ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about what you ought A’ bruidhinn mu dè bu chòir dhut a dhèanamh

You should ...Bu chòir dhut...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

you should … – bu chòir dhut …

you should … – bu chòir dhuibh … (plural/polite)

you should put a helmet on – bu chòir dhut clogaid a chur ort

you should phone the police - bu chòir dhuibh fònadh chun a’ phoileis (plural/polite)

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Instructor Agus càit a bheil thusa a’ dol? And where are you going?
Boy Tha mi a’ dol a shnàmh. I’m going to swim.
Instructor Dol a shnàmh?
Ma-thà.
Tiugainn a-null an seo.
An urrainn dhut snàmh?
Going to swim?
Well.
Come over here.
Can you swim?
Boy ’S urrainn.
Tha mi ag ionnsachadh.
Yes.
I am learning.
Instructor Sin math.
Ach bu chòir dhut iad seo a chur ort.
That’s good.
But you should put these on.
Gran Tapadh leat airson tighinn, a ghràidh.
Chì mi an ath-sheachdain thu.
Thank you for coming dear.
See you next week.
Boy Chì. Yes.
Gran Bu chòir dhut clogaid a chur ort nuair a tha thu a’ falbh le baidhsagal. You should put a helmet on when you are riding your bicycle.
Boy Tha tè agam. I have one.
Gran Bi faiceallach. Be careful.
Boy Bithidh. I will.
Female jogger A bheil sibh ceart gu leòr? Are you alright?
Norman Tha.
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil.
Yes.
I think so.
Female jogger Tha mi an dòchas nach eil càil briste. I hope that nothing is broken.
Norman Chan eil. Nothing is.
Female jogger Bu chòir dhuibh gabhail air ur socair. You should take it easy.
Man Murt!
Càit an deach e?
Dìleas!
Dìleas!
Oh no!
Where did he go?
Faithful!
Faithful!
Man 2 Dè tha ceàrr? What’s wrong?
Man Dh’fhalbh an cù agam.
Dè tha mi dol a dhèanamh?
My dog has gone.
What am I going to do?
Man 2 Bu chòir dhuibh fònadh chun a’ phoileis. You should phone the police.
Man Am faod mi am fòn agaibh a chleachdadh? May I use your phone?
Man 2 Faodaidh.
Seall.
Yes.
Look.