ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1076: Clach an Fhithich (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bheir mi an sgeulachd Clach an Fhithich gu crìch an t-seachdain seo. Bidh cuimhne agaibh gur e clach dhraoidheil a bh’ ann an Clach an Fhithich. Nam biodh i ann am beul cuideigin, bhiodh an neach sin do-fhaicsinneach. Airson a bhith faicsinneach a-rithist, bhiodh an neach a’ cur na cloiche na phòcaid.

Nochd a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich ann am Baile na Creige aig ceann feachd de leth-cheud duine, agus iad uile armaichte. Bha i ag iarraidh Eilidh a thoirt air ais dhachaigh leatha. Bha Eilidh a’ suirghe le Iain Bàn à Baile na Creige.

Ach dhiùlt Eilidh a dhol còmhla ri a h-antaidh. Thug a’ bhean-uasal seachad òrdugh do na daoine aice ionnsaigh a thoirt air an taigh anns an robh Eilidh am falach. Bha cath fuilteach ann.

Thug Iain Clach an Fhithich gu Eilidh. Thog e a bhogha ʼs a shaighdean agus rinn e strì an aghaidh muinntir Dhùn Neachdain. Chaidh a mharbhadh, ge-tà. Fhad ʼs a bha e a’ bàsachadh, thàinig Eilidh thuige. ‘Shluig mi a’ chlach le mearachd,’ dh’aidich i.

Obh obh,’ ars Iain Bàn. ‘Chan fhaicear tuilleadh thu, oir bidh thu do-fhaicsinneach a-chaoidh. ʼS dòcha gu bheil sin math dhomh oir chan fhaic fear eile d’ aghaidh bhrèagha. Tha mi a’ bàsachadh agus ʼs e m’ iarrtas mu dheireadh a bhith air mo thiodhlacadh anns a’ choille far an do choinnich sinn ri chèile a’ chiad turas.’ Le sin, thug e suas an deò.

Thog Eilidh bogha Iain agus a shaighdean, agus thòisich i air fir a h-antaidh a mharbhadh. Leis gun robh i do-fhaicsinneach, cha robh fios aca cò às a bha na saighdean a’ tighinn. Cha d’ fhuair às lem beatha ach a’ Bhean-uasal fhèin agus dithis fhear.

Air an oidhche sin, thugadh an dust aig Iain don choille, agus chaidh a thiodhlacadh. Cha robh an làthair ach athair Iain, agus a bhràthair-chèile, Calum. Uill, chan eil sin buileach fìor. Bha Eilidh an làthair cuideachd, a’ cumail sùil air a h-uile càil. Ach chan fhaca duine eile i.

Thug athair Iain a bhonaid dheth agus dh’fhàg e beannachd aig a’ ghille aige. ‘Fois sìorraidh aig d’ anam,’ thuirt e.

An uair sin, chuala an dithis fhear glaodh eile. Guth boireann. Guth Eilidh. ‘Fuirich, Iain, a ghràidh, tha mi a’ dol a laighe còmhla riut ann an sìorraidheachd. Bha fuaim ann coltach ri corp a’ tuiteam gu uaigh, agus chunnaic Calum biodag le fuil oirre air an talamh aig a chasan.

Bha an dithis fhear air an uabhasachadh. ‘Bha fhios agam,’ ars am bodach, ‘gun tigeadh fulangas nam biodh Clach an Fhithich air a cur gu feum le droch rùn. Chaidh Iain a mharbhadh nuair a shluig Eilidh a’ chlach. Agus mharbh ise cuid de a muinntir fhèin, agus a’ chlach na broinn.’

Lìon an dithis fhear an uaigh ach cha do chuir iad comharra sam bith ann a dh’innseadh do dhuine eile far an robh i. Agus, chun an latha an-diugh, chan eil fios aig duine càite dìreach a bheil an uaigh aig Iain Bàn agus Eilidh. Ach, tha iad ag ràdh, bho àm gu àm air feasgar samhraidh anns a’ choille faisg air seann Bhaile na Creige, gun cluinnear guth boireannaich, agus i a’ caoineadh gu goirt mu chall an duine aice.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Clach an Fhithich: The Raven’s Stone; a’ suirghe:courting; cath fuilteach: bloody battle; dh’aidich:admitted; a-chaoidh: forever; glaodh : cry, shout; ann an sìorraidheachd: in perpetuity; biodag: dirk.

Abairtean na Litreach: Nam biodh i ann am beul cuideigin, bhiodh an neach sin do-fhaicsinneach: if it were in somebody’s mouth, that person would be invisible; airson a bhith faicsinneach a-rithist, bhiodh an neach a’ cur na cloiche na phòcaid:to be visible again, the person would put the stone in his pocket; aig ceann feachd de leth-cheud duine, agus iad uile armaichte: at the head of a force of fifty people who were all armed; ionnsaigh a thoirt air an taigh: to attack the house; thog e a bhogha ʼs a shaighdean: he picked up his bow and arrows; fhad ʼs a bha e a’ bàsachadh, thàinig Eilidh thuige: while he was dying, Helen came to him; shluig mi a’ chlach le mearachd: I swallowed the stone by mistake; chan fhaicear tuilleadh thu: you’ll never again be seen; ʼs e m’ iarrtas mu dheireadh a bhith air mo thiodhlacadh anns a’ choille far an do choinnich sinn ri chèile a’ chiad turas: my final request is that I be buried in the wood where we first met each other; thug e suas an deò: he breathed his last; cha d’ fhuair às lem beatha ach a’ Bhean-uasal fhèin agus dithis fhear: the only ones that escaped with their lives were the Lady herself and two men; thugadh an dust aig Iain: John’s mortal remains were taken; bha Eilidh an làthair cuideachd, a’ cumail sùil air a h-uile càil: Helen was also present, watching everything; dh’fhàg e beannachd aig a’ ghille aige: he said farewell to his son; fois sìorraidh aig d’ anam: may your soul be at peace air a cur gu feum le droch rùn: used with evil intent; cha do chuir iad comharra sam bith ann: they didn’t leave any mark there; gun cluinnear guth boireannaich, agus i a’ caoineadh: that a woman’s voice is heard, lamenting.

Puing-chànain na Litreach: thòisich i air fir a h-antaidh a mharbhadh: she started to kill her aunt’s men . Traditionally in Gaelic we were more detailed in describing relationships so that ‘my aunt’ would be piuthar m’ athar ‘my father’s sister’ or piuthar mo mhàthar ‘my mother’s sister’. In more recent times, we have adopted the loanwords antaidh ‘aunt’ and uncail ‘uncle’, which allow us to talk about these relations without specifying (or knowing) which side of the family they belong to.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Obh obh,’ ars Iain Bàn: ‘ Oh dear,’ said Fair John.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 772

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean