FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe (2)

Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir

Audio is playing in pop-over.

Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe (2)

Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe gun chomas èirigh. Cha robh nì air bith a dh’fhuasgladh iad ach fuil triùir chloinne Rìgh Innis Tìle air a sìoladh tro amalan airgid ann an cupaichean òir. Bha Oscar is Laoghaire a’ feitheamh ris an triùir aig beul-atha na h-abhainn aig dol fodha na grèine.

Thàinig sluagh mòr. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra is cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Dh’innis iad do Fhionn na thachair agus nach fhac’ iad clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra dhol air ais gu beula-atha na h-abhainn a-rithist air an oidhche sin. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn an-dràsta,” arsa Fionn.

Ràinig an dà laoch an Taigh Mòr. Nuair a fhuair Oscar sealladh air taigh na còcaireachd, chunnaic e duine fuathasach mòr, agus ceithir làmhan air, a’ togail na feòla às a’ choire. Chaidh Oscar a-staigh ach cha robh an duine a-nise ri fhaicinn. Thug e sùil mun cuairt agus chunnaic e iolaire mhòr a’ dol a thilgeil ugh air. Thog Oscar a sgiath eadar e fhèin is an t-ugh, ach chuir am buille air a leth-ghlùn e làimh ris a’ choire. Rinn an iolaire air. Thog Oscar an coire. Thaom e air ceann an eòin e. Thug an iolaire sgreuch fuathasach aiste, chaidh i tron bhalla agus cha robh an ath shealladh aig Oscar dhith. An uair sin, dh’fhalbh Oscar is Laoghaire le biadh airson Fionn is a chompanaich.

Aig dol fodha na grèine bha Oscar is Laoghaire a’ feitheamh aig beul-atha na h-abhainn. Chunnaic iad sluagh mòr a’ tighinn. Nuair a thàinig iad am fagas, ghlaodh iad, “Cò an dà luidealach mhòr mhì-sgiamhach a tha an siud nan seasamh anns an anmoch? Cò air bith iad, tha an t-àm dhaibh a bhith a’ gabhail an eagail.”

“Dà thrian d’ ur n-eagal a bhith oirbh fhèin, ach trian bheag dheth a bhith oirnn,” thuirt Oscar. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra is cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Thill iad agus dh’innis iad do Fhionn nach tàinig clann an Rìgh fhathast. Dh’iarr Fionn orra tilleadh gu beul-atha na h-abhainn a-rithist an ath oidhche. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar air thoiseach don Taigh Mhòr. Bha e a’ gleidheadh a shùil gu math biorach, feuch cò bhiodh ann an taigh na còcaireachd an latha seo. Nuair a fhuair e sealladh air, chunnaic e duine eireachdail, calma air an robh dà cheann agus ceithir làmhan, a’ togail na feòla às a’ choire. Ach nuair a chaidh e a-staigh, cha robh duine ri fhaicinn. Na àite bha Beithir Mhòr Sgiathach, agus dà cheann nathrach oirre, na seasamh air an ùrlar.

Chagair Oscar ri Laoghaire, “Dèan thus’ air a’ bhiadh is nì mis’ air a’ Bheithir.” Thog e a sgiath agus tharraing e a shleagh. Le aon sàthadh chuir e an t-sleagh tro aon cheann, agus pìos dhith tron cheann eile aig a’ Bheithir. Nuair a tharraing Oscar an t-sleagh a-mach às a’ Bheithir, chaidh i à sealladh.

Chaidh Oscar is Laoghaire air ais gu Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe leis a’ bhiadh do Fhionn is a dhaoine. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Biodh d’ amalan agus do chupaichean leat a-nochd.” Ach am bitheadh ann an dha-rìribh? Dèanaibh cinnteach gum bi sibh san èisteachd an ath-sheachdain nuair a thig an sgeulachd gu ceann.

Litir 400 Litir 400 Litir 402 Litir 402

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!