Bha an Siorram ann an Inbhir Ùige airson a’ mhì-rian anns a’ bhaile a thoirt gu ceann. Chuir e feachd a-mach airson grèim fhaighinn air Raibeart
Dòmhnallach. Bha Raibeart à Leòdhas. Bha an Siorram dhen bheachd gun do thòisich e an aimhreit air a bheil “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”.
Ach fhuair Raibeart fios. Theich e. Aig Thrumster, gu deas air Inbhir Ùige, ghabh e coidse thairis. Chaidh e gu Poll Iù anns a’ choidse. Ann am Poll Iù,
ghabh e bàta gu na h-Eileanan a-Muigh. Chaidh e am falach ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas.
Ann an Inbhir Ùige, chùm an Siorram na saighdearan aige am falach. Chaidh innse don mhòr-shluagh gun a bhith a’ dol air na sràidean. Aig deich uairean a
dh’oidhche, fhuair an Siorram droch naidheachd. Chaidh grunnan Ghàidheal a shàthadh le sgeinean ann am Pulteneytown. ’S iad gillean às a’ bhaile fhèin a
rinn an sàthadh. Gu fortanach, cha deach duine a mharbhadh. Bha poilis is saighdearan a’ coiseachd nan sràidean airson beagan làithean. Ach bha Inbhir Ùige
sìtheil.
Cha do dhìochuimhnich na h-ùghdarrasan mu Raibeart Dòmhnallach, ge-tà. Chaidh barantas air a shon a Steòrnabhagh. Ach bha e am falach air na Lochan. Chaidh
seachdainean seachad. Cha do thachair dad. Thòisich Raibeart air a dhol a-mach gu cèilidhean. Chuala na poilis mu dheidhinn. Oidhche a bha seo, chaidh
dithis phoileas à Steòrnabhagh ann.
Chaidh Raibeart a cheangal le glas-làmh ri fear de na poilis. Thòisich iad air coiseachd a Steòrnabhagh. Bha mòran de mhuinntir na sgìre nan cois. Bha iad
uile a’ dol seachad air loch. Thuirt Raibeart gun robh e a’ dol a leum a-steach don loch. Thuirt e gun robh e a’ dol a thoirt a’ phoilis leis. Às dèidh
spàirn fhuair Raibeart ma sgaoil. Theich e bhon eilean. Bha e na mharaiche às dèidh sin. Chaidh a bhàthadh ann an Sasainn.
Cha robh fàilte cho cridheil air na h-iasgairean Gàidhealach às dèidh Sabaid Mhòr Inbhir Ùige. Às dèidh sin, cha robh na coitheanalan Gàidhlig anns a’
bhaile idir cho mòr ’s a bha iad roimhe.