FaclairDictionary EnglishGàidhlig

449: An Sguabag Bhealaidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Sguabag Bhealaidh

Gaelic Gàidhlig

Tha mi air bruidhinn mu thràth anns an Litir mun spòrs gheamraidh – cròladh no curling, mar eisimpleir ann an Litrichean ceud, ceathrad ’s a trì (143) agus dà cheud, ceathrad ’s a còig (245). Bha e car duilich dhomh, ge-tà, nach robh mi air mòran a lorg ann an sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn na spòrs sin.

Bha mi anns an leabharlann an latha eile agus lorg mi leabhar, a chaidh fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug, anns an robh òran Gàidhlig mu dheidhinn cròladh. ’S mi a bha toilichte! Tha briathrachas anns an òran a tha luachmhor, gu h-àraidh ma tha sinn gu bhith a’ dèanamh ceangal às ùr eadar an spòrs agus an cànan.

’S e tiotal an òrain An Sguabag Bhealaidh the broom brush. Mura h-eil sibh eòlach air cròladh, bithear a’ tilgeil chlachan mòra troma air deigh. Bidh feadhainn a’ sguabadh na deighe air thoiseach air a’ chloich. Tha sin a’ leaghadh na deighe agus bidh a’ chlach a’ dol nas fhaide. Mar sin, tha an sguabadh gu math cudromach mar phàirt dhen ghèam. Agus air latha fuar geamhraidh, gu h-àraidh a-muigh air loch reòite, ’s e sguabadh dòigh mhath airson a bhith a’ cumail blàth! Bhathar a’ cleachdadh bealaidh airson an sguabag a dhèanamh, ged a bha seileach air a chleachdadh bho àm gu àm cuideachd.

’S e am fear a sgrìobh an t-òran Pòl Camshron à Blàr Athall no, mar a chanadh iad san àm ud, Blàr an Athall. Rugadh Pòl ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1841). Bha Diùcan Athall am measg nan uaislean a bhrosnaich cròladh. Agus bha na daoine cumanta anns an sgìre sin fhathast gu math Gàidhealach anns an naoidheamh linn deug.

Tha a’ chiad rann a’ dol mar seo: Ged thig oirnne reoth’ ’s gailleann/Chuireas gròigeanaich don teallach/Thèid na cròlaich mach le farum/Chun a’ chath bu dual dhaibh.

’S e cròlach cluicheadair cròlaidh. Sin rud ùr dhomh. Chan fhaca mi am facal sin ann am faclair sam bith. Bha an Camshronach dhen bheachd gur e gaisgich a bh’ anns na cròlaich. Thèid na cròlaich mach le faram, sgrìobh e, nuair a tha daoine nach eil cho treun – na gròigeanaich – air an tàladh le teas an teine no an teallaich.

Seo an dàrna rann: Gur e an cròladh gaol nam bairean/Bheireas càil ’s ceòl is carthan/Slàinte crè is spioraid aigne/Nach bi lag no truaillte.

Tha an t-ùghdar gun teagamh a’ moladh a’ ghèam! Agus tha e a’ leantainn le sin anns an ath rann: Thig an t-aoghair, thig am baran/Thig an t-aosta, thig an gallan/Dh’ionnsaigh èire ghlas na carraid/’Thogas tlachd mun cuairt dhith.

’S ann anns a’ cheathramh rann a tha sinn a’ faighinn tuilleadh dhen bhriathrachas co-cheangailte ri cròladh:

“Sìos am bacan,” cluinn an sgiobair/ “Seòl dhomh clach ri taobh na bioraid.”/ Siud air falbh, an èiteag bhinneach/ ’S i air chrith na gluasad.

Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil bacan a’ ciallachadh hack – an rud a tha ceangailte ris an deigh air an cur cròlach a chas mus tilg e clach. Tha seòl dhomh clach ri taobh na bioraid a’ ciallachadh “aim a stone beside the stick” – bioraid no bioran a bh’ air a stobadh anns an deigh airson sealltainn do na cròlaich cà’ robh an tee. ’S i a’ chloich as fhaisge air an tee a bhuannaicheas an gèam. Gu mì-fhortanach cha do lorg mi a’ Ghàidhlig air tee fhathast.

Agus an èiteag bhinneach ? Mìnichidh mi sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: cròladh: curling; briathrachas: vocabulary; luachmhor: valuable; reòite: frozen; seileach: willow.

Abairtean na Litreach: spòrs gheamraidh: winter sport; bha e car duilich dhomh: it was a bit of a pity for me; nach robh mi air mòran a lorg ann an sgrìobhadh: that I hadn’t found much in written form; anns an naoidheamh linn deug: in the 19th Century; ceangal às ùr: a new link; bithear a’ tilgeil chlachan mòra troma air deigh: big heavy stones are thrown on ice; a’ sguabadh na deighe: sweeping the ice; air thoiseach air a’ chloich: ahead of the stone; a’ leaghadh na deighe: melting the ice; bhathar a’ cleachdadh bealaidh: broom [the plant] was used; Pòl Camshron à Blàr Athall: Paul Cameron from Blair Atholl; bha Diùcan Athall am measg nan uaislean a bhrosnaich cròladh: the Dukes of Atholl were among the gentry who encouraged curling; ged [a] thig oirnne reoth[adh] ’s gailleann: though freeze and storm should come upon us; [a] chuireas gròigeanaich don teallach: that puts no-hopers to the fireplace; chun a’ chath bu dual dhaibh: to the contest as was their custom; gur e an cròladh gaol nam baran: curling is beloved of the barons [ie gentry]; [a] bheireas càil ’s ceòl is carthan: which brings strength and music and charity; slàinte crè: health of body: spiorad aigne nach bi lag no truaillte: a spirit which is not weak or sullied; thig an t-aoghair: the farm servant[s] come[s]; thig an t-aosta, thig an gallan: the elderly come, the young men come [singular forms are used in the song]; [a] dh’ionnsaigh èire ghlas na carraid: towards the grey ice of the conflict; [a] thogas tlachd mun cuairt dhith: which causes pleasure all around; siud air falbh, an èiteag bhinneach: there she goes [away], the apex stone: air chrith na gluasad: vibrating as she moves; ’s i a’ chloich as fhaisge air X a bhuannaicheas: it’s the stone closest to X that wins.

Puing-chànain na Litreach: Here’s some of the Gaelic vocabulary for curling I was able to glean from the song (there’s more next week): sguabag: brush; cròlach; curler; sìos: [send] down [the stone]; bacan: hack; sgiobair: skip (team leader); seòl: aim; clach: curling stone; binneach: apical.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Thèid na cròlaich mach le faram: the curlers go out [on the ice] with a great noise, commotion.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 145

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean