767: Call a’ Chairnsmuir
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Call a’ Chairnsmuir
Soitheach air sgeir. Deoch làidir air bòrd. Eileanaich Ghàidhealach a’ toirt uisge-beatha gu tìr gus nach biodh e air chall do na h-eileamaidean – no muinntir na cusbainn! Bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi a’ cuimhneachadh stòiridh an SS Politician a rinneadh ainmeil le Compton MacCoinnich anns an leabhar Whisky Galore. Chaidh an soitheach air na sgeirean faisg air Eirisgeigh agus chaidh mòran dhen uisge-bheatha air bòrd a ‘shaoradh’, mar gum bitheadh, leis na h-eileanaich.
Ach chan eil mi a’ bruidhinn mun Pholitician. Seasgad bliadhna roimhe sin, bha tubaist eile faisg air Tiriodh. Chan eil daoine cho eòlach oirre ’s a tha iad air gnothach a’ Pholitician.
Bhon a thogadh Taigh-solais na Sgeir Mhòir ann am meadhan an naoidheamh linn deug, mun robh mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh, bha uisgeachan Thiriodh air a bhith na bu shàbhailte do luingeas. Ach bha tubaist a’ Chairnsmuir ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) na dearbhadh gun robh cunnart ann fhathast.
Bha an Cairnsmuir, anns an robh mìle is ceud tonna de chuideam, a-mach à Hamburg air a slighe a Ghlaschu agus an uair sin a Shìonaidh. Chaidh i tron Chaol Arcach agus lean i seachad air a’ Pharbh far an do thionndaidh i gu deas. ’S e an samhradh a bh’ ann – mìos an Iuchair. Bha criutha air bòrd de shia duine fichead.
Lean an Cairnsmuir tron Chuan Sgìth. Chaidh i seachad air Taigh-solais Ùisinis ann an Uibhist mu leth-uair an dèidh naoi feasgar. Mu chairteal gu trì sa mhadainn bhuail i anns a’ Bhogha Mhòr far costa siar Thiriodh. Bha an soitheach a’ dol aig astar ochd mìle-mara san uair agus, mar sin, bha i air a milleadh gu mòr.
Thug an sgiobair an t-òrdugh an soitheach a threigsinn. Bha i a’ briseadh an-àirde. Rinn an criutha air tìr anns na geòlaichean aca.
Cha b’ fhada gus an robh eileanaich a’ dèanamh cobhair air na maraichean. ‘Dè bh’ agaibh air bòrd?’ dh’fhaighnich iad.
‘Uisge-beatha is leann, am measg eile,’ thuirt na maraichean. Cha robh ùidh aig na Tiristich anns an ‘eile’ ach, gu dearbh, bha ùidh aca anns an uisge-bheatha!
Chaidh iad a-mach don luing-bhrisidh airson na b’ urrainn dhaibh a thoirt gu tìr mus tigeadh muinntir na cusbainn. Bha stuth cuideachd a’ tighinn gu tìr leis an tìde-mhara air tràighean an eilein.
Nuair a thàinig muinntir na cusbainn, dh’fheuch iad ri teicheadh a chur air na h-eileanaich. Ach fhuair iad droch-bheul. Bha na Tiristich a’ dòrtadh uisge-beatha a-steach gu soithichean eile. Chan fhaigheadh na h-oifigearan cusbainn an uair sin ach botail fhalamh.
Aon turas chunnaic oifigearan cusbainn bogsa air flod. Bha iad an dùil gun robh e làn uisge-bheatha. Bha iad a’ dèanamh dheth gun tigeadh e gu tìr anns an ath bhàgh. Ach fhad ’s a bha iad a’ cumail sùil air, agus a’ coiseachd a dh’ionnsaigh an ath bhàigh, thug eileanach, air an robh MacUalraig mar ainm, a chuid aodaich gu lèir dheth. Leum e don uisge, shnàmh e a-mach agus thug e am bogsa gu tìr.
Bha na h-oifigearan a’ dol a chur stad air, ach nochd buidheann mhòr de dh’eileanaich airson taic a thoirt dha, agus shaoil muinntir na cusbainn gum biodh e glic dhaibh gun a bhith anns an rathad. Agus ’s e sin agaibh stòiridh call a’ Chairnsmuir.
Faclan na Litreach: Eirisgeigh: Eriskay; Tiriodh: Tiree; taigh-solais: lighthouse; An Cuan Sgìth: The Minch; Ùisinis: Ushinish; geòlaichean: dinghies; leann: beer; droch-bheul: abuse, foul language; Tiristich: Tiree people; air flod: floating; MacUalraig: Kennedy.
Abairtean na Litreach: gus nach biodh e air chall: so that it wouldn’t be lost; chaidh mòran dhen uisge-bheatha air bòrd a ‘shaoradh’, mar gum bitheadh:much of the whisky on board was ‘liberated’, as it were; bha uisgeachan Thiriodh air a bhith na bu shàbhailte do luingeas:the waters of Tiree had been safer for shipping; bha X na dearbhadh gun robh cunnart ann fhathast: X was proof that there was still danger; chaidh i tron Chaol Arcach: she went through the Pentland Firth; seachad air a’ Pharbh far an do thionndaidh i gu deas: past Cape Wrath where she turned south; mìos an Iuchair: the month of July; bha criutha air bòrd de shia duine fichead: there was a crew on board of twenty-six; bhuail i anns a’ Bhogha Mhòr far costa siar Thiriodh: she struck the Bogha [submerged rock] Mòr off the west coast of Tiree; astar ochd mìle-mara san uair: a speed of eight knots; bha i air a milleadh gu mòr: she was badly damaged; a’ briseadh an-àirde: breaking up; cha b’ fhada gus an robh eileanaich a’ dèanamh cobhair air na maraichean: it wasn’t long until islanders were helping the mariners; a-mach don luing-bhrisidh: out to the shipwreck; airson na b’ urrainn dhaibh a thoirt gu tìr mus tigeadh muinntir na cusbainn: to get what they could ashore before the customs and excise folk came; a’ tighinn gu tìr leis an tìde-mhara air tràighean an eilein: coming ashore with the tide on the island’s beaches; ri teicheadh a chur air na h-eileanaich: to chase away the islanders; botail fhalamh: empty bottles; thug X a chuid aodaich gu lèir dheth: X took all his clothes off.
Puing-chànain na Litreach: a-mach à Hamburg air a slighe a Ghlaschu agus an uair sin a Shìonaidh: out of Hamburg on her way to Glasgow and then to China. A couple of country names which end in ‘a’ have a dative form which terminates ‘aidh’, although not all dialects recognise this. The most obvious examples are Sìona ‘China’ – it becomes à Sìonaidh ‘from China’, and Ameireaga ‘America’ which becomes a dh’Ameireagaidh ‘to America’. But many country names do not inflect in this way. Thus we say a Chanada ‘to Canada’, à Latbhia ‘from Latvia’ and ann an Argentina ‘in Argentina’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Thug an sgiobair an t-òrdugh an soitheach a threigsinn: the captain gave the order to abandon [the] ship.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 463
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn