Bodach an t-Siabainn. Ma tha sibh à Leòdhas no Na Hearadh, bidh fios agaibh cò tha mi a’ ciallachadh. Fear a rinn fhortan à siabann – am Morair Leverhulme.
    ’S ann leis-san a bha Leòdhas agus Na Hearadh tràth anns an fhicheadamh linn. Chaidh an t-ainm Beurla – Leverburgh – a chur air an t-Òb ann an ceann a deas
    na Hearadh. Dh’fheuch Leverhulme ri gnìomhachas iasgaich a stèidheachadh anns a’ phort sin.
    Carson a tha mi ag ainmeachadh Leverhulme? Uill, o chionn beagan sheachdainean, bha mi air oighreachd eile a bhuineadh uaireigin don dearbh dhuine. Ach bha
    i fada bho na h-Eileanan Siar. Bha i ann an ceann an iar-thuath Shasainn faisg air Bolton.
    Rugadh Uilleam Hesketh Lever ann am Bolton ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851). Ann an ochdad ’s a còig (1885), thòisich e fhèin agus a
    bhràthair companaidh airson siabann a dhèanamh. Thug iad an t-ainm Sunlight Soap oirre.
    Nuair a chaidh inbhe morair a bhuileachadh air, dh’atharraich e ainm gu Leverhulme mar chomharra air a bhean, Ealasaid Hulme. Nuair a cheannaich e Leòdhas,
    agus an uair sin Na Hearadh, bha e a’ tighinn faisg air deireadh a bheatha phroifeiseanta. Taobh a-staigh seachd bliadhna, bhiodh e marbh.
    Am measg na rinn e, agus ’s iomadh rud sin, cheannaich e oighreachd Rivington Hall timcheall cnoc air a bheil Rivington Pike faisg air
    baile a bhreith. Thug e cothrom don Liverpool Corporation am fearann a cheannach an toiseach, oir bha am baile sin a’ faighinn uisge bho lochan aig bonn a’
    chnuic. Ach dhiùlt Liverpool an cothrom. Chùm Lever (oir cha robh e na mhorair fhathast) ceathrad ’s a còig acaire dha fhèin. Thug e an còrr do Bholton
    Corporation. Bhiodh e tric a’ toirt seachad fearann don phoball. Tha fearann Urras Steòrnabhaigh fhathast ann an làmhan nan daoine. ’S e Leverhulme a thug
    seachad e.
    Thòisich Lever air pàirc phoblach a chruthachadh air Rivington Pike. Gu h-annasach, ge-tà, dh’atharraich Liverpool Corporation am beachd air an fhearann.
    Bha iad ga iarraidh a-nise, airson na lochan uisge aca a dhìon. Thug iad a’ chùis don Phàrlamaid ann an Lunnainn. Aig a’ cheann thall, bha aig Liverpool
    ris am fearann a cheannach, agus a dhà uiread dhen phrìs air ’s a phàigh Lever. Ghlèidh Lever an taigh aige a-mhàin, agus an leas mu a
    thimcheall. Bha aig Liverpool ri pàirc phoblach a dhèanamh dheth, ge-tà – agus an t-ainm a chur oirre – Lever Park’. ’S e sin an t-ainm a th’ oirre
    fhathast.
    Ann an naoi ceud deug is trì-deug (1913), chaidh an taigh fiodha a thog Lever anns a’ phàirc a losgadh gu làr a dh’aona-ghnothach fhad ’s a bha e fhèin ’s
    a bhean a’ gabhail dinnear leis an Rìgh agus Banrigh aig dachaigh Iarla Derby. ’S i Edith Rigby a chuir teine thuige. Bha Edith na tagraiche airson
    còraichean bhòtaidh do bhoireannaich.
    Thog Lever taigh ùr cloiche air an làraich agus b’ e sin a dhachaigh shamhraidh gus an d’ fhuair e bàs ann an naoi ceud deug ’s còig air fhichead (1925).
    Thathar ag ràdh gun do ghabh e am fiabhras-clèibhe a thug bàs dha anns an taigh sin, ged a chaochail e ann an Lunnainn. Agus, le a bhàs, dh’atharraich
    eachdraidh Leòdhais is Na Hearadh, a bharrachd air Lever Park air Rivington Pike.