FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fair Farquhar's dog (1) Cù Fhearchair Bhàin (1)

Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir

Audio is playing in pop-over.

Cù Fhearchair Bhàin (1)

Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Cha robh comas aca èirigh. Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil mic Rìgh Innis Tìle. Bha Oscar is Laoghaire a’ feitheamh ris na mic. Bha iad a’ feitheamh aig beul na h-abhainn aig dol fodha na grèine.

Thàinig sluagh mòr. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Ach chan fhaca iad clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra dhol air ais gu beul na h-abhainn air an oidhche sin. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn an-dràsta,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic Oscar duine fuathasach mòr, agus ceithir làmhan air. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. Rinn an iolaire air Oscar. Thog Oscar an coire. Thaom e air an eun e. Thug an iolaire sgreuch aiste. Chaidh i tron bhalla. Chan fhacas a-rithist i. Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire le biadh airson Fionn is a chompanaich.

Aig dol fodha na grèine bha Oscar is Laoghaire aig beul na h-abhainn. Chunnaic iad sluagh mòr a’ tighinn. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Thill iad gu Fionn. Dh’innis iad do Fhionn nach tàinig clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra tilleadh gu beul na h-abhainn an ath oidhche. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic iad duine air an robh dà cheann agus ceithir làmhan. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. Ach nuair a chaidh Oscar a-staigh, cha robh duine ann. Na àite bha Beithir Mhòr Sgiathach.

Tharraing Oscar sleagh. Chuir e an t-sleagh tron Bheithir. Nuair a tharraing e an t-sleagh a-mach, chaidh a’ Bheithir à sealladh.

Chaidh Oscar is Laoghaire air ais gu Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Bha biadh aca do Fhionn is a dhaoine. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Bidh an fhuil agad a-nochd.” Agus cluinnidh sibh deireadh na sgeulachd an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 96 An Litir Bheag 96 An Litir Bheag 98 An Litir Bheag 98

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!