FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1186: Clann 'ic Coinnich na Cùile (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Clann 'ic Coinnich na Cùile (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chlann ʼic Coinnich na Cùile ann an Siorrachd Rois, agus gu seachd àraidh mun Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich. Bha esan na eòlaiche-saidheans ainmeil ach cuideachd na uachdaran brùideil a dh’fhuadaich baile Inbhir Lathail taobh Loch a’ Bhraoin ann am meadhan a’ gheamhraidh.

ʼS e Seòras a thog Taigh mòr na Cùile – am fear a tha na sheasamh an-diugh – ann an Cunndainn ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a h-aon (1821). Tha e a-nise na thaigh-òsta spaideil air a bheil Coul House Hotel. Phòs Seòras dà thuras agus bha aon duine deug de chloinn aige – ochdnar mhac agus triùir nighean.

B’ e an ceathramh mac aige Raibeart Ramsay MacCoinnich. Rugadh e anns a’ Chùil. Aig aois fichead rinn e eilthireachd a Chuimrigh Nuadh a Deas ann an Astràilia far an robh a bhràthair Seumas mu thràth. Bha seachd ceud gu leth not aige na phòcaid – airgead mòr aig an àm sin. Cheannaich Raibeart agus Seumas tuathanas còmhla ach cha deach gu math leotha agus b’ fheudar do Raibeart iarraidh air a theaghlach tuilleadh airgid a chur thuige.

Cha do rinn e adhartas, ge-tà, agus chaidh a chomharrachadh mar bhanca-briste ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a ceithir (1844). Taobh a-staigh trì bliadhna bha e air a chùisean a chur ann an òrdugh agus bha e a-nise na mhaighstir-lagha!

Aig deireadh nan caogadan, bha Raibeart a’ fuireach ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuadh a Deas. Rinneadh tuineachadh ùr an sin – Tìr na Banrigh. Chaidh Raibeart an sàs ann am poilitigs. Bha e na Ionmhasair aig an riaghaltas. Cha robh sin dona airson fear a bha banca-briste beagan bhliadhnaichean roimhe!

Dh’èirich e gu bhith na Phrìomhaire ann an Tìr na Banrigh ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867). Bha e anns an dreuchd airson dìreach sia mìosan deug. Bha mi a’ cur na ceist orm fhìn – saoil an robh Gàidhlig aige? Chan eil fhios a’m.

Co-dhiù, airson crìoch a chur air a sgeul, fhuair e an tighearnas, no baronetcy, nuair a chaochail a bhràthair Uilleam. Thill e a dh’fhuireach ann an Alba ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a h-aon (1871).

Thòisich mi air sùil a thoirt air Clann ʼic Coinnich na Cùile le bhith a’ beachdachadh air ainmean-àite far a bheil Mackenzie anns an ainm. Tha àiteachan ann an Tìr na Banrigh air a bheil Mackenzie, leithid Mackenzie fhèin, fo-bhaile ann am Brisbane. Agus tha sgìre ann air a bheil Mackenzie. Tha sin suidhichte ann an roinn dhen stàite ris an canar Central Highlands. Uill, tha sin iomchaidh!

Bha mi an dùil gum biodh iad math dh’fhaodte air an ainmeachadh an dèidh an fhir a bha na phrìomhaire. Ach cha robh. Tha an sgìre air a bheil Mackenzie a’ faighinn ainm bho Abhainn MhicCoinnich, the Mackenzie River. Chaidh an abhainn ainmeachadh leis an neach-rannsachaidh ainmeil, Ludwig Leichhardt, an dèidh a charaid, Eòghan MacCoinnich à Kilcoy Station. Bhuineadh Eòghan do Chùil Challaidh – Kilcoy – ann an Ros an Ear ann an Alba.

Agus Mackenzie ann am Brisbane? Chaidh ainmeachadh an dèidh a’ Chòirneil W MacCoinnich a bha a’ fàs siùcar anns an sgìre sin.

Faclan na Litreach: Clann ʼic Coinnich na Cùile: the Mackenzies of Coul; An Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich: Sir George Steuart Mackenzie; maighstir-lagha: magistrate; Tìr na Banrigh: Queensland; tuineachadh: colony; Ionmhasair: Treasurer; leithid: such as; fo-bhaile: suburb; neach-rannsachaidh: explorer.

Abairtean na Litreach: uachdaran brùideil a dh’fhuadaich baile Inbhir Lathail taobh Loch a’ Bhraoin ann am meadhan a’ gheamhraidh: a brutal landlord who cleared the village of Inverlael near Loch Broom in the middle of winter; tha e a-nise na thaigh-òsta spaideil: it’s now a well-appointed hotel; phòs Seòras dà thuras agus bha aon duine deug de chloinn aige: George married twice and he had eleven children; rinn e eilthireachd a Chuimrigh Nuadh a Deas: he emigrated to New South Wales; b’ fheudar do Raibeart iarraidh air a theaghlach tuilleadh airgid a chur thuige: Robert had to ask his family to send him more money; chaidh a chomharrachadh mar bhanca-briste: he was declared bankrupt; chaidh Raibeart an sàs ann am poilitigs: Robert got involved in politics; cha robh sin dona airson fear a bha banca-briste beagan bhliadhnaichean roimhe: that wasn’t bad for a man who had been bankrupt a few years before; dh’èirich e gu bhith na Phrìomhaire: he rose to become the Premier; airson crìoch a chur air a sgeul: to finish the story; suidhichte ann an roinn dhen stàite ris an canar: situated in a region of the state known as; bha mi an dùil gum biodh iad math dh’fhaodte air an ainmeachadh an dèidh an fhir a bha na phrìomhaire: I expected that they would perhaps be named after the man who was premier; bhuineadh Eòghan do Chùil Challaidh ann an Ros an Ear: Evan belonged to Kilcoy in Easter Ross; chaidh ainmeachadh an dèidh a’ Chòirneil W MacCoinnich a bha a’ fàs siùcar anns an sgìre sin: it was named after Colonel W Mackenzie who was growing sugar in that area.

Puing-chànain na Litreach: ochdnar mhac agus triùir nighean: seven sons and three daughters. I might have said ochd mic agus trì nigheanan but it is common to use the numerical nouns when counting humans. Those are dithis, triùir, ceathrar, còignear, sianar (or seisear), seachdnar, ochdnar, naoinear and deichnear. They always command a noun in the [indefinite] genitive plural [we are saying ‘eight people of sons’]. Thus the nouns are lenited where that is possible e.g. triùir shaighdearan, còignear bhoireannach. Note that we stop at deichnear and don’t extend the system into the teens or beyond.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha e air a chùisean a chur ann an òrdugh: he had put his affairs in order.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 882

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean