FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1106: An Dreathan-donn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Dreathan-donn

Gaelic Gàidhlig

Tha mo smuaintean air an dreathan-donn an-diugh. Eun beag le cridhe mòr! Bha mi sa mhonadh as t-samhradh – air iomall Inbhir Nis, gun a bhith fada bhon taigh agam. Ghabh mi lòn, agus mi nam shuidhe air cùl preas fraoich. Fhad ʼs a bha mi an sin, bha dreathan-donn air sgèith mu mo thimcheall, ag èigheachd ʼs a’ gearan. Feumaidh gun robh nead aige faisg air làimh.

Agus dè bha e ag ràdh? Uill, bhiodh na seann daoine a’ cur nam faclan seo ann am beul an dreathain-duinn.

Thig thig, thig a dhiol-dèirce, Thig thig, thig a ghille-frìde; Is gillean-frìde na h-eòin uile, Ach mise leam fhìn, Ach mise leam fhìn, Gillean-frìde, gillean-frìde.

Gillean-frìde – mites, rudan beaga bìodach, suarach. Tha an dreathan-donn a’ cur ‘gillean-frìde’ air na h-eòin eile mar gur e eun mòr gaisgeil a th’ ann fhèin! Tha sin gar toirt gu cnag na cùise. Bha na Gàidheil riamh dhen bharail gu bheil deagh bheachd aig an dreathan-donn air fhèin. Ged a tha e beag, chan eil e bog. Tha e làn misneachd.

Chì sinn sin anns an t-seanfhacal mun dreathan: Is bigid e sin, is bigid e sin, mar a thuirt an dreathan-donn, nuair a thug e làn a ghuib às a’ mhuir ‘tis the less for that, tis the less for that, as the wren said, when it sipped a bill-full from the sea.’ Is bigid e sin, is bigid e sin, mar a thuirt an dreathan-donn, nuair a thug e làn a ghuib às a’ mhuir.

Tha seann naidheachd mun strì eadar an dreathan-donn agus rìgh nan eun, an iolair-bhuidhe. Tha i a’ sealltainn mar a tha an dreathan cho dàna ri Bran. Latha a bha seo, bha an iolair a’ bòstadh mu cho comasach is cumhachdach ʼs a bha i. ‘Thèid mise air sgèith nas àirde na eun sam bith eile,’ thuirt i, gu h-àrdanach.

Cha robh gin de na h-eòin eile deònach a dhol na h-aghaidh. Uill, cha robh, ach a-mhàin an dreathan-donn. ‘Ist, ʼs urrainn dhòmhsa dhol nas àirde na thu fhèin,’ thuirt an dreathan.

‘Thusa?!’ ars an iolair, gu fanaideach. ‘Chan eil annad ach isean lag. Seall cho beag ʼs a tha thu. Cha bhi thu a’ dol fada bho na preasan is creagan. Bidh mi a’ coimhead sìos air do leithid, nuair a tha mi shuas àrd, oir is mise rìgh nan eun.’

‘Siuthad, ma-thà,’ ars an dreathan-donn. ‘Dearbh e dhuinn!’ Leis an dùbhlan sin, chaidh an iolair an-àirde. Ghabh i a’ ghaoth fo a sgiathan agus chaidh i suas … is suas. Bha i fada os cionn na talmhainn.

Thug an iolair sùil air an talamh fada fòidhpe. Bha a h-uile rud cho beag bìodach. Cha robh sgeul air an dreathan-donn. Amadan de dh’isean, ag ràdh gum b’ urrainn dha a bhith a’ dol na b’ àirde na iolair!

Agus a-nise an còmhradh: Càite a bheil thu, ’dhreathain-duinn? Tha mi ’n seo, os do chinn! Tha an iolair a’ gabhail iongnadh. Tha an dreathan-donn air a druim. Bha e cho aotrom ʼs nach do mhothaich an iolair dha. Agus, gu dearbh, bha e na b’ àirde na ʼn iolair!

Faclan na Litreach: dreathan-donn: wren; air sgèith: flying, on the wing; nead: nest; suarach: trifling; a’ bòstadh:boasting; gu h-àrdanach: haughtily; gu fanaideach:in a mocking manner; fada fòidhpe: far below her.

Abairtean na Litreach: Eun beag le cridhe mòr: a little bird with a big heart; gun a bhith fada bhon taigh agam: not far from my house; ghabh mi lòn, agus mi nam shuidhe air cùl preas fraoich: I took lunch while sitting behind a heather bush; thig a dhiol-dèirce: come, oh beggar; is gillean-frìde na h-eòin uile, ach mise leam fhìn: all the birds are mites (ie tiny), except me alone; mar gur e eun mòr gaisgeil a th’ ann fhèin: as if it were itself a big, brave bird; tha sin gar toirt gu cnag na cùise: that brings us to the heart of the matter; dhen bharail gu bheil deagh bheachd aig an dreathan-donn air fhèin: of the view that the wren has a high opinion of itself; cho dàna ri Bran: as bold as Bran (Fionn’s dog); cha robh gin de na h-eòin eile deònach a dhol na h-aghaidh: none of the other birds were willing to go against her; chan eil annad ach isean lag: you’re just a weak chick/wee bird; seall cho beag ʼs a tha thu: look how small you are; dearbh e dhuinn:prove it to us; chaidh an iolair an-àirde:the eagle ascended; càite a bheil thu, ’dhreathain-duinn?: where are you, wren?; tha mi ’n seo, os do chinn!: I’m here above you [chinn, which rhymes with duinn, is a variant of chionn].

Puing-chànain na Litreach: bhiodh na seann daoine a’ cur nam faclan seo ann am beulan dreathain-duinn:the old people would put these words in the mouth of the wren . Dreathan-donn is a compound noun. The latter element means ‘brown’ but the etymology of the first element is cryptic. Because the basic word of the compound is dreathan (donn being merely a descriptor), this is the word that inflects – so it is slenderised in the genitive singular. Donn also slenderises (as is the rule) so it becomes duinn. You might expect dhuinn but the lenition of the ‘d’ is blocked by the terminal ‘n’ on dreathain (another rule!)

Seanfhacal na Litreach: Is bigid e sin, is bigid e sin, mar a thuirt an dreathan-donn, nuair a thug e làn a ghuib às a’ mhuir : ʼ tis the less for that, ʼ tis the less for that, as the wren said, when it sipped a bill-full from the sea.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 802

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean