FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1188: Eòin na Droch Shìde

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eòin na Droch Shìde

Gaelic Gàidhlig

Ciamar a tha fios agaibh gu bheil uisge air an rathad – gum bi i fliuch an ceann ùine ghoirid? Tha fhios a’m ... bidh sibh a’ coimhead air ro-shealladh air an aimsir air a’ fòn-làimhe no coimpiutair agaibh! Ach ciamar a bhiodh ar sinnsearan a’ dèanamh an aon rud? Tha cuimhne agam air bràthair mo sheanmhar air a’ Chomraich – fear a bha na iasgair. Bhuineadh e don àite agus bha e làn Gàidhlig. Bhiodh esan a’ coimhead air na sgòthan agus air an àirde às an robh a’ ghaoth a’ tighinn. Mar a bu trice, bha an ro-shealladh aigesan ceart.

Gu tric, ge-tà, a rèir beul-aithris, bhiodh na seann Ghàidheil a’ coimhead air na h-eòin. Mar eisimpleir, ann an sgìre Gheàrrloch bhite ag ràdh Nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’. ʼS e Breac an t-Sìl eun beag brèagha, dubh-is-geal – le earball fada – air a bheil pied wagtail ann am Beurla. Saoil am bi e a’ tighinn nas dlùithe ri taighean nuair a tha uisge air an rathad?

Tha am Breacan-baintighearna càirdeach do bhreac an t-sìl. Tha e a’ giùlan an ainm grey wagtail ann am Beurla. Nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe no am measg nan cearc, bhiodh daoine dhen bheachd gun leanadh droch shìde. Bhiodh a’ Bhrù-gheal no wheatear cuideachd ag innse do dhaoine gun robh droch shìde anns an amharc. Nam biodh cuideigin a’ faicinn an eòin seo na sheasamh air clach, mar chiad shealladh dheth san latha, cha bhiodh stoirm fad-às.

Bha beachd na bu mhiosa air eun beag eile – a tha car coltach ris a’ Bhrù-gheal – ris an canar an Clacharan no stonechat. Ged as e deagh rud a bhiodh ann a leithid fhaicinn air sgèith, ʼs ann olc a bhitheadh e nam biodh an t-eun na sheasamh air clach. Tha abairt ann: Chunnaic mi clacharan air clach lom, ʼs dhʼaithnich mi nach dʼ rachadh a’ bhliadhna leam. Bhiodh barrachd na droch shìde a’ feitheamh ribh!

Chlàir an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd (1660-1709), cleachdaidhean is beul-aithris nan Gàidheal Albannach anns an t-seachdamh linn deug. Am measg sin, bha gum biodh beachd aca air an aimsir le bhith a’ dèanamh coimeas, anns a’ mhadainn, eadar dà eun mhòr dhubh. Sin am fitheach agus an fheannag. Nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig sa mhadainn, bhiodh deagh latha ann. Nam biodh an fheannag a’ gairm an toiseach, bhiodh droch shìde ann.

Bha ar sinnsearan cuideachd dhen bheachd gun innseadh a’ Chomhachag nuair a bhiodh uisge mòr a’ tighinn. Chanadh iad Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn. Agus tha daoine dhen bheachd, ma chluinneas iad an Lon-dubh a’ seinn gu h-àrd agus gu snasail, nach fhada gum bi an t-uisge ann.

An coimeas ri sin, bidh seinn a’ Bhrù-dheirg ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn. Nuair a bhios brù-dearg na shuidhe ann am preas no callaid, agus e a’ gairm le guth beag, bidh droch shìde ann. Ach air feasgar samhraidh, eadhon ged a bhios e sgòthach, bagairteach, bidh seinn sunndach an eòin ag innse dhuinn gum bi deagh latha ann air an làrna-mhàireach.

Agus dè mu dheidhinn fear de na h-eòin as fheàrr leam – an Uiseag? Ma sheinneas uiseag air latha fliuch, chan fhada gum bi i na turadh.

Faclan na Litreach: sinnsearan: ancestors; càirdeach: related; olc: bad; Cuimreach: Welsh; brù-dearg: robin; preas: bush; callaid: hedge.

Abairtean na Litreach: gum bi i fliuch an ceann ùine ghoirid: that it will be wet in a short time; a’ coimhead air ro-shealladh air an aimsir air a’ fòn-làimhe no coimpiutair agaibh: looking at the weather forecast on your mobile phone or computer; bràthair mo sheanmhar air a’ Chomraich: my grandmother’s brother in Applecross; bhuineadh e don àite agus bha e làn Gàidhlig: he belonged to the place and he was full of Gaelic [i.e. fluent]; an àirde às an robh a’ ghaoth a’ tighinn: the direction the wind was coming from; ann an sgìre Gheàrrloch bhite ag ràdh: in the Gairloch area it would be said; nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’: when you can see the pied wagtail, you’ll see rain; nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe no am measg nan cearc: if it would be seen close to the house door or among the hens; nam biodh cuideigin a’ faicinn an eòin seo na sheasamh air clach: if somebody was seeing this bird standing on a stone; cha bhiodh stoirm fad-às: a storm would not be far away; chunnaic mi clacharan air clach lom, ʼs dhʼaithnich mi nach dʼ rachadh a’ bhliadhna leam: I saw a stonechat on a bare stone, and I recognised the year would not go [well] with me; le bhith a’ dèanamh coimeas eadar dà eun mhòr dhubh: by comparing two large black birds; nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig: if the raven called before the hoodie crow; tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn: the barn owl is calling sadly, there will be floods; ma chluinneas iad an Lon-dubh a’ seinn gu h-àrd agus gu snasail: if they hear the blackbird singing strongly and sweetly; ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn: telling us whether [or not] it’s good weather or bad weather that is in prospect; eadhon ged a bhios e sgòthach, bagairteach: even though it is cloudy and threatening; gum bi deagh latha ann air an làrna-mhàireach: that it would be a good day the next day; ma sheinneas uiseag air latha fliuch: if a skylark sings on a wet day.

Puing-chànain na Litreach: chan fhada gum bi i na turadh: it’s not long until there will be a break in the rain/a spell of dry weather. If weather to you is feminine (and the nouns sìde and aimsir are both feminine) you would use the feminine singular pronoun ‘i’ when discussing it. Thus, in this construction, turadh is not lenited [we are saying literally ‘in her dry spell’. However, if you are more comfortable making it masculine [saying tha e blàth rather than tha i blàth], you would say tha e na thuradh [lit. it’s in his dry spell’]. If you wish to avoid that choice, just say gus am bi turadh ann. Tha turadh ann an-dràsta ‘it’s dry at the moment’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gu bheil uisge air an rathad: that rain is on the way.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 884

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean