Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu na Leathanaich a bha a’ fuireach air oighreachd ceann-cinnidh nan Siosalach, is mar a dh’fheuch an
Siosalach ri dearbhadh gu robh iad ri buidseachd. Dh’aontaich a’ Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann ri iarrtas an t-Siosalaich airson coimisean a chur
air chois airson a’ chùis a sgrùdadh. Bha an Siosalach fhèin, a bhràthair agus co-oghaichean aca nam buill dhen choimisean.
Chaidh na Leathanaich don cheann-chinnidh acasan, feuch taic fhaighinn. Bha sin a dh’aindeoin ’s gu robh iad air a bhith a’ fuireach airson dhà no thrì
cheud bliadhna air fearann nan Siosalach. B’ e ceann-cinnidh nan Leathanach Sir Ailean MacIlleathain à Dubhaird, ann am Muile. Chuir esan tagradh don
Chomhairle Dhìomhair, agus tharraing iadsan an cead, a thug iad roimhe, don t-Siosalach, airson a’ choimisein.
Tha e inntinneach coimhead air na h-ainmean a bh’ air feadhainn de na Leathanaich. Ged is e “Maclean” a bh’ air cuid, a rèir clàr-obrach na Comhairle, cha
robh air feadhainn eile ach sloinnidhean – mar eisimpleir Janet nighean Ruairidh Bhuidhe agus Katherine nighean Eòghainn mhic Coinnich. Bha aon tè ann air
an robh “Bakie” mar ainm – Bakie nighean Iain Duibh Mhic Fhionnlaidh. ’S dòcha gur e “Peigi” a thathar a’ ciallachadh.
Bha na casaidean an aghaidh an t-Siosalaich gu math làidir. Chuir Sir Ailean MacIlleathain as a leth gun do ghabh e gràin mhòr air na Leathanaich a chionn
’s nach deach aige air am fuadachadh bhon fhearann aige gu laghail. Thuirt e gun deach geur-leanmhainn a dhèanamh air na Leathanaich. Thuirt e gu robh iad
air an crochadh bhon òrdagan is gun deach buinn an casan a losgadh a dh’aona-ghnothach le bhith air an cumail faisg air teine. Thuirt e gur ann às dèidh
gun deach droch-dhìol a dhèanamh orra, a “dh’aidich” cuid gu robh iad air a bhith an sàs ann am buidseachd.
An àite dhol a Dhùn Èideann, chaidh aontachadh gun toireadh fear de bhàillidhean Inbhir Nis sùil air an fheadhainn a bha a’ cumail a-mach gun do
dh’fhuiling iad droch làimhseachadh fhad ’s a bha iad sa phrìosan fo òrdugh an t-Siosalaich. B’ esan Fionnladh Friseal. Thug e sùil air na casan is air na
làmhan aca, feuch comharra fhaicinn de ròp no losgadh no rudeigin dhen t-seòrsa sin. Tha e coltach nach do lorg e dad.
Dè thachair, ma-thà, do “bhuidsichean is bana-bhuidsichean” Shrath Ghlais? Uill, tha e coltach gun do chaochail feadhainn dhiubh sa phrìosan. B’ iad sin an
fheadhainn nach do dh’aidich a-riamh gu robh iad air a bhith ri buidseachd. Ach an fheadhainn a dh’aidich – uill, tha e coltach gun d’ fhuair iadsan dheth
oir cha deach an coimisean, a bha a’ dol gan sgrùdadh, ath-nuadhachadh. Tha fhathast feadhainn air a bheil “MacIlleathain” a’ fuireach anns an sgìre sin,
agus tha iad ag ràdh gu bheil iad air a bhith ann a sin airson ceudan bhliadhnaichean.
’S dòcha gu bheil cuimhne agaibh air MacPheadrais – air an tug mi iomradh an t-seachdain sa chaidh. B’ esan am fear a bhiodh a’
“dearbhadh” gu robh duine ri buidseachd le bhith a’ stobadh prìne pràise a-steach ann. Uill, tha mi ag ràdh “fear”, ach tha e coltach nach e fear a bh’ ann
idir – ach boireannach a bha a’ dol timcheall ann an riochd fir, le aodach fir oirre. Ann an seachd ceud deug, trithead ’s a sia (1736), chaidh cur às don
achd a leig le droch dhaoine mar sin prothaid a dhèanamh à fulangas dhaoine eile.