ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1078: An Iolair-uisge

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu dhà iolair a lorgadh marbh air a’ Chomraich. ʼS e iolairean-buidhe a bh’ annta le chèile. Ach dè mun dà iolair eile a tha beò ann an Alba? A bheil, no an robh, iadsan ann an Ros an Iar cuideachd? Tha mi a’ ciallachadh le sin – an iolair-mhara agus an iolair-uisge. Uill, uaireigin, bha iad beò anns an sgìre. Tha mi airson innse dhuibh mun deidhinn faisg air Poll Iù, tuath air a’ Chomraich. Tha na cunntasan a’ tighinn bhon leabhar A Hundred Years in the Highlands le Osgood MacCoinnich. Tha MacCoinnich ainmeil airson Leas Inbhir Iù a chur air chois.

ʼS e uachdaran a bh’ ann am MacCoinnich. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, fhuair e sealbh air pàirt de loch-uisge mòr ris an canar am Fionn Loch. Bha am Fionn Loch ainmeil airson cho pailt agus cho mòr ʼs a bha na bric ann. Bha na h-èisg cho lìonmhor ʼs gum biodh muinntir an àite gan glacadh le sleaghan air an oidhche anns an Dàmhair agus san t-Samhain. Bha iad a’ cleachdadh leusan de ghiuthas-blàir airson solas a thoirt dhaibh.

Tuath air an Fhionn Loch, tha loch beag ris an canar Loch an Iasgair. Rinn an t-Suirbhidh Òrdanais eadar-theangachadh air an ainm mar ‘ fisher’s loch’. Tha mi an dùil gun robh iad a’ beachdachadh air daoine a bhiodh a’ falbh don loch le slat. Ach tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘loch na h-iolair-uisge’ – the loch of the osprey.

Tha Osgood MacCoinnich ga dhearbhadh anns an leabhar aige. Bhiodh na h-iolairean-uisge ag iasgach anns na lochan gu lèir anns an sgìre. Ach bhiodh iad a’ neadachadh air stac cas ri taobh Loch an Iasgair. Carson, ma-thà, a thugadh an t-ainm air an loch – Loch an Iasgair, seach Loch na h-Iolaire? Uill, gu h-ionadail, ʼs e Ailean Iasgair a chanadh daoine ris an iolair-uisge.

Tha MacCoinnich ag innse dhuinn mu thachartas duilich anns an sgìre co-cheangailte ris an loch. Nochd dithis Shasannach ann an Taigh-seinnse Pholl Iù latha a bha seo. B’ iadsan am Morair Huntingfield agus companach aige. Nuair a chuala iad gu robh iolairean-uisge a’ neadachadh aig Loch an Iasgair, chaidh iad ann le dealas. Gu mì-fhortanach, ʼs e mèirlich uighean a bh’ annta.

Lorg iad an nead air an stac. Shnàimh sgalag aca a-mach chun an àite, ghoid e an dà ugh às an nead agus shnàimh e air ais gu tìr. Bha na h-uighean aige ann am bonaid air an do chùm e greim le fhiaclan. An do rinn MacCoinnich càineadh air na mèirlich? Cha do rinn oir, mar a chì sinn an ath-sheachdain, bha MacCoinnich fhèin ris an aon seòrsa mèirle.

Aig an àm sin, bha an iolair-uisge air a dhol à bith ann an Sasainn mu thràth. Cha robh fada aice ri dhol ann an Alba. Thathar a’ tomhas gun deach i à bith an seo ann an naoi ceud deug is sia-deug (1916) no mar sin.

Gu fortanach, tha an iolair-uisge a-nise pailt gu leòr ann an Alba a-rithist. Tha i eadhon air ais a’ neadachadh ann an Sasainn. Ach co-dhiù tha i air tilleadh gu Loch an Iasgair, chan urrainn dhomh innse dhuibh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Ros an Iar: Wester Ross; iolair-mhara: sea eagle; iolair-uisge: osprey; Poll Iù:Poolewe; Leas Inbhir Iù: Inverewe Gardens; lìonmhor: plentiful; an t-Suirbhidh Òrdanais: the Ordnance Survey; dealas: zeal.

Abairtean na Litreach: mu dhà iolair a lorgadh marbh air a’ Chomraich: about two eagles that were found dead in Applecross; ʼs e iolairean-buidhe a bh’ annta le chèile: they were both golden eagles; ʼs e uachdaran a bh’ ann am MacCoinnich: Mackenzie was a landlord; fhuair e sealbh air: he took ownership of; airson cho pailt agus cho mòr ʼs a bha na bric ann: for how plentiful and big the trout were in it; ʼs gum biodh muinntir an àite gan glacadh le sleaghan air an oidhche: that the local people would catch them with spears at night; a bhiodh a’ falbh don loch le slat: who would go to the loch with a [fishing] rod; a’ neadachadh air stac cas: nesting on a steep rock pillar; gu h-ionadail, ʼs e Ailean Iasgair a chanadh daoine ris an iolair-uisge: locally, people called the osprey Allan the Fisher; nochd dithis Shasannach ann an Taigh-seinnse Pholl Iù latha a bha seo: two Englishmen arrived in the Poolewe Inn one particular day; gu mì-fhortanach, ʼs e mèirlich uighean a bh’ annta: unfortunately, they were egg thieves; shnàimh sgalag aca a-mach chun an àite: a servant (valet) swam out to the place; ghoid e an dà ugh às an nead: he stole the two eggs from the nest; air an do chùm e greim le fhiaclan: which he gripped in his teeth; an do rinn X càineadh air na mèirlich?: did X criticise the thieves?; bha X ris an aon seòrsa mèirle: X was involved in the same sort of robbery; cha robh fada aice ri dhol ann an Alba: she didn’t have long to go in Scotland; co-dhiù tha i air tilleadh gu X, chan urrainn dhomh innse dhuibh: whether [or not] it has returned to X, I cannot tell you.

Puing-chànain na Litreach: bha an iolair-uisge air a dhol à bith ann an Sasainnmu thràth: the opsrey had already become extinct in England. There is another way of writing mu thràth (no hyphen) – which is mar-thà (with a hyphen). Both are permitted by GOC (Gaelic Orthographic Conventions). They come to the issue of ‘already’ from slightly different perspectives, but are pronounced virtually the same.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Carson a thugadh an t-ainm air an loch?: why was the loch named?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 774

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean