547: Comhairle Ghallach
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Comhairle Ghallach
Tha sinn fhathast ann an Gallaibh, a’ toirt sùil air dualchas Gàidhlig na sgìre sin tro bheul-aithris. O chionn ghoirid lorg mi comhairle Ghallach air a’ bhuaidh a bheir deoch làidir air duine. Tha a’ chomhairle ag innse mun bhuaidh a bheir aon ghlainne, dà ghlainne agus trì glainneachan air neach. Tha mi a’ ciallachadh an sin glainneachan de dh’uisge-beatha.
Mus toir mi a’ chomhairle dhuibh, seo agaibh abairt no dhà: Is miste mi sin – “I’m the worse for that”. Is fheàirrde mi sin – “I’m the better for that”. Cha mhiste mi sin – “I’m not the worse for that”. Agus chan fheàirrde mi sin – “I’m not the better for that”.
Seo a’ chomhairle, ma-thà: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste. Dà ghlainne, ’s fheàirrde ’s cha mhiste. Trì glainneachan, ’s miste ’s chan fheàirrde. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh sin. Seo e ann am Beurla: One glass, not the better of it and not the worse of it. Two glasses, the better of it and not the worse of it. Three glasses, the worse of it and not the better of it.
Lorg mi riaghailt eile dhen aon seòrsa agus tha seo a’ tighinn à Gallaibh cuideachd. Tha e a-mach air a’ chorp agus air an anam. The body and the soul. Seo a’ chomhairle: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e. Dà ghlainne, ’s fheàirrde mo chorp e, ’s cha mhiste m’ anam e. Trì glainneachan, ’s miste m’ anam e, ’s chan fheàirrde mo chorp e. Seo e a-rithist: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e. Dà ghlainne, ’s fheàirrde mo chorp e, ’s cha mhiste m’ anam e. Trì glainneachan, ’s miste m’ anam e, ’s chan fheàirrde mo chorp e. Tha mi an dùil gu bheil sibh ag aontachadh!
Nuair a bha mi ann an Gallaibh o chionn ghoirid chunnaic mi seann tobar ri taobh an rathaid mhòir eadar An t-Òrd Gallach agus Bearghdal. Tha feansa timcheall air. Agus tha clach ann air a bheil seo snaighte: “The Grey Hen’s Well. Erected by the Duke of Portland 1934”. Uill, bha mi airson faighinn a-mach ciamar a fhuair an tobar ainm. Agus bu mhath leam faighinn a-mach dè an t-ainm ceart air ann an Gàidhlig. Tobar na Circe Glaise, ’s dòcha?
Rinn mi beagan rannsachaidh agus fhuair mi trì diofar stòiridhean. Tha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm a-mach air cearcan a’ choilich-dhuibh a bhiodh a’ cruinneachadh anns an àite sin. Tha cuid eile ag ràdh gun robh uaireigin banntrach a’ fuireach faisg air an tobar. Bha grunn nighean aice agus bha iad uile air leth tarraingeach. Bhiodh fleasgaich na sgìre a’ dol a shuirghe leotha. Ach nuair a thigeadh ciaradh an fheasgair, bhiodh a’ bhanntrach a’ nochdadh airson iarraidh air a nigheanan a dhol dhachaigh. Bha i coltach ri seann chearc a’ trusadh a h-iseanan.
Ach saoilidh mi gur e an stòiridh mu dheireadh am fear as coltaiche. Bha banntrach a’ fuireach faisg air làimh. Bha an duine aice air a mharbhadh aig Blàr Bhatairliù. B’ e a far-ainm “The Grey Hen” ann an Gàidhlig – a’ Chearc Ghlas, tha mi an dùil. Às dèidh a bàis thuit an taigh aice às a chèile. Ach chaidh stairsneach an taighe a chur gu feum mar leac an tobair, far an cuir neach a ghlùinean fhad ’s a tha e a’ tarraing uisge. Agus mòran bhliadhnaichean às dèidh sin, chuir Diùc Phortland a’ chlach shnaighte ann mar chuimhneachan air a’ bhanntraich.
Faclan na Litreach: uisge-beatha: whisky; corp: body; anam: soul; snaighte: engraved, cut into stone; banntrach: widow; cuimhneachan: memorial.
Abairtean na Litreach: comhairle Ghallach air a’ bhuaidh a bheir deoch làidir air duine: Caithnessian advice on the influence strong drink has on a person; is miste mi sin: I’m the worse for that; cha mhiste mi sin: I’m not the worse for that; chan fheàirrde mi sin: I’m not the better for that; chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e: my body and soul are not the better of it and not the worse of it; eadar An t-Òrd Gallach agus Bearghdal: between the Ord of Caithness and Berriedale; gu bheil an t-ainm a-mach air cearcan a’ choilich-dhuibh: that the name recalls hens of the blackcock; a bhiodh a’ cruinneachadh: that would gather; bhiodh fleasgaich na sgìre a’ dol a shuirghe leotha: the young men of the area would go to court them; ciaradh an fheasgair: dusk; airson iarraidh air a nigheanan a dhol dhachaigh: to ask her daughters to go home; coltach ri seann chearc a’ trusadh a h-iseanan: like an old hen gathering her chicks; air a mharbhadh aig Blàr Bhatairliù: killed at the Battle of Waterloo; às dèidh a bàis thuit an taigh aice às a chèile: after her death, her house fell to pieces; chaidh stairsneach an taighe a chur gu feum mar leac an tobair: the house’s doorstep was used as the well’s slab; far an cuir neach a ghlùinean fhad ’s a tha e a’ tarraing uisge: where a person places his knees while he is drawing water.
Puing-chànain na Litreach: bha grunn nighean aice agus bha iad uile air leth tarraingeach: she had several daughters and they were all exceptionally attractive. When a noun of quantity eg mòran, beagan, tòrr, barrachd, tuilleadh is used to command another noun, the second goes in the genitive case. With singular examples, we’d say mòran airgid, beagan foghlaim, barrachd bìdh, tuilleadh òir , using the genitive forms of airgead, foghlam, biadh and òr . The same applies when the second noun is plural – it goes in the genitive plural eg mòran nighean, tòrr bhodach, barrachd chàraichean, tuilleadh thruinnsearan . The [traditional] genitive plural form of nighean is the same as the nominative singular – we say dithis nighean for two daughters ie “two of daughters”.
Gnàthas-cainnt na Litreach: gur e an stòiridh mu dheireadh am fear as coltaiche: that the final story is the likeliest (to be true).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 243
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn