FaclairDictionary EnglishGàidhlig

811: Aimsir a’ Gheamhraidh 

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Aimsir a’ Gheamhraidh 

Gaelic Gàidhlig

Air an latha mu dheireadh dhen Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis an-uiridh, chuala mi beagan fealla-dhà a chòrd rium. Bha cuideigin a’ bruidhinn mun Òban, far am bi am Mòd am-bliadhna. Bha e ag ràdh gun robh fras no dhà ann fhad ’s a bha am Mòd ann an Inbhir Nis, ged a bha an aimsir an ìre mhath tioram. Nam biodh daoine a’ coimhead airson a leithid de dh’aimsir–fras no dhà–anns an Òban, bha deagh theans ann gum faigheadh iad i.

Dh’inns e naidheachd mu fhear Ameireaganach a bh’ anns an Òban airson ceala-deug. Cha mhòr nach robh an t-uisge ann fad na h-ùine. Bha am fear air an t-sràid agus chunnaic e balach òg a bhuineadh don bhaile. Nach bi an turadh ann an seo uair sam bith?’ dh’fhaighnich e dhen ghille.

Ciamar a bhiodh fios agamsa?’ fhreagair an gille. Chan eil mi ach còig bliadhna a dh’aois!’

Tha e a’ cur nam chuimhne ro-shealladh na h-aimsir a chuala mi airson a’ Ghearasdain. Coimhead a-mach air an uinneig,’ chaidh innse dhomh. Mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann. Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!’ Tha mi an dòchas gun gabh muinntir a’ Ghearasdain mo leisgeul airson sin!

Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh an aimsir, mar as trice, fuar. Ach an coimeas, can, ris na dùthchannan Lochlannach no Canada no an Ruis, chan eil Alba cho fuar sin. Faodaidh aiteamh a bhith ann uair sam bith anns a’ gheamhradh.

A bheil sibh eòlach air an fhacal sin–aiteamh thaw’? Bidh sinn ag ràdh tha an latha ris an aiteamh’ no tha i ag aiteamh’. Uill, seo agaibh dà sheanfhacal co-cheangailte ris:

Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’. Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas. Tha e a’ ciallachadh gum mair blàths anns a’ gheamhradh airson ùine a-mhàin nuair a tha a’ ghaoth a’ tighinn bhon àird a tuath. Ma thig àiteamh bhon deas, ’s dòcha gun tig reothadh a-rithist cho luath ’s a dh’atharraicheas a’ ghaoth gu bhith a’ tighinn bhon àird-a-tuath.

Seo seanfhacal eile a tha gu math eadar-dhealaichte. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd–tuilleadh a chur na cheann the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. Nise, tha mi an dùil gu bheil am fear seo a-mach air daoine, seach air an aimsir. Tha e a’ buntainn ri feadhainn a bhios a’ feuchainn ri rudan a dhèanamh nas fheàrr, ach a nì nas miosa e. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd–tuilleadh a chur na cheann.

Airson crìoch a chur air an Litir, tha mi a’ dol a thoirt tòimhseachan dhuibh. Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain. Tha e co-cheangailte ris a’ gheamhradh:

Cailleach bheag a’ chòta bhàin,

Mar as tighe thig i bhàn,

’S ann as fheàrr a laigheas i.

Tha [a]-bhàn a’ ciallachadh sìos’. Tha an abairt nas cumanta air dualchainntean tìr-mòr, seach anns na h-eileanan. Tha an tòimhseachan furasta gu leòr, nach eil? Cailleach bheag a’ chòta bhàin, mar as tighe thig i bhàn, ’s ann as fheàrr a laigheas i. Dè tha anns a’ chaillich? Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: an-uiridh: last year; fras: shower; ceala-deug: a fortnight; reothadh: frost, freeze; tòimhseachan: puzzle.

Abairtean na Litreach: Air an latha mu dheireadh dhen Mhòd Nàiseanta: on the final day of the National Mod; chuala mi beagan fealla-dhà a chòrd rium:I heard a joke that I enjoyed; a’ bruidhinn mun Òban: speaking about Oban; ged a bha an aimsir an ìre mhath tioram:although the weather was largely dry; bha deagh theans ann gum faigheadh iad i: there was a good chance they would get it; cha mhòr nach robh an t-uisge ann fad na h-ùine: it rained almost all the time; balach òg a bhuineadh don bhaile: a young lad that belonged to the town; nach bi an turadh ann an seo uair sam bith?:don’t you ever get dry weather here?; ro-shealladh na h-aimsir: a weather forecast; coimhead a-mach air an uinneig: look out the window; mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann: if you can’t see Ben Nevis, it’s raining; an coimeas, can, ris na dùthchannan Lochlannach: compared to, say, the Scandinavian countries; faodaidh aiteamh a bhith ann: a thaw can occur; gum mair blàths anns a’ gheamhradh airson ùine: that a thaw will last for a period; a-mhàin nuair a tha a’ ghaoth a’ tighinn bhon àird a tuath:only when the wind comes from the north; ach a nì nas miosa e: but who make it worse; cailleach bheag a’ chòta bhàin:the old woman of the white coat; mar as tighe thig i [a-]bhàn: the thicker she comes down; ’s ann as fheàrr a laigheas i: the better she lies; tha an abairt nas cumanta air dualchainntean tìr-mòr: the phrase is more common in mainland dialects.

Puing-chànain na Litreach: Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann: if you can see the mountain, it’s about to rain. Gu bhith is a useful phrase that can sometimes stand for almost’. Tha mi gu bhith deiseil I’m almost ready’. Dialectically it can be gus a bhith–tha mi gus a bhith deiseil.

Seanfhaclan na Litreach : Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd–tuilleadh a chur na cheann the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. : I bade farewell to.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 507

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean