FaclairDictionary EnglishGàidhlig

837: Ìomhaigheachd nan Craobh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ìomhaigheachd nan Craobh

Gaelic Gàidhlig

Halò a-rithist. Nise, seo ceist dhuibh. Cò am bàrd Gàidhlig, air an robh Mac an t-Saoir mar ainm, a chleachd ìomhaighean de nàdar gu làidir anns a’ bhàrdachd aige? Tha fhios gu bheil sibh ag ràdh, ‘Donnchadh Bàn’. Agus cha bhiodh sibh ceàrr. Ach ’s ann air fear eile a tha m’ aire an-dràsta. Tha mi a’ meòrachadh air an duine seo air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn Shomhairle MhicIain an t-seachdain sa chaidh.

Thig mi gu Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha an ceartuair. An toiseach, ge-tà, bu mhath leam rudeigin a ràdh mu ìomhaigheachd nan craobh ann am bàrdachd Ghàidhlig. Bha na seann Ghàidheil a’ tomhas nan craobh mar gum biodh ann an dà bhuidhinn – feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte. Agus bhiodh iad a’ dèanamh tuairisgeul de dhaoine a rèir na h-ìomhaigheachd sin.

Mar eisimpleir, ann an ‘Alasdair à Gleanna Garadh’ tha a’ bhana-bhàrd Sìleas na Ceapaich a’ moladh a’ chuspair gu mòr, an dèidh a bhàis. Èistibh ris a’ cheathramh seo:

Bu tu ’m bradan anns an fhìor-uisg,

Fìr-eun air an eunlaith as àirde,

Bu tu ’n leòmhann thar gach beathach,

Bu tu damh leathann na cràice.

Agus seo agaibh Sìleas a’ cur ìomhaigheachd nan craobh an sàs:

Bu tu ’n t-iubhar anns a’ choillidh

Bu tu ’n darach daingeann làidir,

Bu tu ’n cuileann, bu tu ’n droighinn,

Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor;

Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann

No do dhligheadh ris an fheàrna;

Cha robh bheag annad dhen leamhan;

Bu tu leannan nam ban àlainn.

B’ iad na craobhan beannaichte an t-iubhar, an darach, an cuileann, an droigheann agus an t-abhall no craobh-ubhail. B’ iad na craobhan mallaichte an critheann, an fheàrna agus an leamhan.

Uill, bidh cuimhne agaibh gun tàinig Somhairle MacIain chun na Gàidhealtachd agus gun do dh’fhoillsich e droch bheachd air a’ Ghàidhlig. Bha sin a dh’aindeoin ’s gun d’ fhuair e fàilte is coibhneas gu leòr.

Bha Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha, taobh Loch Èite ann an Earra-Ghàidheal, air a mhaslachadh leis na sgrìobh an Sasannach. Agus sgrìobh e fhèin dàn nimheil, a’ càineadh MhicIain. An-diugh, cha bhiodh foillsichear Gàidhlig a’ dol faisg air oir bhiodh an luchd-lagha gu math trang!

Seo pìos de ‘Òran don Ollamh MacIain’:

Gur tu an losgann sleamhainn tàrrbhuidh,

’S tu màigein tàirrngeach nan dìgean,

Gur tu dearc-luachrach a’ chàthair

Ri snàg ’s ri màgaran mìltich;

’S tu bratag sgreataidh an fhàsaich,

’S tu ’n t-seilcheag ghrànda, bhog, litheach,

Is mar sin air adhart…! Tuigidh sibh dè bha mi a’ ciallachadh! Agus seo agaibh Seumas a’ cleachdadh ìomhaigheachd nan craobh:

Cha bu tu ’n droigheann no ’n cuileann

No an t-iubhar fulannach làidir,

Chan eil mìr annad dhen darach

No de sheileach dearg nam blàran;

Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann,

Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna –

Tha do cheann gu lèir de leamhan,

Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.

B’ iad na craobhan beannaichte aige fhèin – an droigheann, an cuileann, an t-iubhar agus an darach – ceithir de na còig a bh’ aig Sìleas. Agus an fheadhainn mhallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan – na trì a bh’ aig Sìleas. Agus an sgitheach is seileach dearg a bharrachd. Ìomhaigheachd àraidh de chraobhan na Gàidhealtachd.

Faclan na Litreach: ìomhaighean: images; Somhairle MacIain: Samuel Johnson; Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Gleann Nodha:Glen Noe; tuairisgeul: description; Gleanna Garadh: Glengarry; darach: oak; cuileann: holly; droighinn: blackthorn.

Abairtean na Litreach: ìomhaigheachd nan craobh: arboreal imagery; feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte: blessed ones and cursed ones; èistibh ris a’ cheathramh seo: listen to this quatrain; fìr-eun air an eunlaith as àirde: eagle in the highest flock; ’n leòmhann thar gach beathach: the lion above all beasts; damh leathann na cràice: the stout, antlered stag; ’n t-iubhar anns a’ choillidh: the yew in the forest; ’n t-abhall molach blàthmhor: you were the apple-tree, rough-barked, covered with blooms; cha robh do dhàimh ris a’ chritheann: you had no kinship with the aspen; no do dhligheadh ris an fheàrna: or bonds with the aspen; cha robh bheag annad dhen leamhan: you had nothing of the lime-tree in you, leannan nam ban àlainn: the darling of the beautiful women; a dh’aindeoin ’s gun d’ fhuair e fàilte is coibhneas gu leòr: despite [the fact] that he received plenty of warmth and kindness; air a mhaslachadh: disgusted; cha bhiodh foillsichear a’ dol faisg air: no publisher would go near it; an losgann sleamhainn tàrrbhuidh:the slimy yellow-bellied toad; màigein tàirrngeach nan dìgean: the sluggish crawler [toad?] of ditches; dearc-luachrach a’ chathair: the lizard of the swamp; ri snàg ’s ri màgaran mìltich: which creeps and slithers through sweet-grass; ’s tu bratag sgreataidh an fhàsaich: the ugly wasteland caterpillar; ’n t-seilcheag ghrànda, bhog, litheach: the foul, soft, slimy snail; chan eil mìr annad dhen darach: there is not a bit of the oak in you; seileach dearg nam blàran: the red willow of the plains; tha ’chuid as motha dhìot de chritheann: most of you is of aspen; ìnean sgithich: hawthorn nails; gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein: especially your tongue and gums.

Puing-chànain na Litreach: air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn X: because I was speaking about X. Air sgàth agus [the last word shortened to ’s] presumes a clause following it, is there is a verb. Without a verb, the expression is air sgàth eg air sgàth a bheachd, air sgàth na droch shìde. This is a common error that has crept into the language in recent years – one commonly hears expressions like air sgàth ’s an droch shìde. The ’s is only used when followed by a clause and air sgàth commands the genitive case not the nominative.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bu tu ’m bradan anns an fhìor-uisg you were the salmon in the freshwater.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 533

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean