ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Winning and losing A’ buannachd is a’ call

We won!Bhuannaich sinn!

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

shinty - iomain

shinty – camanachd

we won – bhuannaich sinn

you won – bhuannaich sibh (plural/polite)

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Father Fichead sgillinn an tè no sia airson not. Twenty pence each or six for a pound.
Daughter Faigh sia, a Dhadaidh.
Faigh sia mar seo.
Get six, Daddy.
Get six like this.
Father Gabhaidh sinn sia, mas e ur toil e. We’ll take six, please.
Seller Tapadh leibh. Thank you.
Daughter Dè fhuair sinn, Dadaidh?
An d’ fhuair sinn càil?
What did we get, Daddy?
Did we get anything?
Father Fuirich a-nis, a ghràidh, gus am fosgail mi iad.
Seall seo.
Wait now, dear, until I open them.
Look at this.
Daughter Bhuannaich sinn!
Tapadh leibh.
Seall seo, a Dhadaidh.
Seall seo.
Bhuannaich sinn botal fìon!
We won!
Thank you.
Look at this, Daddy.
Look at this.
We won a bottle of wine!
Husband Dhà dheug, còig deug, h-ochd deug, fichead ’s a h-aon, fichead ’s a ceithir, bhuannaich mi! Twelve, fifteen, eighteen, twenty-one, twenty-four, I won!
Wife Dè? What?
Husband Bhuannaich mi! I won!
Wife A bheil thu cinnteach? Are you sure?
Husband Uill, fhuair mi fichead puing agus a ceithir. Well, I got twenty four points.
Wife Trì, sia, naoi.
Dhà dheug, còig deug, ochd deug...
Three, six, nine.
Twelve, fifteen, eighteen...
Husband Càit a bheil thu a’ dol, a Sheònag? Where are you going, Joan?
Father Seall seo. Look at this.
Daughter A-rithist!
Bhuannaich sinn a-rithist!
Again!
We won again!
Seller Seo. Here.
Daughter Bhuannaich sinn.
Botal Chanel Àireamh a Còig, Chanel Àireamh a Còig.
Is toigh leam Chanel Àireamh a Còig.
We won.
A bottle of Chanel Number Five. I like Chanel Number Five.
Father Glè mhath, gu dearbh.
A-niste, agus...
Very good indeed.
Now, and...
Seller Och, còig ceud, mealaibh ur naidheachd!
Bhuannaich sibh botal champagne an turas seo.
Och, five hundred, congratulations.
You’ve won a bottle of champagne this time.
Father Coma leat.
Chan eil mi ga iarraidh.
Never mind.
I don’t want it.
Seller Ach, bhuannaich sibh e. But you won it.
Father Chan eil mi ga iarraidh.
Tha mi a' dol a chur seo air ais.
I don’t want it.
I’m going to put this back.
Seller Mòran taing.
Mòran taing!
Many thanks.
Many thanks!