ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

783: An Dà Chnòideart

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an dà Chnòideart o chionn ghoirid. Anns a’ Chèitean, bha mi ann an Cnòideart ann an Canada. Anns an Ògmhios bha mi anns a’ Chnòideart thùsail, air taobh an iar Gàidhealtachd na h-Alba. Tha an dà Chnòideart snog, ach gu math eadar-dhealaichte bho chèile.

Ann an Canada, tha Cnòideart – Knoydart – air rubha air taobh an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe. Tha e air a chuairteachadh le coille nàdarrach ann an sgìre a bha uaireigin làn Gàidhlig. Tha soidhnichean-baile dà-chànanach anns an sgìre, agus tha beagan dhen chànan ann fhathast.

Tha carragh-cuimhne ann an Cnòideart a tha car coltach ris a’ charragh air Blàr Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis ann an Alba. Chan eil e cho mòr ris a’ charragh Albannach, ach tha an t-aon chumadh air. A h-uile bliadhna, bidh daoine a’ tighinn cruinn còmhla air an làraich seo anns a’ Ghiblean. Bidh iad a’ comharrachadh agus a’ cuimhneachadh Blàr Chùil Lodair agus a’ bhuaidh a thug sin air na Gàidheil.

Goirid às dèidh dhomh tilleadh a dh’Alba, chaidh mi fhìn ’s mo bhean don Chnòideart againn fhìn. Bha deireadh-sheachdain againn ann an Sgiathairidh, a tha faisg air Ceann Loch Shubhairne air cladach a deas an locha. Bha sinn a’ fuireach ann an taigh a th’ air a ruith mar taigh-aoigheachd le cupall òg.

Abair gun robh e math. Bha deagh shìde ann, bha biadh math ann agus bha sinn ann an àite air leth brèagha. Tha Loch Shubhairne air beulaibh an taighe, agus tha beanntan àrda ceithir-timcheall air. Tha an t-àite às aonais an dealain, ach dè an diofar? Bha e sìtheil, sàmhach, bòidheach. Chòrd e rinn gu mòr.

Nuair a tha sinn a’ feuchainn ri ainmean-àite na sgìre sin a thuigsinn, feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh na Lochlannaich ann fad ùine mhòr. Tha sin follaiseach bho ainmean nam bailtean. Tha feadhainn Ghàidhlig ann, leithid Inbhir Aoidh agus An Corran. Ach tha feadhainn eile ann, leithid Àrnasdal agus Bàrrasdal, a tha gu follaiseach Lochlannach.

Agus, cho math ri sin, thug an t-Seann Lochlannais buaidh air na h-ainmean Gàidhlig. Mar eisimpleir, chì sinn ainmean beinne mar Buidhe Bheinn agus Ladhar Bheinn. Nam biodh na h-ainmean seo a’ buntainn a-mhàin ri dualchas nan Gàidheal, bhiomaid an dùil gur e Beinn Bhuidhe agus Beinn Ladhrach, no a leithid sin, a chitheamaid air na mapaichean.

Agus Sgiathairidh fhèin. Air cùl a’ bhaile, anns an robh uaireigin grunn theaghlaichean a’ fuireach, tha beinn. ’S e Sgùrr Sgiath Àirigh an t-ainm oirre. Ann an dòigh, tha an t-ainm a’ dèanamh ciall. Bhiodh Sgiath Àirigh a’ ciallachadh ‘the shieling sheltered by the mountain’. Agus ’s e sin a th’ ann. Bidh a’ bheinn a’ dìon a’ bhaile bhon ghaoithe as cumanta.

Ach chan e ‘Sgùrr Sgiath Àirigh’ a chanas daoine ris a’ bheinn. Canaidh iad ‘Sgùrr Sgiathairidh’ – the mountain of Skiary. Chanainn gur e ainm a’ bhaile a thàinig an toiseach – nuair a bha e fhathast na àirigh. An àirigh a bh’ aig fear Skith, ’s dòcha. Ged a thàinig an eileamaid –ary bhon Ghàidhlig don Lochlannais, ’s e ainm Lochlannach a th’ ann an Skiary. Rinn na Gàidheil nàdar de dh’ath-chruthachadh air an ainm a rèir nòsan na Gàidhlig.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Cnòideart: Knoydart; tùsail: original; carragh-cuimhne: memorial cairn; Blàr Chùil Lodair: Culloden Battlefield; Sgiathairidh: Skiary; taigh-aoigheachd: guesthouse; deagh shìde: good weather; Inbhir Aoidh: Inverie.

Abairtean na Litreach: rubha air taobh an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe: a point on the north-west of the Nova Scotian mainland; air a chuairteachadh le coille nàdarrach: surrounded by natural forest; tha an t-aon chumadh air: it has the same shape; bidh daoine a’ tighinn cruinn còmhla air an làraich seo anns a’ Ghiblean: people gather on this site in April; a’ comharrachadh agus a’ cuimhneachadh: marking and remembering; a’ bhuaidh a thug sin air na Gàidheil: the effect that had on the Gaels; goirid às dèidh dhomh tilleadh: shortly after I returned; faisg air Ceann Loch Shubhairne air cladach a deas an locha: near Kinlochhourn on the south shore of the loch; tha beanntan àrda ceithir-timcheall air: it is surrounded by high mountains; tha an t-àite às aonais an dealain, ach dè an diofar?: the place has no electricity but what difference does that make?; cho math ri sin: in addition to that; thug an t-Seann Lochlannais buaidh air na h-ainmean Gàidhlig: Old Norse influenced the Gaelic names; a’ buntainn a-mhàin ri dualchas nan Gàidheal: connected solely to the heritage of the Gaels; a chitheamaid air na mapaichean: that we would see on the maps; anns an robh uaireigin grunn theaghlaichean a’ fuireach: where several families lived at one time; a’ dìon a’ bhaile bhon ghaoithe as cumanta: protects the settlement from the prevailing wind; nuair a bha e fhathast na àirigh: when it was still a shieling; rinn na Gàidheil nàdar de dh’ath-chruthachadh air an ainm a rèir nòsan na Gàidhlig: the Gaels reinterpreted the name according to Gaelic modes.

Puing-chànain na Litreach: a’ feuchainn ri ainmean-àite na sgìre sin a thuigsinn: trying to understand that area’s place names . Note the different word order in each language. English places the two verbs (the gerund and the infinitive) adjacent to each other. Gaelic, on the other hand, starts the sentence with the verbal noun (roughly equivalent to a gerund) and ends it with the infinitive, separating the two verbs with the remainder of the sentence. Remember this difference – it’s still a very important part of the language.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ann an sgìre a bha uaireigin làn Gàidhlig: in an area which was at one time full of Gaelic.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 479

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean