ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

558: An Lioncs

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun lioncs agus mar a tha fianais ann gun robh e beò ann am Breatainn anns a’ chiad mhìle bliadhna às dèidh Chrìosda. Tha e coltach gur e call nan coilltean a chuir às don lioncs anns an dùthaich seo. Bidh lioncsaichean ag ithe fèidh – earbaichean mar as trice. Nuair a dh’fhalbh na coilltean, air sgàth mac an duine (rud a thòisich ann an Linn Ùr na Cloiche), dh’fhalbh na h-earbaichean leotha.

Ge-tà, anns an fhicheadamh linn, chaidh mòran choilltean a chur ann an Alba. A bheil sin a’ ciallachadh gu bheil an àrainneachd a-nise freagarrach airson an lioncs? Uill, tha e coltach gur e freagairt na ceiste sin – tha. Ann an Alba, tha còrr is fichead mìle cilemeatair ceàrnagach de choille fhreagarrach, a’ chuid as motha dhith air a’ Ghàidhealtachd. Thathar a’ tomhas gum b’ urrainn ceithir cheud lioncs a bhith beò innte. Eadhon ann an droch gheamhradh, thathar a’ dèanamh dheth gum biodh an àireamh sin mòr gu leòr airson dèanamh cinnteach gum maireadh an lioncs beò anns an ùine fhada.

Tha an lioncs a’ toirt buaidh air an àrainneachd. Bidh e a’ lughdachadh na th’ ann de dh’earbaichean (agus fèidh Sika). Tha sin a’ leigeil le craobhan òga fàs. Dh’fhaodadh lioncsaichean a bhith glè mhath do choilltearachd agus do nàdarrachd na h-àrainneachd.

Am biodh an lioncs a’ cur ainmhidhean Albannach ann an cunnart? Uill, anns a’ chiad dol a-mach cha bhi iad a’ toirt ionnsaigh air daoine. Tha iad a’ cumail air falbh bho dhaoine mar as fheàrr as urrainn dhaibh. Rinneadh rannsachadh thar bhliadhnaichean air lioncsaichean anns an Eilbheis. A-mach à sia ceud beathach a mharbh iad, cha robh ann ach aon chapall-coille. Bha trithead ’s a seachd sionnaich ann, ge-tà. Bhiodh an lioncs gu ìre a’ cumail smachd air sionnaich. Agus dè mu dheidhinn a’ chait fhiadhaich? Uill, tha na h-eòlaichean ag innse dhuinn nach bi iad a’ farpais an aghaidh a chèile airson biadh. Bho àm gu àm, bidh lioncs a’ marbhadh cat fiadhaich. Ach thathar dhen bheachd gum biodh e na bu choltaiche gum marbhadh iad cat taighe – an rud as motha a tha a’ cur a’ chait fhiadhaich ann an cunnart ann an Alba.

Agus dè mu dheidhinn caoraich? ’S e Nirribhidh an aon dùthaich anns an Roinn Eòrpa anns a bheil lioncsaichean a’ marbhadh mòran chaorach – eadar còig is deich mìle gach bliadhna. Ach, ’s e as coireach ri sin gum bi na caoraich a’ falbh do na coilltean gun chìobaireachd. Far a bheil caoraich anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am pàircean, mar a bhitheadh ann an Alba, chan eil an suidheachadh faisg air a bhith cho dona.

Anns an Eilbheis, leis gu bheil iad a’ tuigsinn mar a tha an lioncs a’ sealg, tha na tuathanaich air a bhith an sàs ann an cìobaireachd nas èifeachdaiche. Agus chithear sin anns na figearan. O chionn deich bliadhna chaill tuathanaich na h-Eilbheis faisg air dà cheud caora sa bhliadhna. O chionn ceithir bliadhna chaill iad dìreach còig-deug.

Anns na Beanntan Harz anns a’ Ghearmailt thathar a’ cleachdadh ìomhaigh an lioncs gu mòr airson luchd-turais a thàladh ann. Dh’fhaodadh an aon rud tachairt ann an Alba. ’S e mac an duine a chuir às don lioncs anns an dùthaich seo. Nach bu chòir do mhac an duine a bhith co-dhiù a’ beachdachadh air a thoirt air ais?

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: lioncs: lynx; fianais: evidence; An Eilbheis: Switzerland; capall-coille; capercaillie; Nirribhidh: Norway; cìobaireachd: shepherding; nas èifeachdaiche: more effective; A’ Ghearmailt: Germany.

Abairtean na Litreach: anns a’ chiad mhìle bliadhna às dèidh Chrìosda: in the first millennium after Christ; gur e call nan coilltean a chuir às don lioncs: that it was the loss of the forests that caused the extinction of the lynx; air sgàth mac an duine: because of humans; Linn Ùr na Cloiche: Neolithic times; dh’fhalbh na h-earbaichean leotha: the roe deer left with them; chaidh mòran choilltean a chur: many forests were planted; gu bheil an àrainneachd a-nise freagarrach: that the environment is now suitable; fichead mìle cilemeatair ceàrnagach de choille fhreagarrach: 20,000 km 2 of suitable forest; gum b’ urrainn ceithir cheud lioncs a bhith beò innte: that 400 lynx could live there; gum maireadh an lioncs beò anns an ùine fhada: that the lynx would survive in the long term; tha sin a’ leigeil le craobhan òga fàs: that allows young trees to grow; glè mhath do choilltearachd agus do nàdarrachd na h-àrainneachd: good for forestry and the natural qualities of the environment; a’ cumail smachd air sionnaich: controlling foxes; nach bi iad a’ farpais an aghaidh a chèile: that they don’t compete with [against] each other; gum marbhadh iad cat taighe: that they would kill a domestic cat; anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am pàircean: on the open hill or in big fields; thathar a’ cleachdadh ìomhaigh an lioncs airson luchd-turais a thàladh ann: they use the image of the lynx to attract tourists there; dh’fhaodadh an aon rud tachairt: the same thing could happen; nach bu chòir do mhac an duine a bhith co-dhiù a’ beachdachadh air a thoirt air ais?: shouldn’t humans at least consider reintroducing them?

Puing-chànain na Litreach: dè mu dheidhinn a’ chait fhiadhaich?: what about the wildcat? You will note that cat here is in the genitive (singular) case following the compound preposition mu dheidhinn. Fiadhaich is lenited because it follows the example set by the noun cat. Contrast it to this example: dè mu dheidhinn caoraich? (what about sheep?) Here the noun is in the nominative plural case. The difference (in modern Gaelic) is that the older model of employing the genitive following a compound preposition is generally only adhered to where the article is present. Where it is not present we more commonly use the nominative form. Older Gaels would have said dè mu dheidhinn chaorach? using the indefinite genitive plural.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha iad a’ cumail air falbh bho dhaoinemar as fheàrr asurrainn dhaibh: they keep away from people as best they can.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 254

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean