FaclairDictionary EnglishGàidhlig

666: Tòmas Garnett (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tòmas Garnett (1)

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson leabhar beag a dh’fhoillsich mi air ainmean-àite is dualchas Gàidhlig Inbhir Nis, thàinig mi tarsainn air na sgrìobhaidhean aig Tòmas Garnett. Bha Garnett air a’ Ghàidhealtachd dà bhliadhna ro dheireadh an ochdamh linn deug, agus sgrìobh e leabhar mu dheidhinn a thurais air an robh Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland.

Bha mi airson faighinn a-mach na chuala e fhèin de Ghàidhlig ann an Inbhir Nis. Sgrìobh e: English and Gaelic are spoken here promiscuously, though the language of the country people is Gaelic; the English is spoken with great purity, both with respect to pronunciation and grammar. Bha e ag ràdh gur e a bu choireach gun robh an cuid Beurla cho math – nach robh i na cànan màthaireil dhaibh, gun robh saighdearan Chrombail air buaidh a thoirt air cainnt an àite, agus gun robh glè bheag de chonaltradh ann eadar Inbhir Nis agus na sgìrean far an robh a’ Bheurla Ghallta ga bruidhinn.

’S dòcha gun cuireadh cuid teagamh air na co-dhùnaidhean aige, ach chuir an cunntas aige ris an argamaid a bha mi a’ dèanamh gun robh Gàidhlig ga bruidhinn gu mòr ann an Inbhir Nis, eadhon aig deireadh an ochdamh linn deug. Bha feadhainn a’ cumail a-mach nach robh Gàidhlig riamh air a bruidhinn ann an Inbhir Nis!

Ach carson a bha mi a’ smaoineachadh air Tòmas Garnett? Uill, a chionn ’s gun do dh’fhoillsich e cunntasan dhen dearbh rud air an robh mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh – seiches. Bha aon chunntas air a dhèanamh anns an t-Sultain, seachd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1784) mun Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha. ’S e am ministear anns a’ Cheannmhor a rinn an cunntas. Bha an gluasad-uisge cho mòr ’s gun do dh’fhàg e am bàgh anns a’ Cheannmhor tioram suas ri ceud slat a-mach bhon chladach mus do thill an t-uisge a-rithist le neart.

Leis gu bheil mi a-mach air Tòmas Garnett, bu mhath leam sùil a thoirt air an duine agus air na sgrìobh e mun Ghàidhealtachd. Rugadh e ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a sia (1766) ann am Westmoreland ann an Sasainn. Fhuair e cothrom ionnsachadh bhon lighiche agus fear-matamataig ainmeil, John Dawson. Bha e gu math dìcheallach agus tha e coltach nach robh beatha shòisealta aige idir.

Cheumnaich e mar dhotair ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1788). Cha do dh’obraich e a-mhàin mar lighiche, ge-tà. Bha e cuideachd a’ dèanamh rannsachadh saidheansail air uisge mèinneir agus eòlas aimsire.

Phòs e ann an seachd ceud deug, naochad ’s a còig (1795). Bha e air a chur roimhe eilthireachd a dhèanamh a dh’Ameireagaidh. Nuair a bha e ann an Liverpool, feuch na planaichean sin adhartachadh, fhuair e cuireadh òraidean a dhèanamh air feallsanachd nàdarrach. Dh’atharraich sin a bheatha. Cha deach e a-null thairis.

An àite sin, fhuair e obair mar àrd-ollamh ann an Ionad MhicAnndrais ann an Glaschu. ’S ann nuair a bha e ann an Glaschu a roghnaich e fhèin is a charaid, an neach-ealain W H Watts, cuairt a ghabhail air a’ Ghàidhealtachd. Bheir sinn sùil a bharrachd air a’ chuairt sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: màthaireil: mother (adjective); conaltradh: communication; dìcheallach: conscientious; cheumnaich: graduated; roghnaich: chose; neach-ealain: artist.

Abairtean na Litreach: a dh’fhoillsich mi: that I published; thàinig mi tarsainn air na sgrìobhaidhean aig: I came across the writings of; ro dheireadh an ochdamh linn deug: before the end of the eighteenth century; na chuala e fhèin de: what he himself heard of; gur e a bu choireach gun robh an cuid Beurla cho math: that what was responsible for their English being so good; gun robh saighdearan Chrombail air buaidh a thoirt air cainnt an àite: that Cromwell’s soldiers had affected the speech of the place; far an robh a’ Bheurla Ghallta ga bruidhinn: where Scots/the Lowland speech was spoken; gun cuireadh cuid teagamh air: that some would doubt; cunntasan dhen dearbh rud air an robh mi a’ bruidhinn: accounts of the very thing I was talking about; mun Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha: about Kenmore at the eastern end of Loch Tay; mus do thill an t-uisge a-rithist le neart: before the water returned again with force; cothrom ionnsachadh bhon lighiche agus fear-matamataig ainmeil: an opportunity to learn from the famous physician and mathematician; rannsachadh saidheansail air uisge mèinneir agus eòlas aimsire: scientific research on mineral water and meteorology; air a chur roimhe eilthireachd a dhèanamh: had decided to emigrate; feuch na planaichean sin adhartachadh: in an attempt to advance the plans; fhuair e cuireadh òraidean a dhèanamh: he received an invitation to give lectures; mar àrd-ollamh ann an Ionad MhicAnndrais: as a professor in Anderson’s Institution.

Puing-chànain na Litreach: suas ri ceud slat a-mach bhon chladach: up to a hundred yards out from the shore. Suas ri is a good translation of the English “up to” meaning “up to a number or measure”. Here are some other examples: bha suas ri dusan neach a’ feitheamh ris (there were up to a dozen people waiting for him); chaill mi suas ri ochd ceud not le bhith a’ cur geall (I lost up to eight hundred pounds by gambling). But note the use of suas gu in the following examples, where there is an actual increase of the number under consideration: chaidh an àireamh chluicheadairean ann an sgioba suas gu dusan (the number of players in a team went up to twelve); tha na th’ ann de mhairbh air a dhol suas gu fichead (the number of dead has gone up to twenty).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha deach e a-null thairis: he didn’t go overseas (expression used with motion).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 362

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean