ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

539: Gobhair ann an seanfhaclan Gàidhlig

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun bheachd a bh’ aig na seann Ghàidheil air gobhair. ’S e sin gum biodh gobhair a’ marbhadh is ag ithe nathraichean. Uill, tha e inntinneach cho tric ’s a nochdas gobhair ann an seanfhaclan Gàidhlig. Seo fear agaibh: An nì a chùm an eidheann o na gobhair. The thing that kept the ivy from the goats. An nì a chùm an eidheann o na gobhair. Saoil dè tha sin a’ ciallachadh?

Uill tha e a-mach air creag no balla a tha air leth àrd no càs. Gu dearbh, tha e cho àrd no càs ’s nach urrainn gobhar a shreap airson grèim a ghabhail air an eidheann a tha a’ fàs ann. A rèir choltais, tha gobhair gu math dèidheil air eidheann. Tha seanfhacal eile ann a tha a-mach air sin: ’S e galar a bheireadh air na gobhair nach itheadh iad an eidheann.

Sickness [alone] would keep goats from eating ivy. ’S e galar a bheireadh air na gobhair nach itheadh iad an eidheann.

Saoilidh mi gum biodh a’ chiad sheanfhacal glè fheumail ann a bhith a’ bruidhinn air daoine. Chuala mi mu dheidhinn fear as t-samhradh a bha a’ feuchainn ri sgur a smocadh. Ghlais e e fhèin air eilean beag anns na h-Eileanan a-Muigh. Bha an t-eilean gun sluagh is gun bhùth – is, gu dearbh, gun tombaca. An canamaid gur e an aonranachd a bh’ aige an nì a chumadh an eidheann o na gobhair?

Tha grunn seanfhaclan againn air cho math ’s a tha bainne nan gobhar do shlàinte dhaoine – agus eadhon do bhòidhchead dhaoine. Seo fear: Dail chuach am bainne ghobhar, suath ri d’ aghaidh, ’s chan eil mac rìgh air an domhan nach bi nad dhèidh.

With violets and goats’ milk anoint your face, and every king’s son in the world will be after you. Dail chuach am bainne ghobhar, suath ri d’ aghaidh, 's chan eil mac rìgh air an domhan nach bi nad dhèidh. Faodaidh na boireannaich anns an èisteachd innse dhomh a bheil sin ag obair!

Agus ’s dòcha gun cuala sibh moladh nan Gàidheal air an neart a thig à bainne ghobhar: Bainne nan gobhar fo chobhar ’s e blàth, ’s e chuireadh an spionnadh sna daoine a bha. Tis the milk of the goat foaming and warm that gave the strength to the past generations of people. Bainne nan gobhar fo chobhar ’s e blàth, ’s e chuireadh an spionnadh sna daoine a bha.

Agus seo an t-àm ceàrr dhen bhliadhna, ach cuimhnichibh am fear seo nuair a thig an Cèitean. Is leigheas air gach tinneas creamh is ìm a’ Mhàigh; òl am fochair siud bainne ghobhar bàn. To heal all disease, take garlic and May butter; drink along with that white goat’s milk. Is leigheas air gach tinneas creamh is ìm a’ Mhàigh; òl am fochair siud bainne ghobhar bàn. Bha na seann daoine dhen bheachd gun robh bainne ghobhar math dhut.

Ach, airson crìoch a chur air an Litir seo, ’s dòcha gum bu chòir dhomh abairt a thoirt dhuibh a tha buntainn ris a’ gheamhradh seach toiseach an t-samhraidh. Seo abairt a bhios feumail ’s dòcha nuair a thig sìde stoirmeil a’ gheamhraidh. Sheideadh e na h-adharcan de ghobhar. It would blow the horns off a goat. Sheideadh e na h-adharcan de ghobhar. Tha mi an dòchas nach sèid i mar sin airson greis fhathast!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: gobhar, gobhair: goat, goats; tombaca: tobacco.

Abairtean na Litreach: gum biodh gobhair a’ marbhadh is ag ithe nathraichean: that goats would kill and eat snakes; creag no balla a tha air leth àrd no càs: a rock or wall that is tremendously high or steep; ’s nach urrainn gobhar a shreap airson grèim a ghabhail air an eidheann a tha a’ fàs ann: that a goat cannot climb it to take a bit of the ivy that grows there; gu math dèidheil air: very keen on; chuala mi mu dheidhinn fear as t-samhradh: I heard about a man in the summer; a bha a’ feuchainn ri sgur a smocadh: who was trying to stop smoking; ghlais e e fhèin air eilean beag anns na h-Eileanan a-Muigh: he placed himself without outside assistance on a small island in the Outer Isles; gun sluagh is gun bhùth: without a population and without a shop; an canamaid gur e an aonranachd a bh’ aige an nì a chumadh an eidheann o na gobhair?: might we say that it his isolation is the thing that would keep the ivy from the goats?; na boireannaich anns an èisteachd: the women in the listening audience; mar a thigeadh o bhò ruadh: as would come from a red cow; a tha buntainn ris a’ gheamhradh: which concerns the winter; seach toiseach an t-samhraidh: rather than the start of the summer; sìde stoirmeil: stormy weather.

Seanfhaclan is abairtean na Litreach: An nì a chùm an eidheann o na gobhair. The thing that kept the ivy from the goats; ’S e galar a bheireadh air na gobhair nach itheadh iad an eidheann. Sickness [alone] would keep goats from eating ivy; Dail chuach am bainne ghobhar, suath ri d’ aghaidh, ’s chan eil mac rìgh air an domhan nach bi nad dhèidh. With violets and goats’ milk anoint your face, and every king’s son in the world will be after you; Bainne nan gobhar fo chobhar ’s e blàth, ’s e chuireadh an spionnadh sna daoine a bha. Tis the milk of the goat foaming and warm that gave the strength to the past generations of people; Is leigheas air gach tinneas creamh is ìm a’ Mhàigh; òl am fochair siud bainne ghobhar bàn. To heal all disease, take garlic and May butter; drink along with that white goats’ milk; Sheideadh e na h-adharcan de ghobhar. It would blow the horns off a goat.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 235

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean