ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

427: Duanaire na Sracaire

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir dà cheud, seasgad ’s a h-aon (261), thug mi an seanfhacal dhuibh “Is math an còcaire an t-acras”. Ma tha an t-acras ort, bidh blas math air biadh sam bith, cha mhòr.

Co-dhiù, bha mi a’ leughadh leabhar fìor mhath an latha eile. ’S e leabhar a mholainn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an dualchas nan Gàidheal. ’S e an t-ainm a th’ air Duanaire na Sracaire agus ’s e cruinneachadh de sheann bhàrdachd Ghàidhlig a th’ ann – bàrdachd a tha a’ buntainn ris a’ mhìle bliadhna suas gu sia ceud deug (1600). Chaidh a dheasachadh le Wilson MacLeòid agus Meg Bateman, agus chaidh fhoillseachadh le Birlinn.

Am measg nan dàn anns an leabhar tha fear air a bheil ’S Maith an Còcaire an t-Ocras. Chaidh a sgrìobhadh anns a’ chòigeamh linn deug. An-diugh sgrìobhamaid ’S Math an Còcaire an t-Acras. Nise ’s e a’ cheist a th’ agam – dè thàinig an toiseach – an seanfhacal no an dàn? An do stèidhich am bàrd dàn air seanfhacal a bh’ aig na Gàidheil roimhe, no an do chruthaich e an seanfhacal le bhith a’ sgrìobhadh an dàin? ’S dòcha gu bheil sgoilear Gàidhlig a-muigh sin – ma tha a leithid ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh – a chuireas ceart mi air a’ cheist sin.

Tha amharas agam gun robh an seanfhacal ann roimhe – ann an cànanan eile, mura robh ann an Gàidhlig. A rèir Alasdair MhicNeacail, a chuir an leabhar Gaelic Proverbs ri chèile, canaidh na Gearmailtich Hunger is der beste Koch, canaidh na Sasannaich Hunger is the best sauce – agus tha abairtean car coltach ann an cànanan Eòrpach eile, Gàidhlig na h-Èireann nam measg.

Air ais don dàn. Thathar ag ràdh gur e Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr, a rinn an dàn – anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431), às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh. Bha e air an taobh a chaill sa bhatail agus bha e a’ teicheadh bhon bhlàr. Seo mar a tha an dàn a’ dol. Chan eil ann ach dà rainn:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

Fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich

O Ó Birein sa Bhreugaich

’S dòcha gum bu chòir dhomh facal no dhà a mhìneachadh. ’S e fuarag eòrna “barley brose” – min eòrna air a mheasgachadh le uisge fuar. ’S e teach - taigh – canaidh iad sin ann an Èirinn, agus tha e againn fhathast ann an “a-steach”, anns an teach. Tha eudaich a’ ciallachadh “aodaich”, agus ’s e Ó Birein fear Èireannach, no fear le ainm Èireannach, a bha a’ fuireach sa Bhreugaich no sa Bhriagaich anns a’ Ghleann Ruaidh, faisg air Inbhir Lòchaidh.

Tha mòran a bharrachd agam ri innse dhut mun dàn ach feumaidh sin feitheamh chun an ath thurais. Ach mus fhalbh mi, seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

Fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich

O Ó Birein sa Bhreugaich

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: dàn: poem; Iarla Mhàrr: The Earl of Mar; Blàr Inbhir Lòchaidh: The Battle of Inverlochy; teicheadh: fleeing; Gleann Ruaidh: Glen Roy.

Abairtean na Litreach: bidh blas math air biadh sam bith, cha mhòr: almost any sort of food will taste good; ’s e leabhar a mholainn: it’s a book I’d recommend; bàrdachd a tha a’ buntainn ris a’ mhìle bliadhna: poetry which belongs to the thousand years; chaidh fhoillseachadh: it was published; tha amharas agam gun robh an seanfhacal ann roimhe: I expect the proverb was pre-existent; ’s mairg a nì tarcais air biadh: woe to him who disdains food; à sàil mo bhròige: from the heel of my shoe; biadh as fheàrr a fhuair mi riamh: the best food I ever got; oidhche dhomh bhith ann ad theach: one night [when] I was in your house; air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich: on plenty food and little clothing; fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich: a fill was got of badly cooked meat; tha mòran a bharrachd agam ri innse dhut: I have much more to tell you; mus fhalbh mi: before I leave.

Puing-chànain na Litreach: “a-steach”, anns an teach : in the text I said that a-steach is derived from anns an teach. To be slightly more accurate, MacBain in his Etymological Dictionary of the Gaelic Language tells us that it developed, at a much earlier stage of the language, known as Early Irish, from in-san-teach , “into the house”. A-staigh – using, taigh, a form of teach, developed similarly. In some parts of the Gàidhealtachd a-staigh is used to convey movement into a house, as well as the state of being inside eg “thig a-staigh” (come inside) rather than (the more common) “thig a-steach.” Next week I’ll tell you where a-mach/a-muigh came from!

Gnàthas-cainnt na Litreach: Is math an còcaire an t-acras : hunger is a good cook (see also Litir 216).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 123

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean