FaclairDictionary EnglishGàidhlig

329: Clasaichean Gàidhlig

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Clasaichean Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

Bha uair ann nuair a bhithinn a’ teagasg na Gàidhlig ann an clasaichean feasgair fo sgeama nàiseanta. Tha mi a’ ciallachadh le “sgeama nàiseanta” gu robhar a’ toirt seachad teisteanas. Bha agam ri cumail ri curraicealam, agus bha aig na h-oileanaich ri deuchainnean a shuidhe. Ach am b’ urrainn dhaibh còmhradh a chumail a dol ann an Gàidhlig? Bha na h-ùghdarrasan teisteanais coma mu dheidhinn sin. Ach cha robh mise.

Bha liosta agam de na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich a chaidh tron chùrsa. Dh’fheumadh iad a bhith comasach air biadh òrdachadh agus ticead rèile a cheannach ann an Gàidhlig. Uill, chan ann tric a dh’òrdaich mi fhìn biadh ann an Gàidhlig, feumaidh mi aideachadh. Agus dè cho tric ’s a cheannaich mi ticead airson trèana sa chànan? Cha do cheannaich a-riamh. Bidh a’ chuid as mò de Ghàidheil a’ cur seachad am beatha gu lèir, chanainn, gun a bhith a’ ceannach ticead rèile ann an Gàidhlig.

’S e a’ phuing a tha mi a’ dèanamh nach bu chòir cùrsaichean airson mion-chànan mar a’ Ghàidhlig a bhith co-ionann ri cùrsa airson cànan mòr mar Spàinntis no Fraingis. Bhiodh e gu math feumail do dhuine comas a bhith aige ticead trèana a cheannach ann an Spàinntis no Fraingis, oir bidh an sgil sin riatanach ma thèid e do dhùthaich mar an Spàinnt is an Fhraing.

Air an aon dòigh saoilidh mi nach eil leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig stèidhichte air modal airson chànanan cèin cho feumail ri feadhainn a chaidh a sgrìobhadh a dh’aona-ghnothach airson na Gàidhlig. Tha mòran a’ nochdadh annta a tha rudeigin coimheach.

Thàinig leabhar a-mach an-uiridh bhon chompanaidh Geddes and Grosset air a bheil an t-ainm Gaelic Phrasebook. Tha dà rud math mu dheidhinn – a’ phrìs (trì not’ ach sgillinn) agus an t-ùghdar – am fear-naidheachd Sgitheanach, Màrtainn Dòmhnallach, aig a bheil Gàidhlig bhrèagha. Tha mòran rudan ann a tha sìmplidh gu leòr, agus glè mhath do luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleirCàite bheil iuchar an dorais seo? Nach brèagha an là a th’ ann? Agus... Tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...! A, uill, ’s dòcha nach bi am fear mu dheireadh cho feumail, ma tha thu a’ bruidhinn Gàidhlig ri fear-bùtha sna Hearadh!

B’ fheudar do Mhàrtainn teamplaid eadar-nàiseanta a leantainn, oir tha an aon dreach air an leabhran ann an iomadach cànan, agus sin far a bheil na h-annasan a’ nochdadh ann. Chan eil fhios a’m dè cho tric ’s a chanadh tu, chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid nodè th’ ann am marag dhubh? ach tha abairtean eile ann a tha feumail, leithid chan eil airgead gu leòr agam no bha am biadh air leth.

Bha aig Màrtainn ri bhith modhail. Airson the toilet is blocked, sgrìobh e tha na goireasan tachdte. Agus bha aige ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: bheil neach-treòir le Beurla ann? Chan urrainn dhomh suidheachadh sam bith a chruthachadh nam inntinn nuair a bhiodh an abairt sin gu feum!

Ach dh’fhaodadh an earrann dhen leabhar mu dheidhinn siubhal air bàtaichean-aiseig a bhith feumail oir a rèir Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn, ma bhruidhneas tu ann an Gàidhlig ri fear no tè dhen chriutha a thuigeas an cànan, feumaidh iad freagairt ann an Gàidhlig. Ach saoil am faigheadh tu freagairt onarach do cheist mar am bi am bàta tulgadh cus ri droch shìde?!

Agus – mar a bhiodh dùil – tha an abairt seo ann a bhios gu feum ann an stèisean rèile – bileag shingilte gu Glaschu, ler toil. Bidh na h-ùghdarrasan teisteanais toilichte mu dheidhinn sin!

Faclan na Litreach: curraicealam: curriculum; teamplaid: template; bàtaichean-aiseig: ferries; Caledonian Mac a’ Bhriuthainn: Caledonian MacBrayne.

Abairtean na Litreach: bha uair ann nuair a bhithinn a’ teagasg: there was a time when I would teach; gu robhar a’ toirt seachad teisteanas:that a certificate was granted; coma mu dheidhinn sin: indifferent to that; na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich:the skills the students would require; comasach air ticead rèile a cheannach: capable of buying a rail ticket; feumaidh mi aideachadh:I must admit; a’ cur seachad am beatha gu lèir: spend their entire lives; cùrsaichean airson mion-chànan a bhith co-ionann ri:courses for a minor language [should be] equivalent to ; bidh an sgil sin riatanach ma thèid e do dhùthaich mar an Spàinnt is an Fhraing:that skill will be necessary if he goes to a country like Spain or France; tha mòran a’ nochdadh annta a tha rudeigin coimheach:many [things] appear in them which are rather strange; am fear-naidheachd Sgitheanach, Màrtainn Dòmhnallach, aig a bheil Gàidhlig bhrèagha:the Skye journalist, Martin MacDonald, who has excellent Gaelic; tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!:I’m very sorry – I’m a foreigner!; chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid: a table on the terrace would be good; dè th’ ann am marag dhubh?: what is a black pudding?; chan urrainn dhomh suidheachadh sam bith a chruthachadh nam inntinn: I can’t create a situation in my mind; saoil am faigheadh tu freagairt onarach?: do you think you would get an honest answer?; am bi am bàta tulgadh cus ri droch shìde?: does the boat toss a lot in wild weather?; a bhios gu feum ann an stèisean rèile: which will be of use in a railway station; bileag shingilte gu Glaschu, ler toil: a single ticket to Glasgow, please; bidh na h-ùghdarrasan teisteanais toilichte: the education authorities will be pleased.

Puing-chànain na Litreach: trì not’ ach sgillinn: [lit. three pounds, but a penny] This is the Gaelic for £2.99 – it is easier to say than “dà nota, naochad ’s a naoi sgillinn” or “dà nota, ceithir fichead sgillinn ’s a naoi-deug”and is perfectly legitimate. Here are some other examples: còig nota deug ach sgillinn (£14.99); seachd nota fichead ach sgillinn (£26.99); seachd nota ach còig sgillinn (£6.95); naoi nota deug ach còig sgillinn (£18.95).

Gnàthas-cainnt na Litreach: nach brèagha an là a th’ ann? isn’t it a fine day?.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 25

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean