ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

596: Bàrd Loch Aba

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh mu faire chlaidh ? Tha e a’ ciallachadh graveyard watch. Faire chlaidh. Tha sinn fhathast ann an Loch Abar far an do chruinnich Calum MacGhilleathain fiosrachadh mun fhaire chlaidh bho Iain Dòmhnallach agus laoich eile.

Bhathar a’ creidsinn gun robh an spiorad aig an duine mu dheireadh a bh’ air a thiodhlacadh ann an cladh a’ cumail faire air na mairbh gus an tigeadh dust an ath dhuine. Bhathar an dòchas nach biodh aig spiorad an duine sin a bhith a’ cumail faire ro fhada. Bhiodh strì ann uaireannan – nam biodh dithis a’ bàsachadh mun aon àm – do charaid fhèin a chur fon fhòid mus nochdadh ciste an neach eile.

Dh’inns Iain Dòmhnallach do Chalum MacGhilleathain mu thuras a bha ministear a’ gabhail cuairt air bruach Abhainn Spiothain. Bha e aig àth, agus mhothaich e do dhà chù a thàinig o dhiofar àirdean agus a choinnich ri chèile air taobh thall na h-aibhne. Thòisich na coin air sabaid. Aig a’ cheann thall bha fear dhiubh air a ghoirteachadh gu dona agus chaidh am fear eile tarsainn na h-aibhne. Gu h-obann dh’fhalbh na coin à fianais.

Seachdain an dèidh sin aig an dearbh àite bha dà bhuidhinn de dhaoine a’ dèanamh air a’ chladh. Bha dust mairbh aig gach buidhinn. Thachair iad ri chèile aig an àth. Bha argamaid eatarra a thaobh cò rachadh tarsainn na h-aibhne an toiseach. Thòisich iad air sabaid agus b’ iad an fheadhainn a bhuannaich a fhuair an cothrom a dhol ann an toiseach. Thiodhlaic iad a’ chiste aca anns a’ chladh agus cha robh faire chlaidh fhada aig an spiorad sin mus tàinig a’ bhuidheann eile leis a’ chiste acasan.

Bha faire de sheòrsa eile a’ dol anns na cladhan sin cuideachd. Dh’inns Calum MacGhilleathain mu chlach-uaighe ann an Cladh Chill Mo Naomhaig faisg air Drochaid an Aonachain. Bha toll anns a’ chloich. Toll a chaidh a dhèanamh le peilear.

Aig an àm sin bhiodh feadhainn a’ goid chorp bho chladhan mar a rinn Burke is Hare ann an Dùn Èideann. Bha fear às an sgìre na oileanach ann an Dùn Èideann, a’ dèanamh dotaireachd. Latha a bha seo thàinig corp don deuchainn-lann airson leigeil leis na h-oileanaich obair lannsa fheuchainn air. ’S e boireannach a bh’ ann agus bha fiaclan air leth math aice. Chuir na fiaclan boireannach aig an taigh ann an cuimhne an oileanaich Abraich – tè air an robh bean Dhòmhnaill ’ic Iain.

Sgrìobh an t-oileanach dhachaigh airson faighneachd an robh duine sam bith air bàs fhaighinn o chionn ghoirid. Thàinig fios gun do chaochail bean Dhòmhnaill ’ic Iain. Sgrìobh an t-oileanach air ais sa bhad, ag ràdh nach robhar a’ cumail faire air na cladhan ann an Loch Abar mar bu chòir.

Co-dhiù, oidhche a bha seo bha athair Iain Dhòmhnallaich ann an Cladh Chill Mo Naomhaig a’ cumail faire an aghaidh mèirlich nan corp. Bha gunna aige. Dh’fhàs e sgìth agus thuit e na chadal. Dhùisg e gu h-obann agus chunnaic e rudeigin. Bha e a’ smaoineachadh gur e mèirleach chorp a bh’ ann. Loisg e an gunna. Ach chan e duine a bh’ ann. ’S e clach-uaighe a bh’ ann. Agus airson deicheadan às dèidh sin bha an toll ri fhaicinn anns a’ chloich. ’S dòcha gu bheil fhathast.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: faire chlaidh: graveyard watch; Loch Abar: Lochaber; laoich:heroes; dotaireachd: medical course; deuchainn-lann: laboratory; deicheadan: decades.

Abairtean na Litreach: bhathar a’ creidsinn: it was believed; an spiorad aig an duine mu dheireadh a bh’ air a thiodhlacadh: the spirit of the last man who was buried; nam biodh dithis a’ bàsachadh mun aon àm: if two people died about the same time; do charaid fhèin a chur fon fhòid: to bury your own friend/relative; mus nochdadh ciste an neach eile: before the next person’s coffin appeared; a’ gabhail cuairt air bruach Abhainn Spiothain: taking a stroll on the bank of the River Spean; bha fear dhiubh air a ghoirteachadh gu dona: one of them was badly hurt; tarsainn na h-aibhne: across the river; gu h-obann dh’fhalbh na coin à fianais: suddenly the dogs disappeared; a’ dèanamh air a’ chladh: making for the graveyard; bha dust mairbh aig gach buidhinn: each group had the remains of a dead person; bha argamaid eatarra a thaobh cò rachadh: there was an argument between them about who would go; b’ iad an fheadhainn a bhuannaich a fhuair an cothrom: it was the ones who won that got the opportunity; mu chlach-uaighe ann an Cladh Chill Mo Naomhaig faisg air Drochaid an Aonachain: about a gravestone in the Kilmonivaig Graveyard near Spean Bridge; toll a chaidh a dhèanamh le peilear: a hole that was made by a bullet; airson leigeil leis na h-oileanaich obair lannsa fheuchainn air: to allow the students to dissect it; chuir na fiaclan boireannach aig an taigh ann an cuimhne an oileanaich Abraich: the teeth reminded the Lochaber student of a woman at home; an robh duine sam bith air bàs fhaighinn: had anybody died; dhùisg e gu h-obann: he awoke suddenly; loisg e an gunna: he fired the gun; bha an toll ri fhaicinn: the hole was to be seen.

Puing-chànain na Litreach: bhiodh feadhainn a’ goid chorp: some people would steal bodies. Chorp is the indefinite genitive plural of corp. Corp is pluralized by slenderization to cuirp. For this type of word the genitive plural (in traditional usage) is the same as the nominative singular. You might be familiar with the place name Allt nan Corp , the burn of the bodies, a burn in which clay bodies were left as part of a ancient ritual wishing harm upon a person. This name demonstrates the genitive plural form. Without the article we lenite the noun to chorp and it is employed in the sentence above following the verbal noun a’ goid. Note also mèirleach chorp , a robber of bodies.

Gnàthas-cainnt na Litreach: mhothaich e do dhà chù a thàinig o dhiofar àirdean: he noticed two dogs that came from different directions .

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 292

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean