menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Bàs Chaluim Chille (2) (Litir 1032)

Faisg air àm a bhàis, air Latha an Tighearna, thàinig aingeal Dhè a thadhal air Calum Cille. Chaochail an naomh, mar a chì sinn, seachdain an dèidh sin, aig deireadh na Sàbaid agus toiseach Latha an Tighearna. Anns an linn sin, b’ e Latha na Sàbaid an latha ro Dhidòmhnaich anns an Eaglais Cheiltich.

Chaidh Calum Cille agus fear-frithealaidh aige, fear Diarmad, a bheannachadh sabhal anns an robh arbhar fasgainte. ‘Tha mi a’ guidhe,’ thuirt an naomh, ‘ma dh’fheumas mi falbh am-bliadhna, gum bi arbhar gu leòr agaibh airson na bliadhna gu lèir.’

Thàinig bròn air Diarmad. ‘Athair,’ thuirt e, ‘ʼs ann tric aig an àm seo dhen bhliadhna [sa Chèitean], gum bi sibh a’ cur dragh oirnn le bhith a’ bruidhinn mu ar fàgail.’

‘Tha mi airson rùn-dìomhair innse dhut,’ thuirt an naomh, ‘ma gheallas tu dhomh nach can thu càil mu dheidhinn ri duine eile fhad ʼs as beò mi.’ Chaidh Diarmad air a ghlùinean, agus gheall e an rùn-dìomhair a chumail dha fhèin.

Ann am meadhan na h-oidhche seo,’ thuirt Calum Cille, ‘falbhaidh mi, air cuireadh an Tighearna, Ìosa Crìosd.’ Thòisich am fear-frithealaidh air gul, agus chofhurtaich Calum Cille e cho math ʼs a b’ urrainn dha.

Thill an naomh don mhanachainn. Bha e lùbte le aois. Letheach-slighe air an rathad, stad e airson fois a ghabhail. Fhad ʼs a bha e na shuidhe an sin, thàinig each bàn thuige. B’ e sin an t-each a bhiodh a’ giùlan bainne don mhanachainn. Chuir an t-each a cheann air uchd Chaluim Chille. Sgrìobh Adomnan anns a’ chunntas aige Vita Sancti Columbae, gun do dh’inns Dia don each gun robh bàs a’ tighinn air an naomh. Agus, cleas duine, thòisich an t-each air caoineadh gu goirt.

Dh’fheuch Diarmad ri iomain air falbh, ach chuir Calum Cille stad air. Bheannaich e an t-each, a thionndaidh air falbh an uair sin, agus e muladach.

Chaidh an naomh gu mullach a’ chnuic os cionn na manachainn. Chuir e a làmhan an-àirde agus bheannaich e a’ mhanachainn. ‘Ged as beag is suarach an t-àite seo,’ thuirt e, ‘gidheadh, bidh rìghrean is sluagh na h-Alba a’ toirt mòr-urram dha. Bithidh, agus slòigh dhùthchannan cèin is borbarra ...’

Theàrnaich Calum Cille an cnoc agus chaidh e don bhothan aige. Bha e a’ dèanamh tàr-sgrìobhadh air na sailm. Bha e ag obair air an deicheamh rann dhen cheathramh Salm air fhichead: Bidh easbhaidh air na leòmhanaibh òga, agus bidh acras orra; ach orrasan a dh’iarras an Tighearna, cha bhi maith air bith a dhìth .

‘An seo,’ thuirt e, ‘feumaidh mi sguir. Sgrìobhadh Baithéne na leanas air.’ Bha e mar sin ag ainmeachadh an duine a leanadh air mar Aba Ì.

Mar leabaidh air an oidhche sin, bha leac cloiche aig Calum Cille. Bha clach aige mar chluasag. Fhad ʼs a bha e na shìneadh an sin, bhruidhinn e ri tòrr de na manaich a thàinig a dh’èisteachd ris.

Aig meadhan-oidhche, thill Calum Cille ann an cabhaig don eaglais. Lean am fear-frithealaidh aige, Diarmad, air. Aig astar, chunnaic Diarmad gun robh an eaglais làn solais. Ach nuair a thàinig e faisg air an doras, dh’fhalbh an solas. Bha Calum Cille na laighe air beulaibh na h-altair, agus coltas aoibhneach air. Thàinig na manaich, agus bheannaich an naomh iad le a làimh. Goirid an dèidh sin, dh’fhàg anam a chorp.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Latha an Tighearna: The Lord’s Day [Sunday]; chaochail: died; fear-frithealaidh: servant; chofhurtaich:comforted; uchd: lap, bosom; bheannaich: blessed; muladach: very sad; theàrnaich: descended; .

Abairtean na Litreach: thàinig aingeal Dhè a thadhal air: an angel of God came to visit; a bheannachadh sabhal anns an robh arbhar fasgainte: to bless a barn in which there was winnowed corn; gheall e an rùn-dìomhair a chumail dha fhèin: he promised to keep the secret to himself; air cuireadh an Tighearna, Ìosa Crìosd: on the invitation of the Lord Jesus Christ; thòisich am fear-frithealaidh air gul: the servant started to sob; lùbte le aois: bent over with age; letheach-slighe air an rathad, stad e airson fois a ghabhail: halfway there, he stopped for a rest ; thàinig each bàn thuige: a white horse came to him; a bhiodh a’ giùlan bainne don mhanachainn:that would carry milk to the monastery; cleas duine: like a person; dh’fheuch Diarmad ri iomain air falbh: Diarmad tried to drive it away; mullach a’ chnuic os cionn na manachainn: the top of the hill above the monastery; ged as beag is suarach an t-àite seo: small and mean though this place is; gidheadh, bidh rìghrean is sluagh na h-Alba a’ toirt mòr-urram dha: yet it shall be held in high esteem by Scottish kings and people; slòigh dhùthchannan cèin is borbarra: peoples of foreign and barbarous nations; a’ dèanamh tàr-sgrìobhadh air na sailm: transcribing the psalms; an deicheamh rann dhen cheathramh Salm air fhichead: the tenth verse of the 34th psalm; bidh easbhaidh air na leòmhanaibh òga, agus bidh acras orra: the young lions lack and suffer hunger; orrasan a dh’iarras an Tighearna, cha bhi maith air bith a dhìth: those that seek the Lord, they shall want for no good thing; sgrìobhadh X na leanas air: let X write what follows; air beulaibh na h-altair: in front of the altar; dh’fhàg anam a chorp: his soul left his body.

Puing-chànain na Litreach: b’ e Latha na Sàbaid an latha ro Dhidòmhnaich anns an Eaglais Cheiltich: the Sabbath day was the day before Sunday in the Celtic Church [whereas today it is Sunday]. This is shown by Adomnan’s account of Columba’s words: ‘This day in the Holy Scriptures is called the Sabbath, which means rest. And this day is indeed a Sabbath to me, for it is the last day of my present laborious life ... and this night at midnight, which commenceth the solemn Lord’s Day, I shall ... go the way of our fathers.’

Gnàthas-cainnt na Litreach: thòisich an t-each air caoineadh gu goirt: the horse began to wail terribly.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 727

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word