menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Na Sia Bonnaich Bheaga (2) (Litir 1034)

Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’. Bha am famhair na chadal. Rinn nighean an fhamhair sia bonnaich bheaga. Chuir i fear ri taobh an teine agus fear aig uisge nan cas. Chuir i fear aig doras an t-seòmair agus fear aig doras a’ chidsin. Chuir i fear ri taobh na leapa agus fear aig a’ bhobhstair. Theich i fhèin agus an gille.

Dhùisg am famhair. ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’ ghlaodh e.

‘Tha mi a’ smàladh an teine,’ thuirt am bonnach beag a bha ri taobh an teine.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ glanadh mo chasan,’ ars am bonnach beag a bha ri taobh uisge nan cas.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ fosgladh an dorais,’ ars am bonnach beag aig doras an t-seòmair.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ glasadh an dorais a-muigh,’ thuirt am bonnach beag aig doras a’ chidsin.

Chaidh am famhair a laighe. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich,’ ars am bonnach ri taobh na leapa.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach beag aig a’ bhobhstair.

Chaidil am famhair a-rithist. An turas seo, nuair a dhùisg e, agus nuair a dh’èigh e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’, cha d’ fhuair e freagairt. Dh’èirich e agus chuir e air a chuid aodaich ʼs a bhòtannan. Dh’fhalbh e a-mach. Nuair a bha a bhòtannan air, bha e a’ dèanamh seachd mìle air a h-uile ceum.

Chuala an nighean am famhair a’ tighinn. ‘Seo m’ athair,’ thuirt i ris a’ ghille. ‘Bidh e ag iarraidh ar marbhadh. Ach tha laigse aige. Tha ball-dòrain aige.’ Thog i ubhal òir agus dh’amais i air a bhall-dhòrain e. Thuit am famhair marbh.

Chùm an nighean agus an gille orra. Bha iad a’ tighinn faisg air baile mòr. Bha iad le chèile a’ dol a shireadh obair. Dh’aontaich iad gur dòcha nach biodh iad còmhla fad na h-ùine ach thug an nighean rabhadh don ghille. ‘Ma bheir thu pòg do bheathach no duine fhad ʼs a tha sinn anns a’ bhaile,’ thuirt i, ‘cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann.’

Nuair a ràinig an gille am baile, thàinig cù mòr dha ionnsaigh. Chuir an cù a spòg mu mhuineal a’ ghille, ʼs thug e pòg dha. Agus, an dèidh sin, dhìochuimhnich an gille nighean an fhamhair. Fhuair e obair ann an taigh an rìgh sa bhaile mhòr. Ghabh nighean an rìgh gaol air, agus bha iad a’ dol a phòsadh.

Nise, fhad ʼs a bha seo a’ tachairt, bha nighean an fhamhair a’ coimhead airson obair is àite-fuirich anns a’ bhaile mhòr. Cha do lorg i càil ach obair aig gobha ann an ceàrdach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin nuair a bheir mi an stòiridh gu crìch.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: : Na Sia Bonnaich Bheaga: The Six Wee Bannocks; na chadal: sleeping; dhùisg: woke; laigse: weakness; ball-dòrain: mole; rabhadh: warning; dhìochuimhnich: forgot.

Abairtean na Litreach: uisge nan cas: the foot water (for cleaning feet when people went barefoot); fear ri taobh na leapa agus fear aig a’ bhobhstair:one next to the bed and one at the mattress; a’ smàladh an teine:smooring the fire; chaidil am famhair a-rithist:the giant slept again; a bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?:are you going to bed, daughter?; a’ fosgladh an dorais: opening the door; ‘tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach beag aig a’ bhobhstair: ‘ I’m lifting my night clothes,’ said the wee bannock at the mattress ; cha d’ fhuair e freagairt: he didn’t receive a reply; nuair a bha a bhòtannan air, bha e a’ dèanamh seachd mìle air a h-uile ceum: when his boots were on him, he made seven miles with every step; bidh e ag iarraidh ar marbhadh: he’ll be wanting to kill us; thog i ubhal òir: she picked up a golden apple; dh’amais i air a bhall-dhòrain e: she aimed it at the mole; thuit am famhair marbh: the giant fell dead; bha iad le chèile a’ dol a shireadh obair: they were both going to look for work; gur dòcha nach biodh iad còmhla fad na h-ùine: that they would perhaps not be together all the time; ma bheir thu pòg do bheathach no duine: if you kiss an animal or person; cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann: you won’t remember that such a person as me existed; thàinig cù mòr dha ionnsaigh: a big dog came to him; chuir an cù a spòg mu mhuineal a’ ghille: the dog put its paw on the boy’s neck; thug e pòg dha: it gave him a kiss; cha do lorg i càil ach obair aig gobha ann an ceàrdach: she found nothing but work for a smith in a smiddy.

Puing-chànain na Litreach: Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich: I’m taking off my clothes. I’ve adhered to the traditional mode here, as did the original storyteller, of putting the object noun ( aodach) in the genitive case (aodaich ) following the verbal noun a’ cur and given that it is a definite noun following the (possessive) article mo (m’). Some modern speakers might say a’ cur dhìom m’ aodach. You could also say a’ cur dhìom mo chuid aodaich.

Gnàthas-cainnt na Litreach: chuir e air a chuid aodaich ʼs a bhòtannan: he put on his clothes and his boots.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 730

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word