FaclairDictionary EnglishGàidhlig

770: An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (1)

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an sgeulachd An Gille Carach agus an Dròbhair? Bha daoine seachd searbh sgìth dhen Ghille Charach agus na cleasan aige. Chuir iad ann am baraille e. Bha iad a’ dol ga thilgeil sìos leathad cas. Chaidh iad seachad air taigh-seinnse. Chuir iad am baraille ri taobh an rathaid agus chaidh iad a-steach airson dram.

Fhad ’s a bha iad a-staigh, nochd dròbhair le treud cruidh. Bhuail an dròbhair am baraille le a bhata. ‘Cò th’ ann a sin?’ thuirt an Gille Carach.

‘Dròbhair le crodh,’ fhreagair am fear eile. ‘Dè tha thu a’ dèanamh anns a’ bharaille?’

‘Tha mi an seo,’ thuirt an Gille Carach, ‘ann an àite brèagha far am faigheadh tu na dh’iarradh tu de dh’òr agus airgead.’

‘An leig thu a-steach mi tamall?’ dh’fhaighnich an dròbhair.

‘Gu dearbha fhèin, leigidh,’ thuirt an Gille Carach. ‘Ach feumaidh tu mo leigeil fhèin a-mach. Cuiridh mise ceann a’ bharaille air ais na àite, agus tu fhèin na bhroinn.’

Dh’aontaich an dròbhair ri sin. Dh’fhosgail e am baraille, leig e an Gille Carach a-mach, agus leum e fhèin a-steach ann. Chuir an Gille Carach ceann a’ bharaille air ais na àite. Agus dh’fhalbh e leis a’ chrodh. Goirid às dèidh sin, thàinig na daoine a-mach às an taigh-seinnse. Ghabh iad grèim air a’ bharaille agus roilig iad sìos an leathad cas e.

Ma bha sibh ag èisteachd ris an Litir mu dheireadh, bidh cuimhne agaibh gun robh mi a’ bruidhinn aig deireadh gnothaich air an Urramach Dòmhnall MacCaluim, a chaidh ainmeachadh anns a’ bhàrdachd aig Màiri Mhòr nan Òran. Carson, ma-thà, a thòisich mi le stòiridh? Uill, a chionn ’s gum biodh Dòmhnall MacCaluim ag innse an dearbh stòiridh do dhaoine nuair a bha e a’ coiteachadh as leth muinntir na Gàidhealtachd. Bha e a’ dèanamh sin aig àm strì an fhearainn.

‘Mar a rinn an Gille Carach air an dròbhair,’ chanadh e, ‘’s ann a nì na h-uachdarain oirnne. Tha iad a’ toirt a’ chreidsinn gum faigh sinn òr is airgead gu leòr ann am baraille na h-eilthireachd. Ach, nuair a gheibh iad ceann air ais air a’ bharaille, agus sinn fhèin na bhroinn, bidh iad a’ falbh le ar cuid air fad.’ Anns an dòigh san robh ‘diadhachd na saorsa’ connspaideach ann am Meadhan Ameireagaidh o chionn beagan dheicheadan, bha beachdan mar sin – aig ministear – connspaideach ann an Alba aig deireadh an naoidheamh linn deug.

Dh’fhàs Dòmhnall MacCaluim ainmeil airson na rinn e ann an eileanan, ach chan e eileanach a bh’ ann. Rugadh e ann an Creiginis ann an Earra-Ghàidheal ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849). Dh’fhuiling an sgìre sin bho na Fuadaichean agus bha ceartas sòisealta gu mòr air cogais Dhòmhnaill bho òige. B’ e fear de na seanfhaclan a b’ fheàrr leis: Is fheàrr tuiteam anns a’ cheartas na seasamh anns an eucoir. Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh barrachd dhaoine a’ leantainn na feallsanachd sin an-diugh. Is fheàrr tuiteam anns a’ cheartas na seasamh anns an eucoir.

Fhuair MacCaluim a thrèanadh aig Oilthigh Ghlaschu far an do thachair e ri daoine radaigeach. Nuair a thòisich e mar iar-mhinistear anns a’ Mhorbhairne, chunnaic e le a shùilean fhèin mar a bha na h-uachdarain a’ ‘leasachadh’ an fhearainn gun diù do na daoine. Agus bidh tuilleadh agam air Dòmhnall MacCaluim an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: carach: crafty, cunning; dròbhair: drover; dànachd: boldness; cleasan: tricks; taigh-seinnse: pub, inn; treud cruidh: a herd of cattle; crodh: cattle; diadhachd na saorsa: liberation theology; Meadhan Ameireagaidh: Central America; beagan dheicheadan: a few decades; connspaideach: controversial; Creiginis: Craignish; Earra-Ghàidheal: Argyll.

Abairtean na Litreach: seachd searbh sgìth: completely fed up; ga thilgeil sìos leathad cas: to throw him down a steep slope; an leig thu a-steach mi tamall?: will you let me in for a wee while?; gu dearbha fhèin, leigidh: I most certainly shall; cuiridh mise ceann a’ bharaille air ais na àite, agus tu fhèin na bhroinn: I’ll put the lid of the barrel back in place, with yourself inside it; roilig iad sìos an leathad cas e: they rolled it down the steep slope; gun robh mi a’ bruidhinn aig deireadh gnothaich air an Urramach Dòmhnall MacCaluim:that I was talking at the end about Rev Donald MacCallum; a’ coiteachadh as leth muinntir na Gàidhealtachd:campaigning on behalf of the Highland people; àm strì an fhearainn: the time of the land struggle; ’s ann a nì na h-uachdarain oirnne: so the landlords will do to us; a’ falbh le ar cuid air fad: escaping with all that is ours; dh’fhuiling an sgìre sin bho na Fuadaichean: that area suffered from the Clearances; bha ceartas sòisealta gu mòr air cogais Dhòmhnaill bho òige:social justice weighed heavily on Donald’s conscience from early in life; nam biodh barrachd dhaoine a’ leantainn na feallsanachd sin: if more people would follow that philosophy; far an do thachair e ri daoine radaigeach: where he met radical people; mar iar-mhinistear anns a’ Mhorbhairne: as an assistant minister in Morvern; chunnaic e le shùilean fhèin: he saw with his own eyes; mar a bha na h-uachdarain a’ ‘leasachadh’ an fhearainn gun diù do na daoine: how the landlords were ‘developing’ the land without taking the people into account.

Puing-chànain na Litreach: far am faigheadh tu na dh’iarradh tu de dh’òr agus airgead: where you would get what you could of gold and silver. This structure using ‘na’ is a very useful one. Here are other examples: rinn mi na b’ urrainn dhomh ‘I did what I could’; thog e na lìonadh poca ‘he picked up enough to fill a bag’; rinn e na leigeadh a chogais leis ‘he did what his conscience allowed’.

Seanfhacal na Litreach Is fheàrr tuiteam anns a’ cheartas na seasamh anns an eucoir: it’s better to fall in the pursuit of justice than to remain standing in the cause of injustice.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 466

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean