ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

339: An t-Urramach Tormod MacLeòid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Eadar Melbourne agus na raointean òir ann am Ballarat agus Bendigo, bha na rathaidean cunnartach. Bhiodh mèirlich a’ feitheamh aig oir nan rathaidean. Nuair a bhiodh òr aig mèinneadair, bhiodh e a’ reic sin do dh’oifis air an raon. Gheibheadh e cuidhteas – ’s e sin bileag a bha ag ainmeachadh luach an òir. Bheireadh am mèinneadair an cuidhteas gu Roinn an Ionmhais ann am Melbourne, far am faigheadh e airgead air a shon.

Ach dh’fhaodadh duine sam bith an t-airgead fhaighinn nan robh cuidhteas òir aige. Agus ’s e goid nam bileagan a bha fa-near do na mèirlich. Uaireannan bhiodh iad a’ murt a’ mhèinneadair airson am pìos pàipeir luachmhor fhaighinn.

Turas a bha seo, bha an t-Urr Tormod MacLeòid air an rathad eadar Melbourne agus na raointean òir. Thachair e ri buidheann de mhèirlich. Ach cha robh cuidhteas òir aige. Is cha robh airgead aige. Bha esan ann mar mhinistear, a’ cumail cheanglaichean beò eadar na daoine aige a bha a-nise gu math sgapte.

Thuig na mèirlich gu robh e bochd, is cha do rinn iad cron air. Gu dearbh, thug iad cuireadh dha thighinn air ais don champa aca airson na h-oidhche. Ghabh e ris a’ chuireadh oir bha cothrom aige facal an Tighearna a sgaoileadh am measg nam mèirleach. Fad uairean a thìde, thug e trod dhaibh mun dòigh-bheatha olc aca. Is iongantach mura robh iad gu math toilichte soraidh a leigeil leis sa mhadainn!

’S e fear treun a bh’ ann an Tormod. Ach bha dòrainn a’ feitheamh ris. Bha a theaghlach fhathast a’ fuireach ann am Baile nan Teantaichean. Bha an t-uisge aca salach agus bhris am fiabhras breac a-mach. Taobh a-staigh sia seachdainean, bha an triùir mhac as òige aig Tormod marbh. ’S e buille chruaidh a bh’ ann agus is beag an t-iongnadh gun do cho-dhùin Tormod is càch Astràilia fhàgail.

Bha iad air aithrisean a chluinntinn mu New Zealand. Bha talamh math ann – freagarrach airson àiteachas. Agus cha robh òr ann. Cha bhiodh olc ann mar a chunnaic iad ann an Astràilia, co-cheangailte ri gnìomhachas an òir. Sgrìobh Tormod gu Riaghladair na dùthcha, Sir Seòras Grey. Bhrosnaich esan iad a dhol ann.

Cha robh an soitheach am Margaret aca tuilleadh. Ach bha an Highland Lass ann. Chaidh an Highland Lass a reic agus chaidh soitheach eile a cheannach – an Gazelle. As t-Sultain, ochd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1853), sheòl an Gazelle à Adelaide le còrr is ceud duine air bòrd – daoine à Ceap Breatainn a bh’ air a bhith ann an Astràilia a Deas. Dh’fheumadh Tormod agus muinntir Bhictoria feitheamh gus an tilleadh i.

Chaidh an Gazelle a dh’Auckland. Nuair a bha i gu tuath air a’ bhaile, chunnaic na daoine air bòrd àite a bha air leth math air tìr. Bha iad ag iarraidh fearann fhaighinn ann. Cha b’ e sin beachd Shir Sheòrais Grey, ge-tà. Mhol esan fearann na b’ fhaide deas anns an Eilean mu Thuath, no anns an Eilean mu Dheas far nach robh na Maori cho pailt.

Ach cha robh na h-Albannaich air a shon. Chaidh buidheann dhiubh gu tuath airson an cladach a rannsachadh. Lorg iad fearann math ri taobh Abhainn Waipu. Rinn iad tagradh airson an fhearainn, agus chaidh sanas a chur anns a’ phàipear-naidheachd. Ach goirid às dèidh sin, nochd sanas eile sa phàipear bho fhear, Seumas Busby. “’S ann leamsa a tha am fearann sin,” thuirt e, “agus cha bu chòir do dhuine sam bith eile gnothach sam bith a ghabhail ris, às aonais cead bhuamsa.”

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: raointean òir: goldfields; mèinneadair: miner; cuidhteas: receipt; Roinn an Ionmhais: Department of the Treasury; sgapte: scattered; Baile nan Teantaichean: “Canvastown”; pailt: numerous.

Abairtean na Litreach: bhiodh mèirlich a’ feitheamh aig oir nan rathaidean: robbers [bushrangers] would wait at the sides of the roads; bhiodh e a’ reic sin do dh’oifis air an raon: he would sell that to an office on the field; luach an òir: the value of the gold; ’s e goid nam bileagan a bha fa-near do X: X were intent on stealing the pieces of paper; a’ cumail cheanglaichean beò eadar na daoine aige: keeping the links between his people alive; cha do rinn iad cron air: Donald they didn’t harm him; bha cothrom aige facal an Tighearna a sgaoileadh: he had an opportunity to spread the word of the Lord; thug e trod dhaibh: he scolded them; is iongantach mura robh iad toilichte: I reckon they were pleased; soraidh a leigeil leis: to farewell him; bha dòrainn a’ feitheamh ris:tragedy was awaiting him; bha an triùir mhac as òige aig Tormod marbh: Norman’s three youngest sons were dead; is beag an t-iongnadh:it’s hardly surprising; co-cheangailte ri gnìomhachas an òir: connected to the gold industry; bhrosnaich esan iad a dhol ann:he encouraged them to go there; cha robh X aca tuilleadh: they no longer had X; dh’fheumadh X feitheamh gus an tilleadh i: X would have to wait until she returned; na b’ fhaide deas: further south; lorg iad fearann math: they found good land; rinn iad tagradh: they made an application; ’s ann leamsa a tha am fearann sin: that land belongs to me; cha bu chòir do dhuine sam bith gnothach a ghabhail ris: nobody should interfere with it.

Puing-chànain na Litreach: bhris am fiabhras breac a-mach : typhoid fever broke out. The idiom here might seem to be English in form, but it is widely established in Gaelic. There are a couple of things worth noting about names of diseases in Gaelic. The words fiabhras, galar and tinneas are all masculine, as are the compounds derived from them, but where a disease has a non-compound name, it is generally feminine eg a’ ghriùrach (measles). Smallpox is a’ bhreac (the adjective breac, as in the famous Ailean Breac , usually referred to the person being pock-marked by this disease). Typhoid fever, which causes spotting on the skin as well as fever, is am fiabhras breac. Chickenpox is a’ bhreac-òtraich, literally “the dunghill pox”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Ghabh e ris a’ chuireadh : he accepted the invitation.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 35

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean