leis gun robh na luchan air am bàthadh leis an tuil mhòir mus d’ fhuair iad cothrom a bhith air an sàbhaladh le Nòa.

Chan eil fhios a’m cia mheud duine a tha a’ cuimhneachadh Bliadhna nan Luch an-diugh ach ʼs e Mìcheal Newton a thug a’ chùis gu m’ aire-sa. Tha cunntas aige mun dàn seo anns an leabhar aige a thàinig a-mach an-uiridh – ‘Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’. ʼS e a th’ ann cruinneachadh de litreachas Chanada ann an Gàidhlig. Tha an leabhar tomadach agus làn neamhnaidean culturach. Agus tha e a’ dearbhadh cho prìseil ʼs a tha dualchas Gàidhlig Chanada. Innsidh mi tuilleadh mun leabhar seo an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Bliadhna nan Luch: The Year of the Mice; lìonmhor: plentiful; mallachd: a curse; bàigh: affection; tuil: flood.

Abairtean na Litreach: gu o chionn ghoirid, cha chuala no mise: until recently, neither had I [heard of it]; ann an Alba Nuaidh: in Nova Scotia; bha iad nam plàigh: they were a plague [and extremely annoying]; seòrsa a bha mòr agus car tapaidh, le earball geàrr:a type that was big and somewhat robust, with a short tail; a’ cruadhachadh an t-sneachda len casan: packing down the snow with their feet; cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas: as soon as the wheat had grown up; gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean: that the mice had damaged the roots; lughdaich sin na h-àireamhan de na dhà:that lowered the numbers of both; is iomadh creachadair an taobh-sʼ: there are many plunderers over here; am measg na tuathadh:among the farmers; mathain, marsantan is maoir: bears, merchants and bureaucrats; a’ sìor thoirt uatha: constantly taking from them; nach fhàg iad sìol air bàrr sguaibe: that they don’t leave seed on the top of the sheaves; is bochd a bhrìgh ’n àm a’ bhualaidh: poor is its qualityat threshing time; a’ leantainn leis a’ chàineadh: continuing with the criticism; tha e a’ guidhe bàs air na luchan: he wishes death on the mice; neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd, bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh:boils, cats, buzzards, winter cold, death and weakness in every way to them; is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh: you have the malice of all of Adam’s offspring; is duilich leam nach deach ur bàthadh: I’m sorry you weren’t drowned; mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa: before you got into Noah’s ark; làn neamhnaidean cultarach: full of cultural gems [pearls].

Puing-chànain na Litreach: Regular readers of the Litir will know the great respect I have for the scholarship of Michael Newton, and for the way that he defends the integrity of the Gaelic people and their heritage in all his publications. Seanchaidh na Coille: Memory Keeper of the Forest is another tremendous contribution to the understanding of the Gaelic identity and to the revealing of the rich heritage of the Gaels, this time in Canada. It is published by Cape Breton University Press and is available through Comhairle nan Leabhraichean at £19.99.

Gnàthas-cainnt na Litreach: am beagan a thèid fo dhìon dheth: the little of it that will be protected.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 574

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean