ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

49: MacLeòid Dhùn Bheagain agus MacNeìll Bharraigh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha e inntinneach mar a tha daoine air a bhith a’ dèanamh coimeas o chionn ghoirid eadar dà cheann-cinnidh aig a bheil seann chaisteal anns na h-eileanan – MacLeòid Dhùn Bheagain agus MacNeìll Bharraigh, neo MacNìll mar a chanas muinntir Bharraigh fhèin. ’S e is coireach airson sin gu bheil iad air dà dhòigh eadar-dhealaichte a thaghadh airson obair mhòr, obair-chàraidh, a dhèanamh air an caistealan.

Shaoil MacLeòid Dhùn Bheagain gur e an dòigh a b’ fheàrr a bh’ aige airson pàigheadh airson na h-obrach an Cuiltheann, na beanntan brèagha ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, a reic, airson deich millean not. Le airgead mar sin, dh’fhaodadh e obair gu leòr a dhèanamh air Caisteal Dhùn Bheagain.

Ach bha dòigh eile aig MacNèill. Thug e an caisteal aigesan seachad don bhuidhinn nàiseanta Historic Scotland air màl airson ceud bliadhna. Agus cha bhi aig Historic Scotland ri pàigheadh ach not agus botal uisge-bheatha do MhacNèill gach bliadhna. Tha mi a’ tuigsinn gum faod MacNèill taghadh a dhèanamh air an uisge-beatha, ge-tà, gus dèanamh cinnteach gur e fear math a th’ ann.

Nise, chan eil fhios a’m co-dhiù tha diofar fheallsanachd ann, neo co-dhiù bha diofar fheallsanachd ann, eadar gach cinneadh sin a thaobh airgead. Ach bha mi ann am Barraigh o chionn ghoirid agus fhuair i a-mach gu robh uair ann nuair a bha ceann-cinnidh Clann ‘ic Leòid agus ceann-cinnidh Clann ‘ic Nèill a-mach air a’ chèile gu dubh mu dheidhinn airgead.

Thachair e anns a’ bhliadhna sia ceud deug trì fichead ’s a còig-deug (1675), nuair a bha MacNèill fo fhiachaibh do MhacLeòid. Bha aig MacNèill ri còrr is leth-cheud punnd Albannach a phàigheadh don fhear eile; bha sin co-ionann ri faisg air còig punnd Sasannach. Agus chuir MacLeòid sgioba a dh’ionnsaigh Bharraigh airson an t-airgead fhaighinn air ais. Cha b’ e sin a-mhàin, ach bha teachdaire bhon Rìgh còmhla riutha. Bha an Rìgh, Teàrlach II, a’ taobhadh le MacLeòid.

Nuair a ràinig iad Bagh a’ Chaisteil, dh’fheuch sgioba MhicLeòid ri faighinn a-steach don chaisteal, ach bha an geata glaiste. Agus chan e fàilte a fhuair iad, ach clachan air an cinn bho gu h-àrd. Cha robh MacNèill a’ dol a phàigheadh sgillinn. Agus nuair a dh’fhalbh na Sgitheanaich, thàinig na Barraich as an dèidh. B’ fheudar do sgioba MhicLeòid dhol air tìr ann an eilean beag faisg air Barraigh.

Anns an eilean sin, fhuair bràthair aig MacNèill greim air teachdaire an Rìgh. Ghoid e na pàipearan aige, agus thug e rabhadh dha gun a bhith a’ tilleadh a Bharraigh.

Uill, cha robh e glic a bhith a’ dèiligeadh anns an dòigh sin ri teachdaire bhon Rìgh. Agus, ann an sia ceud deug, trì fichead ’s a naoi-deug (1679), b’ fheudar do MhacNèill, a bhràthair agus feadhainn eile nochdadh anns a’ chùirt ann an Dùn Eideann. Fhuaradh MacNèill neo-chiontach, ach fhuaradh a bhràthair ciontach agus b’ fheudar dha mìle punnd Albannach a phàigheadh. Tha fhios gur e MacNèill fhèin a phàigh e. Agus chaidh pàirt mhòr dhen airgead, faisg air seachd ceud punnd, do MhacLeòid Dhùn Bheagain.

