ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

573: An t-Urramach Alexander Pope

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Thòisich An t-Urr Alexander Pope mar mhinistear ann am Meaghrath ann an Gallaibh ann an seachd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1734). Bha e anns an dreuchd sin fad ceathrad ’s a h-ochd bliadhna.

Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, ’s e duine foghainteach làidir a bh’ ann. Bhiodh e a’ toirt bata leis airson daoine a “bhrosnachadh” a dh’ionnsaigh na h-eaglaise. ’S e “am bàillidh” a chanadh e ris a’ bhata.

Bha fear anns an sgìre aig an robh baile fearainn. Bha boireannach a’ fuireach aige agus bha dithis chloinne aca, ach cha robh iad pòsta. Latha a bha seo, nochd e mu choinneamh Seisean na h-Eaglaise. Thuirt Mgr Pope ris gun robh e na pheacach. Dh’iarr am ministear air a pheacaidhean aideachadh anns an eaglais air an ath Shàbaid. Agus dh’iarr e air gealltainn gun cuireadh e e fhèin fo lagh is ùghdarras na h-Eaglaise.

“Mus dèan mi càil dhen t-seòrsa,” thuirt an duine, “faodaidh sibh m’ fhiacail mu dheireadh a spìonadh às mo bheul.”

“Chì sinn,” thuirt am ministear.

Dh’aontaich an Seisean gun rachadh triùir de na h-èildearan as làidire gu taigh an tuathanaich madainn na Sàbaid. Bheireadh iad air dhol don Eaglais.

Nuair a thàinig madainn na Sàbaid, rinneadh sin. Chuir na h-èildearan an tuathanach fo smachd. Chuingealaich iad e le ròpan, agus thug iad air dhol don eaglais.

Nuair a ràinig iad an eaglais, dh’iarr Mgr Pope air na h-èildearan an tuathanach a cheangal ri being. Aig deireadh an t-searmoin thuirt e ris an duine bhon chùbaid, “Thuirt thu gum faodamaid an fhiacail mu dheireadh a spìonadh às do bheul mus biodh tu far a bheil thu. Ach, a bhleigeird bhochd, càite a bheil thu a-nis?!” ’S e ministear cruaidh a bh’ ann.

Bha Alexander Pope fada an aghaidh deoch làidir. Latha a bha seo, thàinig an tè a bha a’ ruith an taigh-sheinnse thuige. Bha sianar choigreach a-staigh aice. Bha iad air cus òl agus bha iad a-nise a’ sabaid. Bha an t-eagal oirre gun dèanadh iad sgrios.

Dh’iarr am ministear oirre àradh a chur ri balla an taighe agus cuinneagan a lìonadh le uisge. Chaidh e suas air a’ mhullach leis na cuinneagan, thug e air falbh gu leòr dhen tughadh agus dhòirt e an t-uisge air na drongairean a bha fodha. Thàinig na drongairean a-mach, deiseil airson sabaid leis. Ach bha am ministear a’ feitheamh riutha air an talamh, agus “am bàillidh” na làimh. Cha robh aon duine aca deònach aghaidh a thoirt air a’ mhinistear agus theich iad.

Tha stòiridh eile ann cuideachd mu thuras a bha feadhainn ag òl ann am bothan faisg air an eaglais air an t-Sàbaid. Dh’iarr Mgr Pope orra sgaoileadh ach dhiùlt iad. Bha dusan neach anns a’ ghràisg agus thilg fear dhiubh botal a dh’ionnsaigh ceann a’ mhinisteir. Thug am ministear slaic mhòr leis a’ bhàillidh air ceann an fhir eile agus thuit e don talamh. Rinn e an aon rud air ceathrar no còignear eile mus do sgaoil iad.

Tha e coltach gun do thagh Mgr Pope èildearan a rèir cho làidir ’s a bha iad, chan ann a rèir cho diadhaidh ’s a bha iad! ’S e sin, co-dhiù, an cliù aige. Ach dh’fhàg e dìleab Ghàidhlig Ghallach a tha inntinneach. Bheir sinn sùil air sin an ath sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Meaghrath: Reay (parish); Gallaibh: Caithness; dreuchd: job, position; foghainteach: brave, valorous; bata: stick; being: bench; cùbaid: pulpit; cuinneagan: water pails; gràisg: gang, mob.

Abairtean na Litreach: aig an robh baile fearainn: who had a farm; bha dithis chloinne aca, ach cha robh iad pòsta: they had two children, but they weren’t married; mu choinneamh Seisean na h-Eaglaise: in front of the Church Session; gun robh e na pheacach: that he was a sinner; a pheacaidhean aideachadh: to admit his sins; air an ath Shàbaid: on the next Sabbath; dh’iarr e air gealltainn gun cuireadh e e fhèin fo lagh is ùghdarras na h-Eaglaise: he asked him to promise that he would place himself under the law and authority of the Church; mus dèan mi càil dhen t-seòrsa: before I do anything of the like; faodaidh sibh m’ fhiacail mu dheireadh a spìonadh às mo bheul: you can pull the last tooth out of my mouth; triùir de na h-èildearan as làidire: three of the strongest elders; bheireadh iad air dhol: they would make him go; chuingealaich iad e le ròpan: they restrained him with ropes; deireadh an t-searmoin: the end of the sermon; a bhleigeird bhochd: you pitiful scoundrel; fada an aghaidh deoch làidir: strongly opposed to alcoholic drink; an tè a bha a’ ruith an taigh-sheinnse: the woman who ran the pub; sianar choigreach: six strangers; àradh a chur ri balla an taighe: to put a ladder against the wall of the house; thug e air falbh gu leòr dhen tughadh: he took away enough of the thatch; dhòirt e an t-uisge air na drongairean a bha fodha: he poured the water on the drunkards who were below him; cha robh X deònach aghaidh a thoirt air Y: X wasn’t willing to stand against Y; chan ann a rèir cho diadhaidh ’s a bha iad: not according to how devout they were; dìleab Ghàidhlig Ghallach: a Caithnessian Gaelic legacy.

Puing-chànain na Litreach: Thòisich An t-Urr Alexander Pope mar mhinistear...: Rev Alexander Pope started as a minister... Gaelic writers are often unsure as to whether or not to put a full stop to indicate an abbreviation, as there seems to a lack of unanimity on the matter in the English-speaking world (one sees Rev. and Rev). The latest edition of the Gaelic Orthographic Conventions (Oct 2009 – or is it Oct. 2009?!) gives us some guidance. All the examples they give, with one exception, omit the full stop eg An t-Oll, An Dr agus Mgr – the exception being àir. for no. (number), presumably to ensure there is no confusion with the preposition air.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a rèir cho làidir ’s a bha iad: according to how strong they were.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 269

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean