FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bàrd Loch Abar (2)

Tha Bàrd Loch Abar, Iain Dòmhnallach, am measg nan laoch

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Loch Abar (2)

Tha Bàrd Loch Abar, Iain Dòmhnallach, am measg nan laoch a chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba, agus a nochdas air làrach-lìn Thobar an Dualchais. ’S e dìreach a ghuth a chluinneas sibh; chan eil na stòiridhean aige ann an cruth sgrìobhte.

Ach tha mi fhìn air dà naidheachd bheag aige a chur ann an sgrìobhadh. Tha mi a’ dol gan aithris agus faodaidh sibh èisteachd riutha. An uair sin, faodaidh sibh dhol don làraich-lìn airson an cluinntinn aig sàr-Abrach. Seo a’ chiad tè:

Bha triùir dhaoine a’ coiseachd còmhla. Agus bha seòrsa de ghnothaich aig an dithist eile gun robh taibhsearachd aig fear dhiubh. Agus thuirt am fear a bha seo, “Tha sinn a’ dol a bhith ann an cogadh, an triùir againn, agus chan fhada gus an tòisich an cogadh. Agus thèid fear againn a chumail sa chogadh, cha till e dhachaigh, ge b’ e dè fear againn a bhios ann,” thuirt e.

’S ann mar seo a bha e. Thòisich an cogadh anns an naoi ceud deug ’s a ceithir-deug agus chaidh an triùir don chogadh. Agus fhuair esan fòrladh dhachaigh, an dèidh dha a bhith dreis ann. Agus chaidh an dithist eile a-nunn don Tuirc. Agus dh’inns e nuair a thàinig e dhachaigh, “Tha mi duilich airson an fheadhainn a chaidh don Tuirc. ’S e àite cunnartach a th’ ann,” thuirt e, “agus tha mis’ air an taobh shàbhailte fhathast.”

Agus dh’fhalbh e a-nunn an uair sin an dèidh don fòrladh a bhith thairis agus chuir iad don Fhraing e ’s cha robh e fada san Fhraing gus an deach a mharbhadh. Agus ’s e e fhèin am fear den triùir nach do thill agus dh’inns e gun tachradh sin, ach cha d’ aithnich e gur e e fhèin a dreigheadh a chumail.

Seo a-nise naidheachd eile aige mu Raibeart Brus, Rìgh na h-Alba:

Bha am Brusach air a ruaigeadh agus air an allaban mar bu tric a bha e. ’S e sin Rìgh Raibeart. Agus cha robh e ach na dhuine òg nuair a chaochail e. Agus ’s e gnothach duilich a bh’ ann gun do chaochail e cho luath.

Rugadh Brus anns a’ bhliadhna dhà-dheug agus ceithir-deug thar nan trì fichead (1274). Agus chaochail e anns an trì cheud deug agus naoi thar an fhichead (1329). Bha e mar sin leth-cheud bliadhn’ agus a còig. Agus bha e air an allaban glè chruaidh agus bha iad a’ cur teann air. Agus thàinig e gu taigh tuathanaich. Agus dh’iarr e an t-each air an tuathanach. “Gheibh thu sin,” thuirt e, “’s tu a gheibh. Agus thèid mi don cheàrdaich leis cho luath ’s a rinn mi riamh,” thuirt e, “agus cuiridh mi na cruidhean an rathad eile.” ’S e sin a rinn e.

Agus nuair a thàinig an t-sluagh agus iad a’ faicinn nan luirg air an rathad agus air an talamh bha iad a’ leanadh nan luirg agus an dèidh sin ’s e an rathad eile a bha am Brus a’ dol nist gu robh na cruidhean air an tionndainn an cùl ris a’ bheul agus fhuair e teicheadh mar sin. Agus nuair a fhuair e astar fada gu leòr air falbh bhuapa, chuir e na cruidhean mar bu chòir dhaibh air an ainmhidh a thug air falbh gu grad agus gu luath e à làmhan nan nàmhaidean.

Litir 594 Litir 594 Litir 596 Litir 596

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!