FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1044: Loch a’ Ghartain (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Loch a’ Ghartain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Mac a’ Phearsain agus am Bodach a bha beò anns na coilltean timcheall Loch a’ Ghartain ann an Srath Spè. Nuair a chunnaic e an rud geal anns an dorchadas, rinn Dòmhnaill air an taigh aige na dheann. Nuair a ràinig e an cidsin, chaidh e an laigse agus thuit e.

Chuala a mhàthair am fuaim a rinn e nuair a thuit e, agus dh’èirich i bhon leabaidh aice. Rinn i trod air airson a bhith a-muigh cho anmoch ach bha uiread de dh’eagal air Dòmhnall mu na chunnaic ʼs na chuala e ʼs nach tuirt e dad mu dheidhinn chun an ath latha.

Bha diofar bheachdan aig daoine nuair a chuala iad an naidheachd aige. Bha cuid dhen bheachd gun robh e na dhearbhadh gur e obair an Diabhail a bh’ ann an cluich chairtean. Bha cuid eile, ge-tà, dhen bheachd gur e am Bodach a chuir eagal air. Bhiodh daoine ga chluinntinn nuair a bha bàs an impis tighinn air cuideigin anns an sgìre. Agus, thathar ag ràdh, goirid an dèidh na h-oidhche sin, chaochail am fear aig an robh am baile-fearainn air mhàl far an robhar a’ cluich chairtean.

Nise, goirid an dèidh sin, thiodhlaic iad an duine bochd anns a’ chladh aig an t-seann eaglais ann an Ceann Chàrdainn. Aig an àm sin, bhite a’ toirt dust duine don chladh ann an cairt a bh’ air a tarraing le eich. An turas seo, fhuaireadh a’ chairt o fhear an taigh-òsta ann an Drochaid Neithich. Bha i air a tarraing le dà àigeach gheal.

Tha mi an dùil gun tug iad an seann rathad faisg air an Tulach. Nuair a ràinig iad an t-àite far an robh Dòmhnall Mac a’ Phearsain air an rud geal fhaicinn air an oidhche, thòisich na h-àigich air sabaid le chèile. Bha iad a’ breabadh ʼs a’ bìdeadh ʼs ag èirigh air an casan deiridh. Mu dheireadh, chuir an carbad-tiodhlacaidh car. Ach bha na h-eich fhathast a’ sabaid ged nach robh iad air an casan tuilleadh. Agus leig fear dhiubh sgreuch coltach ris an sgreuch a chuala Dòmhnall air an oidhche a bha e a-muigh leis fhèin.

An robh an dà-shealladh air Dòmhnall? An robh e air manadh fhaicinn? Am b’ iad na h-àigich am Bodach ann an dha-rìridh? ʼS iomadh còmhradh a bh’ aig muinntir an àite air na thachair airson ùine mhòr.

A bharrachd air a’ Bhodach, bha daoine a’ cumail a-mach gun robh biast-uisge air choreigin a’ fuireach anns an loch fhèin. Chan e each-uisge no tarbh-uisge a bh’ ann, ach rudeigin eadar na dhà. Bha e dubh le muing mhòr air, agus ceann mòr. Bhathar ga fhaicinn mar bu trice ri taobh an uillt a tha a’ dol bho Loch a’ Ghartain gu ruige Loch Mallachaidh mu leth-mhìle air falbh. Bhathar dhen bheachd gum biodh an creutair seo ag ithe clann òg agus uain. Bhiodh e a’ tighinn a-mach air an oidhche, agus bhiodh daoine ga chluinntinn, agus e ri bùirich.

Bha aon chroitear na bu dàna na càch agus chuir e roimhe a’ bhiast eagallach seo a chur an grèim. Bha e gu math innleachdach agus tha cuid a’ cumail a-mach gun do rinn e an gnothach. Ach ciamar? Cluinnidh sibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: : chaochail: died; baile-fearainn air mhàl:a rented farm; taigh-òsta: inn; Drochaid Neithich: Nethy Bridge; an dà-shealladh: second-sight; manadh:omen, apparition; muing: mane; bùirich: bellowing, roaring; innleachdach: inventive.

Abairtean na Litreach: a bha beò anns na coilltean timcheall Loch a’ Ghartain ann an Srath Spè: who was living in the woods around Loch Garten in Strathspey; rinn Dòmhnall air an taigh aige na dheann: Donald made for his house in a rush; dh’èirich i bhon leabaidh aice: she rose from her bed; rinn i trod air airson a bhith a-muigh cho anmoch: she scolded him for being out so late; gun robh e na dhearbhadh gur e obair an Diabhail a bh’ ann an cluich chairtean: that it was proof that playing cards was the Devil’s work; nuair a bha bàs an impis tighinn air cuideigin anns an sgìre: when somebody in the area was about to die; an t-seann eaglais ann an Ceann Chàrdainn: the old church in Kincardine; bhite a’ toirt dust duine don chladh: a person’s remains would be taken to the cemetery; air a tarraing le dà àigeach gheal: pulled by two white stallions; a’ breabadh ʼs a’ bìdeadh ʼs ag èirigh air an casan deiridh: kicking and biting and rising on their hind legs; chuir an carbad-tiodhlacaidh car: the funeral vehicle turned over; leig fear dhiubh sgreuch: one of them let out a screech; am b’ iad na h-àigich am Bodach ann an dha-rìridh?: were the stallions really the Bodach?; bhathar ga fhaicinn mar bu trice ri taobh an uillt: it was being seen usually next to the burn; gum biodh an creutair seo ag ithe clann òg agus uain: that this creature would eat young children and lambs; na bu dàna na càch: bolder than the others; chuir e roimhe a’ bhiast eagallach seo a chur an grèim: he decided to capture this fearful beast.

Puing-chànain na Litreach: gun robh biast-uisge air choreigin a’ fuireach anns an loch fhèin: that some water beast or other was living in the loch itself. Air choreigin is a useful phrase – try using it! Here are some other examples: aig àm air choreigin ‘at some time or another’; bha peata air choreigin aca – ach cù no cat no coineanach, chan eil cuimhne a’m dè bh’ ann ‘they had some pet or other – but dog or cat or rabbit, I can’t remember what it was.’

Gnàthas-cainnt na Litreach: chaidh e an laigse : he fainted.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 740

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean