FaclairDictionary EnglishGàidhlig

362: Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Gaelic Gàidhlig

Tha mo shùil air a’ Bhìoball an-dràsta – air Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh. Bidh feadhainn agaibh eòlach air mar a tha luchd-togail na cìse ann an Capernaum ag iarraidh air Peadar airgead cìse a thoirt dhaibh. “Nach bi ur maighstir a’ pàigheadh na cìse?” tha iad a’ faighneachd. Tha iad a’ ciallachadh Ìosa. Tha Peadar ag ràdh gum bi, ach seo mar a tha an gnothach a’ leantainn:

Nuair a chaidh e a-steach don taigh, labhair Ìosa ris, ag ràdh, “Ciod i do bharail-sa a Shimoin? Co bhuaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail càine no cìse? An ann bhon cloinn fhèin no bho choigrich?” Thuirt Peadar ris, “Bho choigrich.” Thuirt Ìosa ris-san, “Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor.”

“Gidheadh, gus nach toireamaid oilbheum dhaibh, imich thusa chun na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog a’ chiad iasg a thig a-nìos. Agus às dèidh dhut a bheul fhosgladh, gheibh thu bonn airgid. Gabh sin agus thoir dhaibh e air mo shon-sa agus air do shon fhèin.”

Bha seann chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd co-cheangailte ris an stòiridh sin. Gheibhear fiosrachadh air ann an Carmina Gadelica. Air Latha na Nollaige, bhiodh na fir òga ann an Uibhist ag iomradh a-mach bhon chladach seachd ceud buille ràmh ’s a seachd. Bhiodh iad a’ cur an dubhan sìos, mar a rinn Peadar anns a’ Bhìoball, agus iasg sam bith a gheibheadh iad, bhiodh iad a’ toirt sin gu daoine bochda. ’S e an t-ainm a bh’ air sin Dèirce Pheadair. Dèirce Pheadair.

Tillidh mi do na seachd ceud buille ràmh ’s a seachd ann am mionaid. Ach tha beul-aithris inntinneach co-cheangailte ri iasg a gheibhear ann an Alba agus an stòiridh mu Pheadar. Chuala mi fhìn an dearbh sgeul aig seann bhoireannach air a’ Chomraich nuair a bha mi òg. ’S e an t-iasg an adag. Bha àite ann far am bithinn fhìn a’ glacadh mòran èisg, air an robh “Clach na h-Adaig”. Ach bha sinn a’ glacadh iasg eile ann cuideachd – a’ chaoiteag.

Tha an dà iasg sin car coltach ri chèile ach gu bheil ceann nas fhaide air a’ chaoiteig agus gu bheil dà bhall dhubh air cliathaich na h-adaig. “Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig,” chanadh na seann daoine. Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig. Bhiodh na seann Ghàidheil a’ cantainn “iasg Pheadair” ris an adaig oir bhathar ag ràdh gur e corragan Pheadair a dh’fhàg an dà bhall dhubh air. Sin nuair a thog Peadar an t-iasg airson an t-airgead a thoirt a-mach às a’ bheul aige.

Ach carson a bha Dèirce Pheadair co-cheangailte ris an àireamh seachd ceud ’s a seachd? Dh’fhaodainn a bhith ceàrr ach chan aithne dhomh gu bheilear ag ainmeachadh na h-àireimh sin anns a’ Bhìoball. Ach tha i ri lorg ann am beul-aithris na h-Èireann.

Bha dà threubh ann a bha a’ sabaid an aghaidh a chèile – na Fomorianaich agus na Milesianaich. ’S iad na Milesianaich a bh’ air a bhith ann na b’ fhaide. Dh’fhàs iad uile sgìth dhen t-sabaid agus dh’aontaich iad gum biodh deuchainn air na Fomorianaich. Bhiodh iad ag iomradh seachd ceud buille ràmh ’s a seachd a-mach bhon chladach. Agus, bhiodh iad an uair sin a’ feuchainn ri faighinn air ais gu tìr.

Shoirbhich leotha. Rinn iad tuineachadh ann an ceann a deas na h-Èireann. Agus feumaidh gun deach an àireamh sin – seachd ceud ’s a seachd – a-steach gu cleachdaidhean Crìosdail nuair a thug Crìosdachd buaidh air na Gàidheil.

Faclan na Litreach: dubhan: hook; bonn: coin; A’ Chomraich: Applecross; treubh: tribe; Fomorianaich: Fomorians; Milesianaich: Milesians.

Abairtean na Litreach: Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh: The Book of Matthew in the New Testament; luchd-togail na cìse: the tax collectors; nach bi ur maighstir a’ pàigheadh na cìse?: doesn’t your master pay the tax?; tha iad a’ ciallachadh Ìosa: they mean Jesus; ciod i do bharail-sa a Shimoin?: what is your opinion, Simon?; co bhuaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail cìse?: from whom do the kings of the earth collect tax?; bhon cloinn fhèin no bho choigrich?: from their own children or from strangers?; gus nach toireamaid oilbheum dhaibh: so that we do not offend them; imich thusa chun na fairge: you go to the sea; a’ chiad iasg a thig a-nìos: the first fish that comes up; thoir dhaibh e air mo shon-sa agus air do shon fhèin: give it to them on my behalf and on yours; Latha na Nollaige: Christmas Day; bhiodh na fir òga ag iomradh a-mach seachd ceud buille ràmh ’s a seachd:the young men would row out 707 oar strokes; Dèirce Pheadair: Peter’s Charity; ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig:black spot on the haddock, long snout on the whiting; chan aithne dhomh gu bheilear ag ainmeachadh na h-àireimh sin: I don’t know that that number is named [given]; dh’aontaich iad gum biodh deuchainn air X: they agreed that X would be tested; shoirbhich leotha: they succeeded; rinn iad tuineachadh: they created a colony; cleachdaidhean Crìosdail: Christian practices; nuair a thug Crìosdachd buaidh air na Gàidheil: when Christianity came to dominate the Gaels.

Puing-chànain na Litreach: gu bheil dà bhall dhubh air cliathaich na h-adaig : that there are two black spots on the side of the haddock. Did you notice that I lenited the adjective, even though the phrase is in the nominative case and that the noun ball is masculine? This is a good rule to remember (and note that the adjective has its singular form). We say dà chù dhubh (two black dogs), dà bhonnach bheag (two small cakes) and dà chat bhàn (two fair cats), and there is a reference in the Bible to dà iasg bheag (two little fish). commands the old dual case in Gaelic. Where the entire phrase is nominative, the form of the noun is equivalent to the lenited dative singular (and thus traditionally slenderised if feminine – at least where slenderisation is possible). But the adjective, although lenited, is not slenderised. Here are examples with feminine nouns: dà chluais bheag (two small ears), dà shùil dhubh (two black eyes), dà ghalla bhàn (two fair bitches), mo dhà làimh shalach (my two dirty hands).

Gnàthas-cainnt na Litreach: dh’fhaodainn a bhith ceàrr : I could be wrong [I might be mistaken].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 58

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean