ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

635: Ainmean-àite Innis Tìle

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu eilean beag ann an Innis Tìle air a bheil Bjarnarey mar ainm – an aon rud ri Beàrnaraigh an seo. Tha e a’ ciallachadh “eilean Bhjørn”. ’S e Bjørn (Björn) ainm duine. Chunnaic mi ainmean-àite gu leòr ann an Innis Tìle a chuir ainmean ann an Alba nam cheann. Gu tric, ’s ann air sàillibh ’s gu bheil ainmean-àite Lochlannach an seo, gu sònraichte ann an Arcaibh, Sealtainn, ceann a tuath na Gàidhealtachd agus air cladaichean is eileanan an taoibh an iar. Ach uaireannan chunnaic mi ainmean a bha a’ cur faclan Gàidhlig no Albais nam cheann.

Anns a’ chiad dol a-mach – am prìomh bhaile, Reykjavik. Tha sin a’ cur nam chuimhne còmhradh a bh’ agam le boireannach ann an Sealan Nuadh. “My father taught me some Gaelic,” ars ise. “Oh, and what was that?” dh’fhaighnich mi, agus an t-eagal orm gum biodh e mì-mhodhail. “ Lang may yer lum reek!” ars ise le gàire. “O, uill,” thuirt mise, “tha sin Albannach, ceart gu leòr, ach chan e Gàidhlig a th’ ann!”

Co-dhiù, tha sinn uile eòlach air an fhacal reek. Agus ’s e sin a tha Reykja-vík a’ ciallachadh – “reeky bay” no “bàgh na toite”. Tha grunn àiteachan ann an Innis Tìle le reykja- aig toiseach an ainm. Chan eil sin na iongnadh. Tha grunn àiteachan far a bheil toit ag èirigh às an talamh an sin.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh cuid de dh’ainmean-àite Innis Tìle. Agus cuiridh mi geall gun tuig sibh feadhainn aca sa mhionaid. An toiseach Barnafoss. Barnafoss. Tha sin a’ ciallachadh fors no eas na cloinne, the waterfall of the bairns. Barnafoss. Thathar ag ràdh gun do thuit dithis bhalach dom bàs anns an eas sin.

Seo fear eile – Bláfell. Bláfell. Smaoinichibh air Blàbheinn anns an Eilean Sgitheanach a tha leth-Lochlannach is leth-Ghàidhlig. Beinn ghorm, blue mountain, Bláfell. Agus Breiðavík. Breiðavík. Mar Brèibhig ann an Leòdhas. Bagh leathann, broad bay, Breiðavík. Agus Djúpavík. ’S e sin an t-ainm tùsail air Diabaig ann an Toirbheartan. Bàgh domhainn, deep bay, Djúpavík.

Agus dè a’ Ghàidhlig air pike? Tha mi a’ ciallachadh an èisg. Geadas. Tha trì àiteachan ann an Alba air a bheil Loch no Lochan nan Geadas. Thàinig am facal bhon t-Seann Lochlannais gedda. Agus tha dà loch ann an Innis Tìle air a bheil Gedduvatn – loch nan geadas – ged a tha na Tìlich ag ràdh gun robh am facal cuideachd a’ ciallachadh seòrsaichean eile de dh’èisg, leithid bric, anns an t-seann aimsir.

Agus Héraðsvötn. Seo fiosrachadh a fhuair mi ann am Beurla: “Héraðsvötn – ‘district rivers’ from hérað – district and vatn – water/lake, in this instance meaning river”. Tha cuid de dh’eòlaichean dhen bheachd gun tàinig Hearadh – Na Hearadh – bho hérað. Tha cuid eile ag ràdh gur ann bho fhacal a’ ciallachadh “talamh àrd” a thàinig e.

Mu dheireadh, seo fear a tha furasta – Rif. Tha àite ann an Leòdhas air a bheil Riof. Thàinig am facal a-steach don Ghàidhlig (tha e ann am faclair Dwelly). Agus tha e a’ ciallachadh, ann am Beurla, reef. Chan ann tric a gheibhear fear a ghabhas tuigsinn gu furasta mar sin eadar na trì cànanan.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Innis Tìle: Iceland; Beàrnaraigh: Bernera(y); Arcaibh: Orkney; Sealtainn: Shetland; fors, eas: waterfall; Brèibhig: Brevig; Toirbheartan: Torridon; geadas: pike (fish); Na Hearadh: Harris.

Abairtean na Litreach: ’s ann air sàillibh ’s gu bheil ainmean-àite Lochlannach an seo: it’s because there are Norse place-names here; cladaichean is eileanan an taoibh an iar: the shores and islands of the west; tha sin a’ cur nam chuimhne còmhradh a bh’ agam le boireannach ann an Sealan Nuadh:that reminds me of a conversation I had with a woman in New Zealand; agus an t-eagal orm gum biodh e mì-mhodhail:fearing that it would be rude; chan eil sin na iongnadh: that’s not a surprise; far a bheil toit ag èirigh às an talamh:where smoke comes out of the ground; cuiridh mi geall gun tuig sibh feadhainn aca sa mhionaid: I bet you’ll immediately understand some of them; leth-Lochlannach is leth-Ghàidhlig: half Norse and half Gaelic; an t-ainm tùsail air Diabaig: the original name for Diabaig; ged a tha na Tìlich ag ràdh: although the Icelanders say; seòrsaichean eile de dh’èisg, leithid bric: other types of fish, such as trout; anns an t-seann aimsir: in olden times; tha cuid de dh’eòlaichean dhen bheachd:some experts are of the opinion; chan ann tric a gheibhear fear a ghabhas tuigsinn gu furasta mar sin eadar na trì cànanan: it’s not often that one is obtained that can be understood easily like that between the three languages.

Puing-chànain na Litreach: If you’re a teacher in the northern or western parts of the Gàidhealtachd, particularly Skye or the Western Isles, I can recommend a holiday or study trip to Iceland, because you will see place-names that immediately remind you of home. It will help you interpret your own landscape. Not only should every child in the Gàidhealtachd be getting Gaelic as part of their education (without it you can’t read the map of Scotland), they should also be exposed to the Norse heritage of the country, which is important in understanding the environment. They could do worse than learn some basic Icelandic which is as close you can get in a living tongue to the Old Norse once spoken in Scotland.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Lang may yer lum reek: there is a reason for including a Scots saying this week – there is a direct Gaelic equivalent to this one –Guma fada beò thu agus ceò às do shimileir (long may you live with smoke coming from your chimney). Or, in the plural/formal, guma fada beò sibh agus ceò às ur simileir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 331

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean