FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1242: Bàrd Mhealaboist (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Mhealaboist (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain, agus an dàn aige “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. Dè an rud a bu mhotha a bha am bàrd ag ionndrainn, agus e air prèiridh Mhanitòba? Chanainn gur e an taigh-cèilidh a bh’ ann. Anns an treas rann, tha e a’ sgrìobhadh gum b’ fheàrr leis a bhith ann am ‘bothan-tughaidh [le] teine-mònach air an ùrlar’.

Anns a’ cheathramh rann, tha e a’ dèanamh tuairisgeul de na caractaran anns an taigh-chèilidh:

Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil
Nam biodh bunag chrèadh ʼs ceò ac’,
Gillean ʼs iad a’ snìomh nan snòta
ʼS luchd mo rùin-sa cruinn a’ cèilidh.

Anns an ath rann, tha am bàrd a’ cruthachadh dealbh de sheann saighdear a’ bruidhinn mu na cathan anns an robh e an sàs. Dè bha e a’ togail, a’ toirt a’ chreidsinn gur e raidhfil a bh’ ann? Bha clobha – rud leis am bite a’ làimhseachadh fàdan anns an teine. Seo an rann:

Bhiodh seann shaighdear nan ceud cruaidh-chath
Leis a’ chlobha air a ghualainn,
Dealbh dhuinn mar a thug a’ bhuaidh air
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.

Is mathaid gun robh Murchadh a’ dèanamh beagan fealla-dhà an seo. ʼS e ‘saighdearan a’ chlobha’ a chanadh feadhainn ris na fir a bha a’ fuireach aig an taigh, seach a bhith a’ falbh gu cogadh. Math dh’fhaodte nach robh an seann saighdear air a bhith an sàs ann an ceud cruaidh-chath, mar a tha e a’ cumail a-mach!

Agus, a rèir choltais, bhiodh na sgeulachdan is naidheachdan aig na seann seòladairean cho math ris an fheadhainn aig na seann saighdearan. Seo agaibh an còigeamh rann:

Bhiodh seann sheòladair ʼs air stòl e’
ʼG innse na seachd-cuain gun d’ sheòl e,
ʼS nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheidheadh ga èisteachd.

Agus a-nise an rann mu dheireadh. Seo far an nochd an abairt shuaicheanta ainmeil ‘chan eil cèilidh air a’ phrèiridh’.

Ach càite, càite nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a’ phrèiridh,
ʼS ò, chan fhaic mi ʼn àm dhomh èirigh
ʼN-àirde ʼg èirigh ceò na mònach.

Bha iomadach cuspair, a bharrachd air cianalas, aig Bàrd Mhealaboist na bhàrdachd. Bha e ag obair le còmhlan-ciùil a dh’fhàs fìor ainmeil ann an saoghal nan Gàidheal – Na h-Òganaich. Am measg òrain Mhurchaidh a sheinn an còmhlan air an àrd-ùrlar, bha òran-gaoil aotrom air a bheil “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn”. Seo agaibh a’ chiad rann agus an t-sèist:

Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain
No snuadh na bùtha ʼchur air a gruaidhean,
No dath a cheannach gu dath a cuailein,
ʼS e mar an canach aig sàil nam fuar-bheann.

ʼMhòrag, leat shiùbhlainn gun chùram gu cùl na gealaich,
ʼS mìlse leam do phògan gu mòr na na cìrean-meala.
D’ fhaighinn dhomh mar òg-bhean
Mo dhòchas tha na do ghealladh.

Tha adhbhar ann airson a bhith ag ainmeachadh cùl na gealaich ‘the far side of the moon’. Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh ann an naoi ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1969). B’ e sin a’ bhliadhna a chuir daoine an casan air a’ ghealaich airson a’ chiad turais. Dà bhliadhna an dèidh sin, bhuannaich na h-Òganaich farpais nan còmhlan aig a’ Mhòd Nàiseanta. Bha dà òran le Murchadh MacPhàrlain aca, agus b’ e “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn” fear dhiubh.

Faclan na Litreach: Bàrd Mhealaboist: the Melbost Bard; Murchadh MacPhàrlain: Murdo MacFarlane; prèiridh Mhanitoba: the Manitoba prairie; clobha: tongs; is mathaid: perhaps; fealla-dhà: joking; stòl: stool; suaicheanta: iconic; còmhlan-ciùil: music group, band; òran-gaoil aotrom: a light love-song; leat shiùbhlainn: I would go with you.

Abairtean na Litreach: Dè an rud a bu mhotha a bha am bàrd ag ionndrainn?: what was the bard missing most?; bothan-tughaidh [le] teine-mònach air an ùrlar: a thatched bothy with a peat fire on the floor; bhiodh na bodaich rianail, dòigheil: the old men would be content and happy; nam biodh bunag chrèadh ʼs ceò ac’: if they had a clay pipe and a smoke; a’ snìomh nan snòta: twisting the horsehair for the fishhooks; luchd mo rùin-sa cruinn a’ cèilidh: my loved ones ceilidhing together; na cathan anns an robh e an sàs: the battles in which he was involved; a’ toirt a’ chreidsinn gur e raidhfil a bh’ ann: pretending that it was a rifle; leis am bite a’ làimhseachadh fàdan: with which peats would be handled; dealbh dhuinn mar a thug a’ bhuaidh air: painting a picture for us of how victory was won; mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh: by the sons of the cold mountains, the men of the kilt; seach a bhith a’ falbh gu cogadh: rather than leaving for war; na seachd-cuain gun d’ sheòl e: the seven seas he sailed; gillean òga dheidheadh ga èisteachd: young lads would go to listen; gu dath a cuailein: to colour her hair; canach aig sàil nam fuar-bheann: bog cotton at the base of the cold mountains; mo dhòchas tha na do ghealladh: my hope is in your promise.

Puing-chànain na Litreach: seann shaighdear nan ceud cruaidh-chath: an old soldier of the hundred hard battles. I said seann saighdear whereas Murdo wrote seann shaighdear. This is a ‘dialectal’ difference. In some dialects (for example in Point) the placing of the adjective seann in front of any noun causes the usual lenition of the noun (e.g. seann charbad, seann bhoireannach). However, traditionally, a terminal n (or d, t or s) would block the lenition of the following noun (it’s why we generally say seann duine rather than seann dhuine). Both models exist side-by-side in the modern era.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain no snuadh na bùtha ʼchur air a gruaidhean: my love doesn’t need to put on false eyelashes or put shop-bought colour on her cheeks.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 938

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean