ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Making requests A’ dèanamh iarrtas

Can I go to a party with you?An tèid mi gu partaidh còmhla riut?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

will you go …? – an tèid thu …?

will you go …? – an tèid sibh …? (plural/polite)

… with her – ... cuide rithe

… to help them - … gan cuideachadh

will you go with me? – an tèid thu ann còmhla rium?

will you go to get it? – an tèid thu ga iarraidh?

Possible answers to questions beginning with an tèid … ?

yes (to questions beginning with an tèid … ?) – thèid

no (to questions beginning with an tèid … ?) – cha tèid

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Husband Tapadh leatsa a Dhotair. Thank you Doctor.
Dotair ’S e do bheatha, tìoraidh an-dràst’. You’re welcome, cheerio just now.
Husband Cheerio. Cheerio.
Wife Fhuair mi sin bhon dotair.
An tèid thu ga iarraidh?
I got that from the doctor.
Will you go and get it?
Husband Thèid.
An tèid mi dhan bhùth cuideachd?
A bheil bainne gu leòr againn?
Yes.
Will I go to the shop too?
Do we have enough milk?
Wife Chan eil.
Feumaidh tu bainne is aran fhaighinn.
Is faigh pizza no rudeigin dhut fhèin.
Cha bhi mise ag iarraidh càil a-nochd.
No.
You must get bread and milk.
And get pizza or something for yourself.
I won't want anything tonight.
Husband Gheibh mi botal Lucozade dhut. I'll get you a bottle of Lucozade.
Wife Tapadh leat. Thank you.
Woman Dè tha ceàrr?
Càit a bheil Iain?
Càit a bheil an fhàinne agad?
What is wrong?
Where is Iain?
Where is your ring?
Woman 2 Chan eil Iain a’ tighinn.
Tha e seachad.
Chan eil e gu diofar.
Dè tha thu a' dèanamh a-nochd?
Iain is not coming.
It is over.
It does not matter.
What are you doing tonight?
Woman Bha dùil agam fhìn a dhol dhan taigh-dhealbh.
An tèid thu còmhla rium?
I expected to go to the cinema.
Will you come with me?
Woman 2 Thèid gu dearbh.
Dè tha sinn a' dol a dh’fhaicinn?
I'll certainly come.
What are we going to see?
Woman Four Weddings and a Funeral. Four Weddings and a Funeral.
Girl 1 Thalla.
Siuthad.
Thalla is bruidhinn ris.
Go.
Go on.
Go and talk to him.
Girl 2 An tèid thu gu partaidh còmhla rium a-nochd? Will you come to a party with me tonight?
Boy Cha tèid.
Tha mi a' dol a chluich ball-coise.
No.
I am going to play football.
Girl 1 Dè thuirt e? What did he say?
Girl 2 Cha do bhruidhinn mi ris.
Cha toigh leam idir e.
I dodn't talk to him.
I don't like him at all.