Air a’ chiad shealladh, chan eil e follaiseach cò às a thàinig am facal a th’ againn airson “Christmas” – Nollaig. Tha a’ Bheurla soilleir gu leòr
– Christ’s Mass. Ach Nollaig? Uill, ann an seann Ghàidhlig ’s e Notlaic a bh’ ann. Agus Nadolig ann an Cuimris. Bha fuaim “t” no
“d” ann am meadhan an fhacail. Bha MacBheathain dhen bheachd gun do dh’èirich e à freumh Laidinn – natalicia, a’ ciallachadh “àm breith”. Tha sin
a’ dèanamh ciall.
Tha sinn a’ dèanamh dheth an-diugh gur e an Nollaig an còigeamh latha fichead dhen Dùbhlachd, a’ riochdachadh latha-breith Ìosa Chrìosd. Ach, anns an
t-seann aimsir, agus chan eil e cho fada sin bhuaipe, bha dà Nollaig ann – an Nollaig Mhòr agus an Nollaig Bheag. B’ e an Nollaig Mhòr an
tè air a bheil sinn eòlach an-diugh. B’ e an Nollaig Bheag Latha na Bliadhn’ Ùire. Agus tha an Nollaig a’ nochdadh ann an grunn seanfhaclan. Seo
eisimpleir:
Cha robh samhradh riamh gun ghrian,
Cha robh geamhradh riamh gun sneachd,
Cha robh Nollaig Mhòr gun fheòil,
No bean òg le deòin gun fhear.
Uill, cha chan mi cus mun loidhne mu dheireadh! Ach tha e soilleir gum biodh daoine ag ithe feòil gu leòr aig àm na Nollaig, ged nach biodh a leithid pailt
aig amannan eile dhen bhliadhna.
Thàinig mi tarsainn air seanfhacal eile mun Nollaig, agus tha e gu math inntinneach – Nollaig an-diugh ’s Bealltainn a-màireach . Christmas today and May Day tomorrow. Dè tha sin a’ ciallachadh?
Uill, bhiodh na seann daoine ag ràdh – nam biodh latha na Nollaig ann air, can, Diluain gum biodh Latha na Bealltainn, a bha a’ leantainn air, air Dimàirt,
an làrna-mhàireach. Nollaig an-diugh ’s Bealltainn a-màireach. Uill, chuir mi sin fo dheuchainn, le bhith a’ toirt sùil air na beagan bhliadhnaichean a
dh’fhalbh. An robh e fìor? Agus seo na lorg mi:
2006: Nollaig Diluain, Bealltainn Dimàirt. Glè mhath. Tha e a’ leantainn modail an t-seanfhacail. 2007: Nollaig Dimàirt, Bealltainn mmm Diardaoin. Cha do
dh’obraich sin. 2008: Nollaig Diardaoin, Bealltainn Dihaoine. Glè mhath. 2009: Nollaig Dihaoine, Bealltainn Disathairne. Math dha-rìribh. 2010: Nollaig
Disathairne, Bealltainn Didòmhnaich. Sgoinneil. Agus 2011: Nollaig Didòmhnaich, Bealltainn mmm Dimàirt. Uill, tha e ag obair anns a’ chuid as motha de
bhliadhnaichean.
Ach tha pàtran eile ann. Gu math tric, taobh a-staigh na h-aon bhliadhna mìosachain, bidh Latha na Bealltainn agus Latha na Nollaig air an aon latha dhen
t-seachdain. Eadar 2006 agus 2011, bha sin fìor a h-uile bliadhna. Saoil a bheil seanfhacal ann mu dheidhinn sin? Bealltainn an-diugh is Nollaig an-diugh
cuideachd...?
Co-dhiù, bu mhath leam dùrachd Nollaig thraidiseanta a thoirt dhuibh uile:
Guidheamaid buaidh is piseach oirbh,
Nur laighe ’s èirigh slàn;
Ur taigh gun bhoinne snighe ann,
’S ur ciste-mhine làn.
Nollaig Chridheil dhuibh uile.