Agus seo rud a tha inntinneach mu dheidhinn a’ ghnothaich. Mu fhichead bliadhna as dèidh cùis na cùirte, dh’fhàg MacNèill a chaisteal airson a dhol a dh’fuireach air tìr-mòr Bharraigh. Bha an caisteal a’ tuiteam as a’ chèile. Cò aige tha fios nach robh an t-airgead a chaill e do MhacLeòid mar phàirt dhen adhbhar nach b’ urrainn dha pàigheadh airson a chàradh.

Co-dhiù, an-diugh cha leag MacNèill leas càil a phàigheadh airson a chaisteal a chàradh. Nì Historic Scotland e. Ach dè nì MacLeòid mura tèid aige air an Cuiltheann a reic?

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: ceann-cinnidh: clan chief; obair-chàraidh: repair work; an Cuiltheann: the Cuillins ( modern spelling;the bàrd Sorley Maclean wrote “Cuilithionn”. Note it is singular in Gaelic); teachdaire: messenger; Bagh a’ Chaisteil: Castlebay; glaiste: locked; sgillinn: penny; ghoid e: he stole; rabhadh: warning; ciontach: guilty; a’ càradh: repairing.

Abairtean na Litreach: ’s e is coireach airson sin gu bheil iad air dà dhòigh eadar-dhealaichte a thaghadh: the reason for that is that they have chosen two different methods; shaoil MacLeòid Dhùn Bheagain gur e an dòigh a b’ fheàrr a bh’ aige airson pàigheadh: MacLeod of Dunvegan thought that his best way of paying; thug e an caisteal aigesan seachad do X: he gave his castle to X; chan eil fhios a’m co-dhiù tha diofar fheallsanachd ann eadar gach cinneadh sin: I don’t know if each of those clans has a different philosophy; gu robh uair ann nuair a bha X is Y a-mach air a’ chèile gu dubh: that there was a time when X and Y were at loggerheads; nuair a bha MacNèill fo fhiachaibh do MhacLeòid: when MacNeil was in debt to MacLeod; bha aig MacNèill ri còrr is leth-cheud punnd Albannach a phàigheadh:MacNeil had to pay £50 Scots (we say not rather than punnd for “pound” today); fhuair bràthair aig MacNèill greim air X: a brother of MacNeil got hold of X; fhuaradh MacNèill neo-chiontach: MacNeil was found not guilty; bha an caisteal a’ tuiteam as a’ chèile: the castle was falling apart; cha leig X leas càil a phàigheadh: X need not pay anything; de nì MacLeòid mura tèid aige air an Cuiltheann a reic?: what will MacLeod do if he does not manage to sell the Cuillins?

Puing ghràmair na Litreach: bha mi ann am Barraigh o chionn ghoirid: I was recently in Barra. Do you understand why we say ann am Barraigh and not anns a’ Bharraigh? Learners often get confused on this point, so here is the relevant rule: if, in the nominative case, a place-name carries the article, we say anns a’ (ie “in the”);if it does not, we say ann an (or ann am). Oban is an t-Oban, so we say anns an Oban. Similarly, Fort William is an Gearasdan, so we say anns a’ Ghearasdan. But Glasgow is just Glaschu, so we say ann an Glaschu, NOT anns a’ Ghlaschu. The same principle operates with names of countries, many of which carry the article. France is an Fhraing, so we say anns an Fhraing; similarly, “in Germany” (a’ Ghearmailt) is anns a’ Ghearmailt and “in the United States” is anns na Stàitean Aonaichte. But “in Australia” (Astràilia, no article) is ann an Astràilia and “in England” (Sasainn, no article) is ann an Sasainn.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha e inntinneach mar a tha daoine air a bhith a’ dèanamh coimeas o chionn ghoirid eadar dà cheann-cinnidh:it is interesting how people have recently been making comparisons between two clan chiefs. A’ dèanamh coimeas eadar X agus Y: comparing X and Y.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean