FaclairDictionary EnglishGàidhlig

591: Bilidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bilidh

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson sgeulachd thraidiseanta innse dhuibh. ’S e an t-ainm oirre “Bilidh”. Chaidh a cruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha mi an dòchas gun còrd i ribh.

Bha uaireigin tuathanach ann. Bha mac aige air an robh Bilidh. Bhiodh Bilidh a’ goid rudan air daoine. Bhiodh e a’ goid air an duine-uasal faisg air làimh. Thàinig an duine-uasal. Thuirt e ris an tuathanach gum bu chòir dha ceàird ionnsachadh do a mhac. Cha bhiodh ceàird na b’ fheàrr na mèirle.

Cha robh an tuathanach toilichte ach chuireadh fios air Bilidh. Dh’fhaighnich an duine-uasal de Bhilidh am biodh e deònach mèirle ionnsachadh. Thuirt Bilidh gum bitheadh. Cha robh ceàird sam bith ann a b’ fheàrr a chòrdadh ris na mèirle.

Ged nach robh athair toilichte, chuir e an gille aige an òrdugh airson falbh a dh’ionnsachadh na mèirle. Dh’fhalbh Bilidh. Choinnich e ri duine air an rathad. Dh’fhaighnich an duine cà’ robh e a’ dol. Thuirt Bilidh gun robh e a’ dol a dh’ionnsachadh na mèirle agus gun robh maighstir a dhìth air.

“Is dona a’ cheàird a tha thu a’ dol a dh’ionnsachadh,” ars an duine. Agus dh’fhalbh e.

Cha b’ fhada a chaidh Bilidh nuair a thachair e ri triùir eile. Dh’fhaighnich iad cà’ robh e a’ dol. Thuirt Bilidh gun robh e a’ dol a dh’ionnsachadh na mèirle agus gun robh maighstir a dhìth air.

“Uill, uill,” arsa fear dhiubh. “Tha mise ag iarraidh gille airson na ceàirde sin. Bidh mi toilichte d’ fhastadh.”

Dh’fhalbh Bilidh leis an fhear eile. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Bha an duine ag iarraidh na rudan a bu luachmhoire na bhroinn a ghoid. Bha ròp aige. “Nise,” thuirt e ri Bilidh, “thèid thusa sìos an similear air an ròp. Cuir a h-uile rud luachmhor suas an similear. An uair sin bheir mise thu fhèin suas air an ròp.”

Air an oidhche, nuair a bha na daoine air a dhol a laighe, chaidh Bilidh air mullach an taigh-sheinnse. Leig a mhaighstir Bilidh sìos air an ròp. Nuair a bha Bilidh san rùm, chuir e a h-uile rud luachmhor suas an ròp. Ach theich am fear eile. Dh’fhàg e Bilidh shìos anns an t-seòmar.

Bha Bilidh ann an èiginn. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Sheall e mun cuairt. Lorg e seiche mairt. Bha adhaircean oirre. Chuir e timcheall air i. Thòisich e air sgriachail air feadh an t-seòmair.

Dh’èirich a’ bhean-mhuinntir. Las i solas agus dh’fhosgail i doras an t-seòmair. Nuair a chunnaic i Bilidh le seiche mairt is adhaircean air, ghabh i eagal. Ruith i a-mach às an rùm. Ghlaodh i ri a maighstir.

“Dè tha a’ cur ort?” ars a maighstir.

“Tha gu leòr,” ars ise. “Chunnaic mi an Donas!”

Chaidh am maighstir don rùm. Bhruidhinn e ris an “Donas”. “Dè chuir an seo thu?” thuirt e ris.

“Is tric a tha mi an seo,” fhreagair Bilidh. “Nuair a thig mi air an turas mu dheireadh, chan fhàg mi fiach snàthaid agad.”

“Dè ghabhas tu”, arsa fear an taigh-sheinnse, “agus gun tighinn tuilleadh? An gabh thu leth-cheud nota?”

“Cha ghabh,” fhreagair Bilidh. “Tha ceud beag gu leòr. Ach ma gheibh mi ceud, falbhaidh mi is cha tig mi tuilleadh.”

Agus chaidh Bilidh dhachaigh le ceud nota na phòcaid.

Faclan na Litreach: Bilidh: Billy; mèirle: thieving; taigh-seinnse: pub; theich: fled; adhaircean: horns; ghlaodh: shouted.

Abairtean na Litreach: chaidh a cruinneachadh ann am Barraigh: it [fem] was collected in Barra; bha uaireigin tuathanach ann: there was once a farmer; duine-uasal faisg air làimh: a gentleman nearby; gum bu chòir dha ceàird ionnsachadh do a mhac: that he should teach his son a trade; chuireadh fios air Bilidh: Billy was sent for; chuir e an gille aige an òrdugh: he organized his son; gun robh maighstir a dhìth air: that he needed a master [to teach him]; is dona a’ cheàird a tha thu a’ dol a dh’ionnsachadh: bad is the trade you are going to learn; cha b’ fhada a chaidh Bilidh: Billy had not gone far; bidh mi toilichte d’ fhastadh: I’ll be pleased to hire you; thèid thusa sìos an similear air an ròp: you’ll go down the chimney on the rope; cuir a h-uile rud luachmhor suas: send up all the valuable items; bheir mise thu suas: I’ll bring you up; nuair a bha na daoine air a dhol a laighe: when the people had gone to bed; ann an èiginn: in a tight fix; lorg e seiche mairt: he found a cow’s hide; thòisich e air sgriachail air feadh an t-seòmair: he began to scream throughout the room; dh’èirich a’ bhean-mhuinntir: the maid-servant arose; dè tha a’ cur ort?: what’s upsetting you?; chunnaic mi an Donas: I saw the Devil; chan fhàg mi fiach snàthaid agad: I’ll not leave you the worth of a needle; dè ghabhas tu, agus gun tighinn tuilleadh: what would you take not to return; ma gheibh mi ceud, falbhaidh mi: if I get a hundred [pounds] I’ll leave.

Puing-chànain na Litreach: Cha robh ceàird sam bith ann a b’ fheàrr a chòrdadh ris na mèirle: there was no trade which he would enjoy more than thieving. It’s another way of expressing a b’ fheàrr leis . Notice that in this type of expression the traditional Gaelic word order is different from English (in which the verb precedes the adverb). One might say a chòrdadh ris na b’ fheàrr na mèirle (note the comparative form na) but it’s not as elegant or gnàthasach. Here are some other examples with a mixture of tenses: B’ e sin an gèam a b’ fheàrr a chòrd rium riamh; ’S e sin am fìon as fheàrr a chòrdas rium le biadh Eadailteach; ’S e sin an rud a b’ fheàrr a chòrdadh ris a’ chù.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bhiodh Bilidh a’ goid rudan air daoine: Billy would steal things from people [note the traditional usage of the preposition “air” in this expression.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 287

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean