Bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid agus abair gun do chòrd e rium. Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh, bha i blàth, is bha flùraichean a’ mhachaire
dìreach àlainn. ’S iad na lusan a bu mhotha a ghlac m’ aire Seileastair, Buidheag an t-Samhraidh – a tha le chèile buidhe – agus fear a tha dearg. ’S e sin
a’ Chaorag Lèana. Lus beag brèagha le flùr-bhileagan a tha rudeigin luideagach. Canaidh daoine ragged robin ris ann am Beurla. A’ Chaorag
Lèana. Tha an t-ainm Gàidhlig a’ ciallachadh “little spark of the meadow”. ’S e an dath as coireach ri sin, chanainn – agus gu bheil e a’ fàs air
lèanan. Agus ’s e an dath as coireach gu bheil sinn a’ gabhail caor air na dearcan dearga a tha a’ fàs air an “rowan tree” – no craobh chaorainn.
Co-dhiù, cha deach mi a dh’Uibhist airson na flùraichean fhaicinn, ged a bha iad brèagha dha-rìreabh. Chaidh mi ann airson pàirt a ghabhail anns an fhèis
bhliadhnail ris an canar “Ceòlas”. Tha Ceòlas air a bhith ann airson deich bliadhna a-nise, agus ’s ann bho neart gu neart a tha i a’ dol.
Tha an fhèis stèidhichte air ceithir rudan gu h-àraidh – ceòl, seinn, danns agus a’ Ghàidhlig. Uaireannan tron t-seachdain bidh a h-uile rud sin a’ tighinn
còmhla, agus dannsairean a’ gabhail cheumannan air an ùrlar fhad ’s a tha daoine a’ seinn òrain Ghàidhlig agus daoine eile a’ cluich ionnstramaidean mar an
fhidheall is a’ phìob.
Bha mi a’ moladh Ceòlas do charaid dhomh air tìr-mòr
, às dèidh dhomh tilleadh dhachaigh. Agus bha mi cuideachd ag innse dha cho math ’s a bha muinntir Uibhist a Deas fhèin a thaobh ceòl is danns – gu
h-àraidh le bhith a’ dannsadh na quadrilles. “Tha fios a’m,” thuirt e. “Tha ceòl annta. Bha mi a-riamh a’ mothachadh sin aig na cèilidhean
Gàidhealach ann an Glaschu. An coimeas rinn fhèin, bha na h-Uibhistich air leth aotrom air an casan.”
’S e sluagh eile a tha air an aon dòigh muinntir Cheap Bhreatainn ann an Canada. Agus nuair a chaidh Ceòlas a chur air chois, rinneadh ceangal eadar
Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn – ceangal a tha ann fhathast. Tha an-còmhnaidh feadhainn ann à Ceap Breatainn a tha a’ teagasg na fìdhle no dannsa-ceum.
Bha mi fhìn ann an clas seinn cuide ri tè de na seinneadairean Gàidhlig às fheàrr a th’ ann an-diugh. Bha an clas sònraichte math. Am measg nan òran a
dh’ionnsaich sinn bha fear car aotrom mu dheidhinn banais nach robh uabhasach soirbheachail. Tuigidh sibh mar a bha gnothaichean aig a’ bhanais bhon dà
loidhne mu dheireadh: “Dh’olc no èiginn fhuair mi [a] leagail, ’s bhuail mi breab san tòin air.”
Co-dhiù, bha sinn a’ beachdachadh air cò às a bha an t-òran. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar.” Càite a bheil Ciostal, ge-tà?
Cha robh fios aig duine sa chlas. Thuirt cuideigin a bhuineadh do eilean gu deas air Beinn a’ Bhadhla, “Feumaidh gu bheil e ann an Uibhist a Tuath oir ’s
ann mar sin a tha cuid de na bainnsean an sin!” Tha mi a’ smaoineachadh gun robh i ri fealla-dhà. Agus cha chreidinn fhìn facal dheth.
’S ann mar sin a bha a’ chùis gus an robh mi a’ dràibheadh dhachaigh. Anns an Eilean Sgitheanach eadar Ùige is Port Rìgh, chunnaic mi soidhne rathaid air
an robh “Ciostal”. Airson tiotan bha m’ inntinn air ais ann an Uibhist, am measg ghuthan binn is flùraichean a’ mhachaire.