Rinn an naomh ainmeil, Calum Cille, fàisneachd air a bhàs fhèin ceithir
bliadhna mus do chaochail e. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.
Chaidh aithris a dhèanamh air le Naomh Adamnan – no Eònan – anns a’
chunntas aige Vita Sancti Columbae – Beatha Chaluim Chille.
Turas a bha seo, nuair a bha Calum Cille a’ fuireach ann an Eilean Ì,
thàinig aoibhneas air. Ge-tà, an dèidh beagan diogan, thàinig bròn air.
Aig an dearbh àm sin, bha dithis fhear nan seasamh aig doras bothan an
naoimh. B’ e fear dhiubh Lugne Mocublai. B’ e am fear eile Sagsannach dom
b’ ainm Pilu. Dh’fhaighnich iad de Chalum Cille gu dè dh’adhbharaich a
chuid aoibhneis agus bròin.
Thuirt Calum Cille riutha, ‘Thallaibh ann an sìth agus na faighnichibh
dhìom na dh’adhbharaich m’ aoibhneas no mo bhròn.’
Chaidh na fir air an glùinean. Bha iad a’ sileadh nan deur
. Bha iad airson faighinn a-mach na dh’ionnsaich an naomh a thug air a
bhith ri gàirdeachas agus an uair sin ri bròn.
Dh’inns e dhaibh ann an dìomhaireachd na thachair dha. Ach thug e orra
gealltainn nach canadh iad càil mu dheidhinn ri duine sam bith eile fhad ʼs
a bha esan beò. Thug iad a leithid de ghealltanas dha.
‘Air an latha seo fhèin,’ thuirt Calum Cille, ‘tha mi air a bhith ann am
Breatainn deich bliadhna fichead. Airson grunn làithean, tha mi air a bith
ag iarraidh air an Tighearna gun leig e saor mi bhon àite-chòmhnaidh agam
an seo, agus gun gairm e mi gu mo dhùthaich athaireil ann an Nèamh.’
‘ʼS e sin a thug orm a bhith aoibhneach,’ lean Calum Cille. ‘Chunnaic mi
ainglean à Nèamh a thàinig airson coinneachadh ri m’ anam. Ach, fèach! Tha iad air stad gu h-obann agus tha iad nan
seasamh air creag air taobh thall Caolas Ì.’
Agus dè thug air na h-ainglean stad ann am Muile, gun a bhith a’ tighinn ro
fhaisg air an naomh? Uill, dh’inns Calum Cille don dithis eile gun robh Dia
air a bheachd air a’ ghnothach atharrachadh. Bha e air a bhith ag èisteachd
ri coitheanalan eaglaise. Bha iad a’ dèanamh ùrnaighean airson Calum Cille
a chumail beò. Agus ghabh Dia ris na h-ùrnaighean.
Bha Calum Cille deiseil a dhol a Nèamh. ʼS e sin a bu choireach gun robh e
ri gàirdeachas. Ach thuirt Dia ris gum biodh e beò ceithir bliadhna eile
air an Talamh. Agus dh’fhàg sin Calum Cille brònach.
‘Aig deireadh nan ceithir bliadhna seo,’ thuirt Calum Cille, ‘gheibh mi bàs
gu h-obann, gun a bhith tinn sa bhodhaig ro-làimh, agus falbhaidh mi le
aoibhneas chun an Tighearna, le ainglean naomh nam chois oir thig iad gam
iarraidh aig an àm sin.’
Bha Calum Cille beò mar sin airson ceithir bliadhna eile. Ach bha e gu math
brònach thar na h-ùine sin. Bha an aois a’ laighe air gu mòr. Faisg air
deireadh nan ceithir bliadhna, chaidh e latha a bha seo, ann am mìos a’
Chèitein, airson coinneachadh ri manaich a bha ag obair air taobh an iar
Eilean Ì. Dh’inns e dhaibh gun robh e ag iarraidh siubhal bhon t-saoghal
seo ach nach robh e airson am fàgail brònach. Agus, an-ath-sheachdain,
innsidh mi dhuibh mar a chaochail Calum Cille ann an Ì beagan làithean an
dèidh sin.